SUMMARY: The damage and trauma caused to individuals, communities, and nations by cruel economic and immigration policies last far longer than the political careers of those who implement them. People continue to die in Scotland as a direct result of Thatcher’s policies. In the States, Trump’s racist rhetoric and concentration camps cause harm and pain that will outlast even his reign.  

GLOSSARY: drugaichean – drugs

tràillean-dhrugaichean – drug addicts

campaichean-dùmhlachaidh – concentration camps

Thàinig an aon bheachd thugam iomadh uair an t-seachdain seo chaidh: shaoil mi gun robh sinn air adhartas nas motha a dhèanamh thar nam bliadhna. Is mi a bha ceàrr.

Thàinig e a-steach orm anns a’ chiad dol a-mach is mi a’ leughadh mu dhèidhinn na h-àireamhan eagalach de dh’Albannaich a fhuair bàs an-uiridh air sgàth ’s gabhail dhrugaichean.

Chan b’ e na poileasaidhean co-cheangailte ri drugaichean a-mhàin a dh’adhbharaich am fàs seo. B’ ann eadar 35 agus 54 bliadhna a dh’aois a bha dà às gach trì dhaibhsan a dh’eug air sgàth ’s dhrugaichean an-uiridh. Ghabh cuid dhiubh drugaichean fad deicheadan, le cnap mòr dhiubh nam ball den ghinealach anns an robh fàs mòr den chleachdadh sin anns na 1980an.

Dhearbh aithisg NHS Health Scotland ann an 2017 gun do dh’adhbhraich na poileasaidhean riaghaltais Thatcher anns na 1980an àrdachadh anns na h-ìrean de dhaoine a thòisich drugaichean a ghabhail an uair sin, agus a lean orra fad deicheadan.

Ged a chaidh Thatcher a shadail às a dreuchd aig tòiseach nan 90an, tha sinn fhathast a’ fulang air sgàth ’s nam poileasaidhean aice. Agus thug sin orm beachdachadh air stàit poileataigs anns an latha an-diugh, an dà chuid ann am Bhreatainn – far a bheil teans gun toir Brexit buaidh nas miosa fiù ’s na thug Thatcher oirnn - ach cuideachd anns na Stàitean Aonaichte.

Bha eagal orm nuair a thaghadh Trump mar cheann-suidhe gum bheireadh e buaidh uabhasach air an dùthaich sin agus mar-thà tha sin air tachairt. Ged nach e deachdaire a th’ ann, fhathast, mar-thà tha e air stiùireadh an dùthaich air fad sìos slighe gu math dorcha.

Air feadh nan Stàitean, tha campaichean far an tèid fireannaich, boireannaich agus clann òga an glasadh airson feuchainn air teicheadh bho shuidheachaidhean cunnartach anns na dùthchannan aca fhèin.

Thar nam mìosan nochd iomadh sgeòil mu dhèidhinn cho grod is cunnartach is a tha na campaichean seo. Clann air an sgaradh bhon phàrantan. Dusanan fhireannaich glaiste ann an aon chèidse. Chunnacas neach-lagha a feuchainn ri ràdh, as leth ùghdarrasan nan campaichean, nach fheum iad bruisean-fhiaclan no plangaidean a thoirt seachad dha na truaghanan a tha fo ghreim aca. Mar-thà am bliadhna dh’eug seachdnar cloinn anns na campaichean seo, no greiseag às dèidh dhaibh am fàgail.

Tha buidhnean de luchd-iomairt Iùdhach – Never Again Action - air campaichean-dùmhlachaidh a thoirt orra, agus air iomairt a thogail a’ feuchainn gus na campaichean seo a dhùineadh. Tha eòlas aig na Iùdhaich òga seo an eachdraidh aca fhèin agus tha iad ag aithneachadh campaichean-dùmhlachaidh, ged nach aideachadh an riaghaltas gur e sin a th’ annta.

Tha cuid beò fhathast, leithid an cleasaiche George Takei, a chaidh an sadail ann an campaichean eile anns na Stàitean, ri linn an Dàrna Chogaidh, air sgàth ’s gun buineadh iad ri teaghlaichean Iapanach. Chan e rud ùr a th’ ann, agus, ann an dòigh, ’s e sin an rud as miosa mu dhèidhinn: bha mi an dùil gun robh sinn air adhartas a bharrachd a dhèanamh.

Agus fad an t-siubhail an t-seachdain seo chaidh, lean sinn an connspaid as ùire a chruthaich Trump, le bhith a’ cleachdadh cànain a tha, gun teagamh sam bith, gràin-cinnidheach, ag ràdh gum bu chòir do cheithir buill de Taigh nan Riochdairean “tilleadh dhachaigh” ged ’s ann sna Stàitean a rugadh trì dhiubh.

Ann an 2019, chan eil feum sam bith ann am magadh Trump. Nan cuireadh magadh bacadh sam bith air, cha bhiodh e air shoirbheachadh ann an 2016. Bhiodh thu a cheart cho math feuchainn ri stad a chuir air Hitler le bhith cur sìos air a stais.

Tha cleachdaidhean agus modhan poileataigeach cudromach ann an deamocrasaidh sam bith agus tha Trump air an atharrachadh. Tha e air gràin agus fòirneart a cheadachadh agus a bhrosnachadh ann an dòighean eagalach.

Bha cuid a-riamh a’ gabhail ri beachdan agus cleachdaidhean gràin-chinnidheach anns na Stàitean. Tha gach mac màthar dhiubh air spionnadh fhaighinn bho Thrump. Tha iad a’ creidsinn gu bheil an ceann-suidhe fhèin ag aontachadh leotha. Agus cò chanadh gu bheil iad ceàrr?

Agus fiù ’s mura bhuannaich Trump ann an 2020, tha e air soirbheachadh ann an atharrachadh buan a thoirt air poileataigs agus am pàrtaidh aige. Cha till leithid McCain no Romney. Cò bhiodh airson an eisimpleirean acasan a leantainn, leis nach do bhuannaich iad?

Agus ’s e seo cnag na cùise: fiù ’s nan cuireadh Trump an greim a-màireach agus nan dèanadh às le ICE agus na campaichean aca, fhathast bhiodh an cron a rinn iad a’ leantainn air adhart fada às an dèidh, dìreach mar a tha poileasaidhean Thatcher fhathast a’ marbhadh tràillean-dhrugaichean ann an 2019.

Tha e soilleir gur ann a’ strì as leth ar cloinn is ar n-oghaichean a tha sinn nuair a thogas sinn iomairt mu dhèidhinn na h-àrainneachd agus blàthachadh na cruinne. Tha an t-àm ann aithneachadh gu bheil buaidh a cheart cho leantainneach aig poileasaidhean eagonomaigeach agus in-imriche oirnn thar nan ginealach.