Bha gìogadh uabhasach orm air an deireadh sheachdain a’ leughadh beachdan Gòrdan Mac ’illeDhuinn air mar a tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba air Seirbheis Nàiseanta na Slàinte fhàiligeadh anns na deich bliadhna mu dheireadh. Tha e ag iarraidh gun dèanar sgrùdadh neo-eisimeileach air Seirbheis Nàiseanta na Slàinte gus piseach a thoirt oirre san àm ri teachd, ach cha b’ urrainn dha cumail bho bhith ag ath-aithris an sgudal a bhios pàipearan-naidheachd agus luchd-poileataigs eile a’ spùtadh a-mach fad na h-ùine: gu bheil ministearan a’ Phàrtaidh Nàiseanta nas buailtiche a bhith ag èirigh sa mhadainn gus deasachadh airson neo-eisimeileachd na bhith a’ gabhail diù mu Sheirbheis Nàiseanta na Slàinte. Uill, an aghaidh! Feumaidh gu bheil an aois a’ laighe air Mac ’illeDhuinn is a chuimhne air fhàgail buileach glan.

B’ e fhèin a chuir an iomairt airson maoineachaidh prìobhaideach (PFI) dha-rìribh gu dol ann an 1997, iomairt a dh’fhàg fiachan uabhasach air ar seirbheisean poblach agus a tha air dìleab uabhasach fhàgail a tha ri fhaireachdainn fhathast an-diugh. A thuilleadh air sin, bha a Phàrtaidh fhèin, na Làbaraich, a’ moladh plana aig an taghadh mu dheireadh a bhiodh air na ceudan de mhilleanan a chall don t-Seirbheis am bliadhna – £360m, a rèir Riaghaltas na h-Alba.

Is air an aon latha, tha deagh naidheachd ann do ar seirbheis shlàinte – £8.5m ann am maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba a thèid a chosg air taic do dhaoine air an deach èigneachadh neo a tha air fulang le fòirneart drabasta. Chan eil mi idir a’ dol às àicheadh gu bheil atharraichean a dhìth – gun teagamh tha, le aon aithisg an- uiridh ag innse gun deach iarraidh air cuid den luchd-fulaing gun a bhith gan nighe fhèin son còrr is là às dèidh ionnsaigh dhrabasta, ’s iad a’ feitheamh airson deuchainnean foireansach. Thug an aithisg cuideachd am follais gum biodh deuchainnean tric a’ gabhail àite ann an stèiseanan poilis an àite ospadalan neo ionadan slàinte, neo gun fheum muinntir choimhearsnachdan dùthchail astar a shiubhail gus taic neo deuchainnean sam bith fhaighinn. Ach tha e coltach gun tèid an t-airgead seo a chosg thairis air trì bliadhnaichean gus piseach a thoirt air seirbheisean a tha ri fhaotainn do luchd-fulaing, gu h-àraid iad sin a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan dùthchail. Bheir an t-airgead seo toiseach tòiseachaidh air an obair a tha ron t-Seirbheis gus ìre ùr a chaidh a chur romhpa an-uiridh a ruighinn ann a bhith a’ dèiligeadh ri fòirneart drabasta. Tha fhios nach eil mòran ann an £8.5m an coimeas ris na thèid don t-Seirbheis gu h-iomlan a thaobh maoineachaidh, ach tha iad a’ cur ris beag air bheag agus a’ feuchainn ri dèiligeadh ris na roinnean far a bheil cruaidh fheum air maoineachadh agus feart anns an da-rìribh.

Tha làn fhios againn uile gu bheil Seirbheis Nàiseanta Slàinte na h-Alba ann an èiginn, ach chan eil sinn leinn fhìn: tha siud fìor do gach Seirbheis Shlàinte air feadh Bhreatainn is, mar sin, cha tèid againn air coire a chur gu h-iomlan air Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba. Tha e coltach gu bheil dà fhichead sa cheud de bhuidseat Riaghaltais na h-Alba air a chosg air ar seirbheis shlàinte, ach tha aca ri bhith ag iomradh leis an ràmh as fhaisge, mar a chanas an t-seanfhacal, leis an airgead a thèid a chur romhpa le Riaghaltas Bhreatainn, ged as urrainn dhaibhsan dèiligeadh ri bhith a’ roinn a’ bhuidseit fhèin. Agus, fhad ’s a tha sinn a-mach air Seirbheis Nàiseanta na Slàinte agus an t-airgead a gheibhear bho Riaghaltas Bhreatainn, dè mun £350m a bha siud a chaidh a ghealltainn dhuinn air Bus Bhrexit nam fàgamaid an t-Aonadh Eòrpach? Gu dearbh, tha sinn a’ dèanamh fiughair mhòr ri sin agus an diofar a nì e do ar seirbheisean poblach!

’S fheàrr do Ghòrdan Mac ’illeDhuinn a chab a chumail dùinte, ach tha e ro- dheònach ionnsaigh a thoirt air a’ Phàrtaidh Nàiseanta aig a h-uile cothrom, gun a bhith cuimhneachadh air na rinn e fhèin agus gun a bhith a’ meòrachadh air mar a thug e fhèin buaidh air an t-Seirbheis san ùine fhada, ’s sinn fhathast a’ faireachdainn a bhuaidh. Ach, cha chreid mi gu bheil sinn air diochuimhneachadh mun lamarag a rinn e dheth fhad ’s a bha e fhèin ann an cumhachd mar Phrìomhaire, agus fiù ’s ron a sin fo Tony Blair, is tha mi toilichte faicinn nach eil a’ Phàrtaidh Nàiseanta deònach gnothach a ghabhail ris na thuirt e. B’ fheàrr gun robh Gòrdan ceart agus gun robh aire Riaghaltais na h-Alba air a bhith a’ teicheadh às an aonadh le Riaghaltas na Rìoghachd aig an ìre seo leis a’ bhùrach a tha a’ dol aig làmhan May, ach tha e coltach gum bi againn ri cumail oirnn ag iomradh le ràmh sgàinte na Rìoghachd ‘Aonaichte’ airson greiseag fhathast.

SUMMARY:

Gordon Brown’s recent comments on the SNP’s handling of the NHS
shows he has a short memory – it was Labour that popularised the Private Funding
Initiative (PFI) in the first place, which has left our public services in serious debt.

GLOSSARY: 

Gìogadh – Cringe

Sgrùdadh Neo-eisimeileach – Independent Review

Seirbheis Nàiseanta na Slàinte – NHS

Maoineachadh – Funding