THA mise air a bhith ag obair do Dhachaigh Airson Stòras na Gàidhlig airson còrr is còig mìosan a-nis, agus ’s urrainn dhomh a ràdh le cinnt gu bheil mi air mòran ionnsachadh anns na beagan mhìosan sin. Chan e a-mhàin gu bheil mi air sgilean ùra, feumail ionnsachadh, ach tha e air mo bheachdan air cho cudromach ’s a tha ar cultar agus ar n-eachdraidh a dhaingneachadh gu buileach.

Tha Dachaigh Airson Stòras na Gàidhlig (DASG) stèidhichte aig Oilthigh Ghlaschu. Tha Corpas na Gàidhlig na lùib, a tha air na ceudan de theacsaichean Gàidhlig a chur ann an cruth didseatach gus an tèid aig luchd-sgrùdaidh na teacsaichean a rannsachadh, agus Faclan an t-Sluagh, stòras de dh’fhaclan a thàinig bho obair-shiubhail a chaidh a dhèanamh do Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig aig an Oilthigh. Ach, bidh mi fhìn ag obair air ar tasglann-fuaim, Cluas ri Claisneachd, a chaidh a chur air bhog aig deireadh an Lùnasdail am bliadhna.

Tha Cluas ri Claisneachd an-dràsta air a roinn ann an dà leth – Tasglann HDSG agus Tasglann Mòthain. ’S e cruinneachadh de chlàraidhean a chaidh a dhèanamh cuide ris an obair-shiubhail a dh’ainmich mi roimhe (do dh’Fhaclair Eachdraidheil na Gàidhlig) a th’ ann an Tasglann HDSG. Tha na clàraidhean seo làn òrain, briathrachais, sgeulachdan agus eachdraidh nan Gàidheal, gu h-àraid Gàidheil Albainn Nuaidh, luchd-labhairt Gàidhlig Chataibh agus iasgairean Earra Ghàidhealach.

Bha riamh ùidh agam ann an òrain Gàidhlig, leis gur e seinneadair a th’ annam fhèin, ach tha seo air m’ aire a thogail do bheartas traidisean nan òran sa chultar againne, agus cho soirbh ’s a bhiodh e (agus a tha e air a bhith) mòran dhe na h-òrain a chall gu buileach. Tha e na thlachd dhomh a bhith ag obair air na clàraidhean gus an tèid aig daoine eile air an cluinntinn, agus mise gan ionnsachadh aig an aon àm – fìor bhuannachd! Bidh an tasglann seo a’ taisbeanadh òrain a chaidh a dhèanamh le daoine ann an coimhearsnachdan Gàidhealach bho chionn bliadhnaichean mòra, is cuid a chaidh a dhiochuimhneachadh on uairsin. Ach, tha e a’ tabhainn deagh chothrom dhuinn na h-òrain seo ath-bheòthachadh, ’s iad a-nis ri fhaotainn air làrach-lìn DASG (dasg.ac.uk), le fo-thiotalan is tàr-sgrìobhaidhean nan cois. Thèid againn air na h-òrain agus na sgeulachdan air an cùl ionnsachadh bho bhilean an t-sluaigh fhèin.

’S e tasglann sònraichte a th’ ann an Tasglann Mòthain, agus bha sinn ro-thoilichte dachaigh a thoirt do chlàraidhean Tracy Chipman, sgeuladair às na Stàitean Aonaichte, a rinn obair-shiubhail anns na h-Eileanan Siar aig deireadh an naoidheimh linn deug is aig toiseach an fhicheadamh linn. Tha Tasglann Mòthain làn sgeulachdan, seanchais, dàin, òrain agus fiù ’s seann ìocshlaintean –gach turas a dh’èisteas tu, ionnsachaidh tu rudeigin ùra!

On a thòisich mi nam dhreuchd ùr, tha mi air ùr-mhòthachadh cho cudromach ’s a tha e gum bi eòlas againn air ar n-eachdraidh fhèin mar Ghàidheil agus gum bi clàraidhean dhen leithid air an tabhainn gu saoirsneachail dhuinn agus don t-saoghal mhòr, gus an tèid acasan air ionnsachadh mu ar deidhinnsa.

Bha riamh spèis agam do na seann chleachdaidhean, òrain agus sgeulachdan, ach tha an dreuchd seo air sealltainn dhomh cho prìseil ’s a tha an stuth a tha an lùib nan clàraidhean anns an da-rìribh. Mura biodh dachaigh ann do na clàraidhean seo uile, math dh’fhaoidte gum biodh iad air a bhith nan suidhe ann am preasa gu sìorraidh bràth, is tha Abi Lightbody, Àrd-neach-taic DASG, ri moladh airson an obair mhòr a rinn i anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh air an tasglann seo gus am biodh i deiseil don t-saoghal mhòr.

Bidh mòran Ghàidheil a’ tarraing air an cuid eachdraidh mar phàirt dhe am fèin-aithne – mi fhìn nam measg – agus dhomhsa dheth, tha eòlas air eachdraidh cultar agus cànan sam bith deatamach ann a bhith ga tuigsinn.

Tha mòran dhaoine rim moladh airson an obair a tha iad a’ dèanamh gus a’ Ghàidhlig a nuadhachadh. Ach tha ar n-eachdraidh cudromach cuideachd; tha ar n-eachdraidh inntinneach, agus bu chòir dhuinn luach a chur anns na daoine agus na cleachdaidhean a thàinig romhainn mus bi fiughair oirnn gun cuir duine sam bith eile luach annainsa ’s nar strì mar luchd-labhairt na Gàidhlig agus mar Ghàidheil.

Mar a thuirt An Canan Aonghas MacCuithein fhèin ann an aon dhe na clàraidhean: “All these things show the kind of people we are... and of course we are a strange people, because we are a people who have fought hard to preserve our identity, and when you consider this a minority culture, a minority language that we had to wait until Europe became a broad country before they would even listen to us as having any kind of importance as a people, we have survived through it all. We have survived marvellously well."

– Canon Angus MacQueen, Origins and Religion from Barra.

SUMMARY 
My new job as an audio archivist has highlighted to me the importance of our history even as Gaels today. Whilst it is important to bring Gaelic culture into the 21st century, I also strongly believe that history is crucial to understanding a people and what they are about.

GLOSSARY
Tasglann – Archive
Obair-shiubhail – Fieldwork
Ìocshlaint – Cure