’S E sgeul còig reifreann a th’ ann an sgeul na strìthe airson neo-eisimeileachd ann an Alba. Chaidh ceithir dhiubh a chumail mar-thà – ann an 1979, 1997, 2014 agus 2016. Tha mi an dòchas gun tèid an còigeamh a chumail cho luath ’s as urrainn dhuinn, oir cha bhi feum againn air fear eile.

Chomharrachadh dà fhichead bhliadhna on a’ chiad reifreann anns an t-sreath sin am bliadhna-sa. An turas sin, ged a bhòt a’ mhòr-chuid airson pàrlamaid no co-dhiù seanadh Albannach, dhiùlt Westminster toirt dhuinn e air sgàth ’s riaghailt neo-dheamocratach a chur BP Albannach bhon Phàrtaidh Làbarach ri bile an reifreinn.

Bha againn ri fheitheamh gu 1997 gus dearbhadh gun robh sinn fhathast ag iarraidh na dh’iarr muinntir na h-Alba ann an 1979. Chan e rud foirfe a th’ ann am Pàrlamaid na h-Alba, ach chan urrainn dhomh creidsinn gum biodh e air Alba fhàgail ann an staid nas miosa na dh’fhàg Thatcher sinn.

Thàinig e am follais an t-seachdain-sa, ann am prògram-aithriseach ùr mu dhèidhinn an reifreinn an 2014, gun robh cuid ann an riaghaltas Tony Blair airson reifreann a chumail air neo-eisimeileachd ann an 2008.

Abair ’s gum biodh reifreann ann an 2008 air a bhith gu math eadar-dhealaichte an coimeas ris na thachair ann an 2014. Cha robh am Pàrtaidh Nàiseanta ach air bliadhna a chur seachad os cionn Riaghaltas na h-Alba, agus cha bhiodh cothrom aca an uiread de dheasachaidh a dhèanamh airson a leithid. ’S ann an teas-meadhain staing an ionmhais a bha sinn cuideachd, le seansalair agus an uair sin Prìomh Mhinisteir Albannach aig a’ stiùir ann an Westminster.

Cha bhiodh na bliadhnaichean air a bhith againn ro làimh gus na buidhnean Yes a stèidheachadh, agus cha bhiodh an urrad de ghoireasan air-loidhne is a bh’ againn ann an 2014, gus airgead a thogail, tachartasan a shanasachd is mar sin air adhart.

Anns an t-suidheachadh sin, cha chreid mi gum biodh sinn air 45% den bhòt a chosnadh. Ach fhathast, bhiodh sinn ann an suidheachadh car coltach ris an latha an-diugh, agus mòran ag iarraidh cothrom eile bhòtadh air neo-eisimeileachd, air sgàth ’s na thachair anns an reifreann Bhrexit ann an 2016. Agus a-nis, tha reifreann eile air neo-eisimeileachd air faire. An ceann beagan sheachdainean, cuiridh mi geall, feuchaidh Riaghaltas na h-Alba ri toirt air Westminster fear eile a cheadachadh. Agus tha mi a’ cheart cho cinnteach nach ceadaich riaghaltas Theresa May a leithid.

Chaidh a leithid a dhearbhadh an t-seachdain-sa chaidh, leis na thuirt iomadh ball den chaibineit aice. Ach tha an Rìoghachd Aonaichte ann an staing uabhasach agus fiù ’s ma mhaireas riaghaltas Theresa May bliadhna eile, cha mhair i gu bhràth.

Chan eil duine ann an Riaghaltas na h-Alba airson eisimpleir Chatalòinia leantainn, agus mar sin, bidh sinn a’ feitheamh airson cead bho Westminster airson reifreann eile. Chan urrainn dhaibh sin a dhiùltadh dhuinn gu sìorraidh.

Agus cho luath ’s a gheibh sinn an cothrom sin, tha feum againn soirbheachadh. Tha sinn ann an suidheachadh fada nas làidire an coimeas ri 2014 airson iomadh adhbhar a bharrachd air Brexit a-mhàin. Ann an 2014 bha coltas stòlda agus sàbhailte air an Rìoghachd Aonaichte; chan eil an-diugh agus cha bhi fad deicheadan.

Mar-thà, tha iomadh guth ùr ri cluinntinn, a tha a-nis a’ moladh neo-eisimeileachd. Thuigeadh duine sam bith a tha air Brexit leantainn carson a bhiodh sinn airson na Rìoghachd Aonaichte fhàgail, fianais nach robh aca ann an 2014.

Am measg nan guthan ùra seo, tha cuid dhiubh-san ann an Alba a bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd an turas mu dheireadh, agus cuid anns a’ chòrr den Rìoghachd Aonaichte, agus a’ chòrr den Roinn Eòrpa cuideachd ma dh’fhaoidte, a dh’fhan nan tost ann an 2014. Chuala sinn Prìomhaire Innis Tìle ag aideachadh gum b’ urrainn dhuinn a bhith nar dùthaich soirbheachail agus neo-eisimeileach. Cha chreid mi gum bi ise na h-aonar an greis ro fhada. Tha staid nam pàrtaidhean eile cudromach cuideachd. Ann an 2014, cha bhiodh an iomairt Better Together air soirbheachadh as aonais a’ Phàrtaidh Làbaraich. An-diugh chan eil e comasach creidsinn gum biodh am pàrtaidh sin deònach seasamh còmhla ri chèile air an aon àrd-ùrlar, le cho sgaraichte is a tha iad fo stiùir chugallach Richard Leonard.

Tha Tòraidhean na h-Alba air dearbhadh nach eil iad deònach no comasach gnìomhachasan is prìomhachasan na h-Alba an dìon, fiù ’s nuair a tha riaghaltas Westminster a’ crochadh air na bhòtaichean aca. Agus chan eil cumhachd, no fiù ’s ballrachd cha mhòr, air fhàgail aig na Libearalaich Dheamocratach, a bha fhathast pàirt den riaghaltas ann an 2014.

Tha na guthan a’ fàs nas àirde agus nas àirde agus chan urrainn do Westminster stad a chur oirnn gu sìorraidh. Gheibh sinn reifreann eile, agus ’s ann an uair sin a gheibh sinn ar neo-eisimeileachd a-rithist.

SUMMARY
THE story of Scotland’s journey to independence is already the story of four referendums – two on devolution, indyref and Brexit. The fifth referendum will be called soon, and just as soon denied by a UK Government on its last legs. But the longer they deny us a say, the stronger our argument becomes.

GLOSSARY
Seanadh – assembly
Innis Tìle – Iceland
Staing an ionmhais – the financial crisis