’S dòcha gu bheil e doirbh a chreidsinn ach bha cothrom aig Theresa May nuair a ghabh i dreuchd a’ Phrìomhaire a bhith a’ neartachadh as ùr an t-aonadh eadar Alba agus an Rìoghachd Aonaichte.
Ach uair agus a-rithist, tha ceannard nan Tòraidhean air slighe a leantainn a tha air cliù an aonaidh a mhilleadh fiù ’s ann am beachdan iadsan a tha taiceil ris. ’S ann tric gu leòr a bhios i a-mach air cho cudromach is a tha an t-aonadh sin dhith, ach cha do rinn i dad ach cron air thar an dà bhliadhna seo seachad.
Bha e soilleir, dhan t-saoghail air fad, gun robh Daibhidh Camshron air mearachdan a dhèanamh a’ dèiligeadh ri Alba, am measg iomadh rud eile feumar aideachadh. Bhuannaich an riaghaltas aige an reifreann air neo-eisimeileachd ach is daor a cheannaich iad e.
Thug e togail dhomh, mar fhear a tha taiceil do neo-eisimeileachd, air madainn an 19mh den t-Sultain 2014 èisteachd ri Daibhidh Camshron is e a-mach air “Bhòtaichean Sasannach airson Laghan Sasannach”. Dhearbh e sa bhad nach robh ùidh a’ chòin aige ionnsachadh carson a bha 45% de dh’Alba airson an aonaidh fhàgail.
Feumaidh ’s gun do chuir sin a’ chaise air iadsan a bha air iomairt còmhla ris, gu h-àraid ann am Pàrtaidh Làbarach na h-Alba, is iad a’ cluinntinn sinn. Dè shaoileadh tu bho each ach breab ge-tà? Nuair a cheadaich Westminster an reifreann sin, bha Camshron cho cinnteach, dìreach mar a bha e dà bhliadhna o shin, gun shoirbheachadh leis, gun trioblaidean sam bith. Agus cha do dh’ionnsaich e sìon bhon reifreann sin.
Ann an dòighean ’s dòcha gur e an reifreann ann an 2011 air an t-siostam bhòtaidh an rud a bu mhotha a thug buaidh air ro-innleachd poilitigeach a’ Chamshronaich. Chleachd e reifreann airson làmh an uachdair fhaighinn thairis air na Libearalaich Dheamocratach a bha ann an co-bhann leis, agus shoirbhich leis. Ach bhon àm sin a-mach, b’ e reifreann an cleas a b’ fheàrr leis.
Cha deach ach aon reifreann air feadh na Rìoghachd Aonaichte gu lèir a chumail ro linn a’ Chamshronaich – ann an 1975 air an EEC. Chur esan air dòigh dà dhiubh ann an sia bliadhna. Nan robh an riaghaltas air shoirbheachadh ann an 2016, cha chuireadh e idir iongnadh orm nan robh reifreann air choireigin eile air faire is Camshron fhathast airson buannachadh uair eile.
Ann an dòigh, chaill e an reifreann Bhrexit cho luath ’s a thug e seachad an òraid ud air 19mh den t-Sultain 2014, oir cha b’ ann do mhuinntir na h-Alba a-mhàin a bha e a’ bruidhinn. Thuirt e fhèin gun robh còir aig muinntir Shasainn an guthan a thogail. Agus cò chanadh an-diugh nach do rinn iad an dearbh rud a dh’iarr e orra?
Cha robh còir aig Theresa May leantainn na mearachdan a rinn Camshron. Thug Riaghaltas na h-Alba beachdan agus molaidhean dhi uair agus a-rithist air dè sheòrsa Bhrexit a b’ urrainn dhaibh ceadachadh, leis nach robh muinntir na h-Alba air taic a’ thoirt dha aig ìre idir coltach ris a’ chòrr de Bhreatainn.
Cuideachd, b’ urrainn dhi Alba, agus Èirinn a Tuath, an cleachdadh mar leisgeulan airson Brexit nas lugha fhaighinn. B’ urrainn dhi ràdh gun robh an t-aonadh eadar an Rìoghachd Aonaichte cho cudromach is nach robh roghainn aice.
’S e an trioblaid ge-tà gu bheil an t-eagal aice romhpasan a tha airson an t-Aonadh Eòrpach fhàgail agus ’s iad coma dè thachras às dèidh sin. Tha cuid ann, agus tha fios aig a’ Phrìomhaire gu bheil, a bhiodh deònach neo-eisimeileachd a thoirt a dh’Alba agus Èirinn a dh’ath-aonachadh, dìreach gus am faigh iadsan an seòrsa Bhrexit a tha iad ag iarraidh.
Tha cuid ann an Alba a tha deònach, agus taingeil toilichte fiù ’s, Breatainn a’ leantainn air slighe sam bith, ceart no ceàrr. Chan eil iad a’ riochdachadh 55% dhuinn ge-tà. Ann an 2014 b’ e neo-eisimeileachd a bha a’ riochdachadh, ann am beachdan cuid, mi-chinnt is ùpraid. A-nis cò chanadh gu bheil sinn air dad eile fhaighinn o Westminster sna mìosan a dh’fhalbh, agus gun coltas gun atharrachadh sin san àm ri teachd.
Nan robh thu air càr a cheannach a bha air atharrachadh mar a tha an Rìoghachd Aonaichte thar na ceithir bliadhna seo, cha bhiodh thu toilichte leis idir. Cha b’ e seo an dùthaich a dh’iarr oirnn fantainn còmhla rithe. Fiù ’s nan creideadh tu gun robh sinn “Nas fheàrr còmhla” ris an Rìoghachd Aonaichte ann an 2014, chaochail an dùthaich sin agus cha till gu bràth i. Chan eil mi cinnteach dè tha gus tachairt anns na mìosan a tha romhainn agus ’s ann ri breugan a tha neach sam bith a chanas gu bheil.
Ach cha tèid an t-aonadh eadar Alba agus an Rìoghachd Aonaichte ach a’ lagachadh, air sgàth ’s agus fo stiùir iadsan, mar am Prìomhaire, a chanas gu bheil iad airson an aonaidh sin a neartachadh.
SUMMARY:
After indyref, David Cameron chose to play up a sense of grievence felt by some in England, which came back to haunt him when he called his next referendum. The UK that Scotland was asked to remain a member of in 2014 no longer exists and it certainly no longer represents stability or prosperity.
GLOSSARY:
Mearachdan – Mistakes
A’ riochdachadh – Representing
Aideachadh – Admitting
Why are you making commenting on The National only available to subscribers?
We know there are thousands of National readers who want to debate, argue and go back and forth in the comments section of our stories. We’ve got the most informed readers in Scotland, asking each other the big questions about the future of our country.
Unfortunately, though, these important debates are being spoiled by a vocal minority of trolls who aren’t really interested in the issues, try to derail the conversations, register under fake names, and post vile abuse.
So that’s why we’ve decided to make the ability to comment only available to our paying subscribers. That way, all the trolls who post abuse on our website will have to pay if they want to join the debate – and risk a permanent ban from the account that they subscribe with.
The conversation will go back to what it should be about – people who care passionately about the issues, but disagree constructively on what we should do about them. Let’s get that debate started!
Callum Baird, Editor of The National
Comments: Our rules
We want our comments to be a lively and valuable part of our community - a place where readers can debate and engage with the most important local issues. The ability to comment on our stories is a privilege, not a right, however, and that privilege may be withdrawn if it is abused or misused.
Please report any comments that break our rules.
Read the rules here