THA Vatharraichean mòra air faire do na meadhanan-sòisealta a bhios sinn a’ cleachdadh bho latha gu latha, gu h-àraid Instagram agus Facebook, às dèidh an naidheachd mu Molly Russell, tè ceithir bliadhn’ deug a dh’aois a chur làmh na beatha fhèin ann an 2017. Tha a h-athair a-nis air a ràdh gun do ghabh Instagram pàirt mhòr ann a bhith a’ toirt oirre a beatha a chrìochnachadh, seach ’s gun robh i a’ leantainn cunntasan agus tagaichean hais air an robh stuth buntainneach ri fèin-aimhleis agus fèin-mhurt.

Fhuair iad lorg air an stuth seo às dèidh dhi caochladh, agus tha iad a-nis airson rabhadh a thoirt do phàrantan eile mun bhuaidh a dh’fhaodadh na tha an cuid chloinne a’ faicinn air am fònaichean a thoirt orra.

Tha làn fhios againn uile cho fighte ’s a tha na meadhanan-sòisealta nar beathannan bho latha gu latha, agus anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh, tha appaichean a leithid Instagram air an dòigh a bhios sinn gan cleachdadh atharrachadh gu tur. Tha sinn daonnan airson an dreach as fheàrr dhinn fhèin (neo an dreach air a bheil sinn ag amas) a chur air adhart air na meadhanan seo, gu h-àraid Instagram, far a bheil coltas gleansach, glàmarach air duilleag-dhachaigh a h-uile neach. Tha e coltach gum bi timcheall air dà cheud sgoilearan ann am Breatainn a’ cur làmh nam beathannan fhèin gach bliadhna – figear fìor eagalach a tha sin – agus chan eil rian nach eil làmh eile aig a’ chuideam a tha oirnn an dreach as fheàrr dhinn a chur air adhart anns an leithid.

Tha na meadhanan-sòisealta a-nis làn dhealbhan de rionnagan ainmeil (agus fiù ’s daoine àbhaisteach) air a bheil aodach spaideil is maise-gnùis bhreàgha anns a h-uile dealbh, agus mi fhìn an-seo le craiceann cho tioram ’s a ghabhas agus peitean mòra, robach orm. Tha sinn a’ miannachadh a bhith coltach riutha ach, mar is trice, chan eil iadsan fiù ’s coltach ris na dealbhan gu fìrinneach – tha e doirbh cuimhne a chumail air sin, ged-tà.

Bidh mi fhìn a’ cleachdadh Instagram gu làitheil – feumaidh mi ràdh gur h-i an app as fheàrr leam a thaobh nam meadhanan-sòisealta. Ach tha mo dhuilleag-dhachaigh-sa làn dhaoine gleansach agus leòmach a’ coimhead, le obraichean spaideil.

Ged a bhios mi air a h-uile latha, chan eil mi riamh air mòran dhen leithid a bha Molly a’ leantainn fhaicinn, ach ’s ann air sgàth na h-algairimean a bhios làraichean-lìn agus appaichean dhen leithid a’ cleachdadh a tha seo. Ma nì mi sgrùdadh airson dealbhan de sheallaidhean breàgha, bheir e dhomh an uairsin barrachd mholaidhean air cunntasan agus tagaichean hais a dh’fhaodainn leantainn gus barrachd sheallaidhean breàgha fhaicinn.

Ma nì mi sgrùdadh airson ‘trom-inntinn’ neo rudeigin dhen t-seòrsa, obraichidh e san aon dòigh: bheir e dhomh dealbhan buntainneach ri trioblaidean-inntinn agus rudan a dh’fhaodadh a bhith na thrigear do chuid gun teagamh sam bith. Uill, cha mhòr gum bi iad ag obair san aon dòigh: bidh priob-uinneag a’ nochdadh air cuid de na tagaichean hais air Instagram ag ràdh gu bheil iad mothachail às gum faod an taga hais seo dragh adhbhrachadh do chuid.

Faodaidh tu an uairsin roghainn a dhèanamh eadar putan a bhruthadh gus taic fhaighinn, neo na postaichean fhaicinn a dh’aindeoin an rabhaidh. Tha mi a’ creidsinn gum bruthadh a’ mhòr chuid de dheugairean a bha a’ faireachdainn ìosal anns a’ mhionaid sin air a’ phutan a leigeas leotha na postaichean fhaicinn co-dhiù.

Tha Instagram air innse nach eil iad air cur às do thagaichean hais dhen leithid gu ruige seo air sgàth ’s gu bheil iad nan cuideachadh do chuid ann a bhith a’ sireadh taic, neo ann a bhith a’ faireachdainn gu bheil buidheann-taic aca a tha a’ faireachdainn san aon dòigh; nach eil iad leotha fhèin gu buileach glan. ’S e cùis gu math toinnte a th’ ann – an cuir sinn às do na tagaichean hais seo, neo a bheil dòigh nas fheàrr ann taic a thabhainn tron app na priob-uinneag bheag? Thug mi sùil air cuid de na tagaichean hais a tha fo sgrùdadh, agus feumaidh mi ràdh gu bheil tòrr phostaichean deimhinneach nan lùib: daoine a’ tabhainn taic do dhaoine eile agus ag innse dhaibh gu bheil e ceart gu leòr gu bheil iad a’ faireachdainn ìosal aig an ìre-sa.

Ach, tha cuideachd postaichean nan lùib a dh’fhaodadh droch bheachdan adhbhrachadh ann an inntinnean cuid, agus chanainn-sa gum biodh na postaichean seo na bu chumhachdaile buileach nan fheadhainn deimhinneach, taiceil.

Ged a tha mi a’ tuigsinn na tha Instagram air feuchainn ri dhèanamh ann a bhith gan cumail, saoilidh mi gu bheil an t-àm ann cuidhteas fhaighinn dhiubh, neo co-dhiù tòiseachadh air sùil gheur, gheur a chumail orra gus cuidhteas fhaighinn de stuth a dh’fhaodadh cron adhbhrachadh, gus daoine so-leònte a dhìon agus gus beathannan a shàbhaladh.

SUMMARY:
It’s time that social media apps such as Instagram took more responsibility for the potentially harmful content they allow on their platforms – they could save lives.

GLOSSARY:
Taga hais – Hashtag

Fèin-aimhleis – Self-harm

Algairimean – Algorithms

Priob-uinneag – Pop-up