AN-uiridh, thàinig crìonadh de còrr is 1200 air an àireamh de chlann-sgoile a tha faighinn leasanan ciùil ann an sgoiltean Albannach. Aig an dearbh àm tha barrachd ùghdarrasan ionadail a’ toirt air pàrantan pàigheadh airson nan leasanan airson a’ chiad uair.

Chan fhaigh sgoilearan leasanan ciùil saor a-nis ach ann an dìreach ceithir sgìrean comhairle ann an Alba. Am-bliadhna, thug ceithir comhairlean air pàrantan pàigheadh air an son airson a’ chiad turas, agus thàinig àrdachadh air na cosgaisean anns na sgìre eile far an robh aca ri phàigheadh mar-thà.

Ann an Siorrachd Chlach Mhanann am-bliadhna, dh’èirich na cosgaisean còrr is 100% bho £265.50 gu £524, airson gach sgoilear, gach bliadhna; an ìre as àirde a-riamh airson a leithid. Gheibheadh cuid leasanan prìobhaideach aig ìre na bu shaoire.

Tha buaidh air a bhith aig seo air na cothroman obrach aig tidsearan ciùil cuideachd. Thairis air an deich bliadhna a dh’fhalbh tha lùghdachadh air tighinn air na h-àireamhan a bhios ag obair làn ùine sna sgoiltean bho 1,100 gu 640. Ann an cuid de sgìrean tha lùghdachadh air tighinn air na tha fhàgail de leasanan, le cuid dhiubh dìreach fichead mionaidean de dh’fhaid. Tha am fiosrachadh seo air tighinn am follais tro rannsachadh a tha Comataidh an Fhoghlaim agus Sgilean ga dhèanamh, is iad a’ feuchainn ri dearbhadh gu de cho làidir is a tha an ceangail eadar an àrdachadh ann an cosgaisean agus an lùghdachadh ann an clann a’ gabhail leasanan.

Cha deach aithisg a’ chomataidh fhoillseachadh fhathast ach tha iad mar-thà air an t-uabhas fianaise a chluinntinn mu dhèidhinn an droch bhuaidh a tha air a bhith aig àrdachadh ann an prìs nan leasan.

Cha lean gach pàiste orra ag ionnsachadh agus is cinnteach gu bheil cuid den 1200 sin a bha dìreach air ùidh a chall ann. Ach ma tha fiù ’s aonan dhiubh air stad air sgàth ’s nach eil airgead gu leòr aig na pàrantan aca airson pàigheadh air a shon ’s e cùis-nàire a th’ ann.

Bu chòir is gum bi cothrom aig gach sgoilear ionnsramaid ionnsachadh anns an sgoil ma thogras iad. Chan ann a-mhàin mu dhèidhinn toirt air clann a bhith nan luchd-ciùil proifeasanta a th’ ann. Cha bhi sinn a’ moladh spòrs anns na sgoiltean agus sinn an dùil gum bi gach cluicheadair proifeasanta sin spòrs sin latha air choireigin. Thairis air na bliadhnaichean, tha rannsachadh air dearbhadh gu bheil ionnsachadh ionnsramaid-chiùil a’ toirt iomadh buannachd do chloinn. Tha iad air dhearbhadh gun neartaich e sgilean cànain, cuimhne agus na comasan a th’ aca an aire a chumail air aon rud. Cuideachd, tha e a’ toirt barrachd misneachd agus co-fhaireachdainn dhaibh, dà bheus a tha nan cuideachadh mòr nad bheatha làitheil agus chan ann a-mhàin ann an co-theacs foghlaim. Gu tric, thèid an siostam foghlaim anns An Fhionnlann a mholadh, ach cha chluinnear cho tric mu dhèidhinn cho cudromach is a tha ceòl anns an t-siostam sin. Gheibh a h-uile sgoilear leasanan ciùil anns a’ bhun-sgoil agus tha an cothrom aca leantainn air adhart leotha anns an àrd-sgoil ma thogras iad. Anns An Fhionnlann tha 90 sgoiltean ciùil ann, agus chan eil ach còig ann an Alba, ged a tha mun aon àireamh de shluagh againn.

Tha mise a’ faireachdainn gu làidir mu dhèidhinn a’ chuspair seo, oir fhuair mise leasanan san àrd-sgoil agus airson dà bhliadhna anns a’ bhun-sgoil cuideachd. Is aithne dhomhsa cho cudromach is a tha na buannachdan sin.

Cha do chluich mi an trombòn ach corra uair on a dh’fhàg mi an sgoile ach rinn mi caraidean tro chluich ann am buidhnean a tha fhathast agam. Cuideachd thug e leasachadh mòr air na sgilean sòisealta agam. Anns an àrd-sgoil, bha mi an sàs ann an còmhlan-pìoba, dà chòmhlan-chiùil eile agus orcastra. Cha b’ e sgoil chiùil a bh’ ann, no sgoil prìobhaideach a bh’ ann, dìreach àrd-sgoil ann an Inbhir Nis sna 2000an.

Chluich mi spòrs cuideachd anns an àrd-sgoil, ach gach turas a thachradh mi ri clann bho sgoiltean eile, b’ ann ann an co-theacs co-fharpaiseach a bhiodh e. ’S ann a-mhàin tro chòmhlan a fhuair mi an cothrom coinneachadh ri clann anns na bliadhnaichean eile, agus bho sgoiltean eile.

Tha mi an dòchas, cho luath ’s a dh’fhoillsicheas an comataidh an aithisg aca gun dèan Riaghaltas na h-Alba oidhirp a bharrachd gus foghlaim ciùil an-asgaidh a dhìon, mar a tha iad air dìon foghlaim aig àrd-ìre.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh, uair agus a-rithist, nach eil còir is gun cuireadh gainnead airgid stad air neach comasach sam bith ann an Alba cothrom bhith a’ dol chun oilthighe. ’S e an fhìrinn a th’ aca. Cha bu chòir don foghlam agad, ann an dòigh sam bith, ann an cuspair sam bith agus aig ìre sam bith, a’ crochadh air beartas do theaghlach.

SUMMARY:

The news that children accessing music tuition in Scotland’s schools has dropped by more than 1200 is deeply concerning, especially as local authorities across the country increase fees and reduce availability. The Scottish Government should ensure access to quality music tuition is available to all who want it, not just those who can afford it.

GLOSSARY:

Comataidh an Fhoghlaim agus Sgilean – The Education and Skills Committee Siorrachd Chlach Mhanann – Clackmannanshire
An Fhionnlann - Finland