THA sinn air ar cuairteachadh le ceòl – cluinnidh sinn e ann am bùthan, èistidh sinn ri ceòl fhad ‘s a tha sinn a’ coiseachd neo a’ dràibheadh dhan obair, neo bidh sinn a’ cluich ionnsramaidean airson tlachd – tha ceòl aig cridhe ar beatha. A dh’aindeoin sin, chaidh aithris an t-seachdainsa gu bheil solarachadh ciùil air crìonadh 21% anns na còig bliadhnaichean mu dheireadh ann an Sasainn. ‘S e figear sgriosail a tha seo, is tha Alba ann an cunnart a dhol air an aon dòigh, le ceithir chomhairlean air cosgaisean ùra air leasanan-ciùil san sgoil a chur an gnìomh, agus ochd eile air na cosgaisean sin àrdachadh bho 2016. Tha mi fhìn a’ faireachdainn gu math fortanach gun tèid agam air beagan de bheòshlàinte a dhèanamh a-mach à rud a tha a’ còrdadh rium cho math, ach chan eil a h-uile duine eile cho fortanach ‘s gun tèid aca air cumail orra le ionnsramaid a tha a’ còrdadh riutha dhan ìre-sa, fiù ‘s ma tha iad air a shon. ‘S ann air sgàth ghearraidhean agus cion-airgid a tha seo, agus chan e coire na cloinne a th’ ann idir.

Thòisich mi air leasanan air a’ bhocsa-ciùil nuair a bha mi anns a’ chiad bhliadhna san àrd-sgoil, agus chùm mi orm gus an do dh’fhàg mi an sgoil. Bha cuid ann, ged tà, a thòisich air ionnsramaidean ach nach b’ urrainn cumail orra, air sgàth ‘s gun robh e ro dhaor dha am pàrantan. Tha prìsean air àrdachadh bhon a bha mi fhìn san sgoil, gun teagamh, ach tha an uidhir de cheòl a gheibhear, anns a’ bhun-sgoil co-dhiù, air lùghdachadh. Tha seo a’ ciallachadh nach bi clann òg a’ faighinn eòlas bunaiteach air ceòl mar bu chòir. Cha bhi iad a’ faighinn cothrom cluich le, agus feuchainn air, ionnsramaidean eadar-dhealaichte gach seachdain sa bhun-sgoil – dè thogadh an cuid ùidh nuair a ruigeas iad an àrd-sgoil?

Tha eagal orm, mura cuir sinn stad air na gearraidhean agus air àrdachadh prìsein, gun dèan seo cron mòr air ar cultar – chan eil mi a-mach air cèol Gàidhlig a-mhàin, ach ceòl sam bith bho shimphnidhean gu ruidhlean. Nuair a tha airgead a dhìth, ‘s iad na gnothaichean cultarail an-còmhnaidh a thèid a chur às sa chiad dol a-mach.

Bidh mi fhìn ag oideachadh còisir do dheugairean a tha air a ruith leis a’ chomhairle – bha mi fhìn an sàs ann tron àrd-sgoile. An uairsin, bhiodh aon uair deug againn còmhla thairis air dà latha air deireadh-sheachdain gach mìos tron teirm gus deasachadh airson dà chuirm sa bhliadhna. A-nis, às dèidh ghearraidhean, chan fhaigh a’ chlann ach seachd uairean còmhla air aon latha sa mhìos, ‘s iad cho sgìth às dèidh dhaibh siubhal air a’ mhadainn sin fhèin às gach ceàrn dhen Ghàidhealtachd. Tha seo tàmailteach dhaibh – b’ e am buidheann seo fhèin a thog m’ ùidh gu ceart ann an seinn, agus a thug taic dhomh a thaobh a bhith a’ cruthachadh co-sheirmean, a bhith a’ coinneachadh ri caraidean ùra coltach rium fhèin, agus a chuidich mi gu mòr a thaobh misneachd.

Chaidh mòran rannsachaidh a dhèanamh thar nam bliadhnaichean air cho math ‘s a tha comas ann an inneal-ciùil do dhaoine òga: cuidichidh e a thaobh leasachadh eanchainne, ach cuideachd a thaobh misneachd, fèin-smachd agus sgilean-gluasaid.

Dhomhsa dheth, ge b’ e ciamar a tha cùisean a’ dol dhomh ann an roinnean eile dhe mo bheatha, bidh seinn a’ toirt togail dhomh. Aig àm far a bheil an uidhir de dhaoine òga a’ fulang le trioblaidean-inntinn, bu chòir dhuinn luach a chur anns na h-ealain mar dhòigh air cuideachadh leis na trioblaidean a tha seo.

Mar a thuirt Geoff Taylor, a tha os cionn na buidhne BPI, a bhios a’ brosnachadh ceòl Bhreatainneach, às aonais taic ann an sgoiltean na stàite, tha deagh sheans ann nach biomaid eòlach air luchd-ciùil a leithid Adele, Stormzy neo Ceòladair Òg na Bliadhna a’ BhBC 2016, Sheku Kanneh-Mason – math dh’fhaoidte nach biodh e air a bhith comasach dhaibh cumail orra len cuid chiùil às aonais taic bho an cuid sgoiltean agus bho na coimhearsnachdan aca fhèin.

Bu chòir do cheòl a bhith fosgailte do dhuine sam bith – cha bu chòir dha a bhith gu diofar dè an uidhir de dh’airgead a th’ aig am pàrantan. Aig a’ char as lugha, bu chòir do dh’fhoghlam ciùil bunaiteach a bhith aig gach pàiste san dùthaich sa bhun-sgoil, agus bu chòir gum bi buidhnean ann a bhrosnachas an cuid sgilean nuair a thig iad gu bhith nan deugairean.

Chan fheumar stad aig a sin – bidh comas-ciùil na chuideachadh ann an iomadh dòigh rè ar beatha. Tha an àireamh de chlann a bhios a’ togail ionnsramaid-ciùil air leudachadh 22% am measg chomhairlean a bhios a’ tabhainn leasanan-ciùil an-asgaidh – bheir dhan ath ghinealach na tha iad a’ sireadh.