AS t-samhradh, ghabh mi cuairt a Bhergen ann an Nirribhidh air mo shaor-làithean. Chòrd am baile rium glan, ach airson latha neo dhà chaidh sinn air thuras sa chàr a-mach às a’ bhaile gu ruige cuid de na h-easan iongantach a tha rin lorg san sgìre. Abair gun robh seallaidhean eireachdail rim faicinn ann, agus ann an dòigh, leis gur ann às an Eilean Sgitheanach a tha mi, bha mi ag aithneachadh cruth na tìre. Aon latha, rinn sinn air Vørringfossen agus ged a bha na seallaidhean brèagha, bha mi fhìn air mo bheò-ghlacadh leis na tunailean a thog iad tro na Fiòrdan air ar slighe. Abair deagh bheachd!

Oidhche Chiadain seo chaidh, bha mi air mo shlighe air ais bhon Mhòd ann an Dùn Omhain agus mi air an aiseag mu dheireadh air ais a Ghurraig a chall. Bha agam, mar sin, ri dhol gu tuath gus tilleadh a Ghlaschu, fad an rathaid shuas dhan A83 airson a dhol tarsainn air a’ Rest and Be Thankful.

Ach, air sgàth mhaoimean-talmhainn, bha an rathad ud air a bhith dùinte fad seachdain. Gu fortanach, bha Seann Rathad an Airm air fhosgladh a-rithist às dèidh dhan sin a bhith dùinte cuideachd. Leis gun robh e cho anmoch, cha robh fada agam ri feitheamh agus cha b’ fhada gus an robh an carbad comhailteachd gam stiùireadh dhan Àrchar. Mura b’ e sin, bhiodh agam ri dhol còrr is leth-cheud mìle na b’ fhaide tuath gu Taigh an Droma gus tilleadh gu deas a-rithist.

Ann an àitichean eile air feadh Alba, tha daoine ann an coimhearsnachdan dùthchail a’ fulang air sgàth mhaoimean-talmhainn. O chionn ghoirid, bha fear air a bheil mise eòlach fortanach gun d’ ràinig e a’ bhanais aige fhèin às dèidh do mhaoim-talmhainn an rathad bhon taigh aige a dhùnadh! Bhon a bha an t-aiseag à Gleann Eilg a bhios a’ siubhal dhan Eilean Sgitheanach air acair airson a’ gheamhraidh, cha robh slighe eile às a’ bhaile.

Is cho fad ’s a tha sinn a’ bruidhinn air an Eilean Sgitheanach, chan urrainn dhuinn na thachair air Rathad a’ Mhoil a sheachnadh – tha cnap mòr den rathad air tuiteam dhan uisge. Nam biodh an rathad mòr dùinte agus rathad a’ Mhoil do-shiubhailte cuideachd, cha bhiodh dòigh sam bith ann faighinn do cheann a tuath an eilein mura biodh tu deònach siubhal air ais sìos a Mhalaig, null gu Loch Baghasdail agus air ais a dh’Ùige à Loch nam Madadh! Tha dleastanas air gach comhairle dèanamh cinnteach gu bheil rathaidean a tha air an cleachdadh mar dibhearsain air an cumail ann an deagh staid, gus am bi slighe eile ann nuair a bhios tubaist ann neo nuair a bhios an t-sìde ag adhbhrachadh dragh.

Ann an 2011, bha an rathad eadar Loch Carrann agus am Ploc dùinte fad ceithir mìosan às dèidh do mhaoim-talmhainn sprùilleach a dhòrtadh air feadh an rathaid. Dh’adhbhraich seo duilgheadasan ann an iomadh dòigh do dhaoine a bhiodh ag obair ann an sgìrean eile agus do sgoilearan a bhiodh a’ siubhal air bus à diofar àitean ann an Taobh Siar Rois dhan Phloc airson a dhol dhan àrd-sgoil. Chaidh a dhùnadh gu tur airson corra latha ann an 2014 cuideachd às dèidh don aon rud tachairt. Tha an rathad air a bhith dùinte a-rithist o thoiseach an t-Sultain gus obair-càraidh a dhèanamh air agus tha na h-aon trioblaidean ag èirigh do mhuinntir na sgìre. On uair sin, tha cuid de dhaoine air a bhith a’ feitheamh suas ri ceithir uairean ann an sreathan fada gus am faigheadh iad troimhe.

Chuir iad slighe shealach tarsainn air an rathad-iarainn a tha co-shìnte ris an rathad agus mar sin bhiodh e comasach do chàraichean siubhal air sin nuair nach robh na trèanaichean a’ ruith eadar Caol Loch Aillse agus Inbhir Nis. Ach bha trèanaichean am meadhan an latha ag adhbhrachadh tuilleadh dàil.

Tha e coltach gu bheil piseach air tighinn air cùisean a-nis, ach tha seo air dragh adhbhrachadh do ghnìomhachasan sna coimhearsnachdan faisg air an rathad a leithid Taigh-bìdh a’ Charrainn agus Taigh-òsta Shrath Charrainn. Bidh iad seo trang uair no dhà san latha nuair a bhios na rathaidean fosgailte, ach tha iad uabhasach fhèin sàmhach an còrr dhen latha.

Tha Port an t-Sròim agus an Rest and Be Thankful nan deagh eisimpleirean air mar a tha againn ri rudeigin maireannach agus seasmhach a dhèanamh mu na rathaidean a tha an cunnart bho mhaoimean-talmhainn air a’ Ghàidhealtachd. Nach lean sinn eisimpleir Nirribhidh gus airgead a chosg air tunailean seasmhach a dhìonas ar rathaidean bho na gluasadan seo, an àite a bhith a’ càradh fheansaichean gach turas is làn fhios againn nach mair iad ro fhada?

Coma leibh mu bhith a’ togail dhrochaidean eadar Alba agus Èirinn a Tuath – tha againn ri dhearbhadh gu bheil gach sgìre nar dùthaich-sa ceangailte ri chèile an toiseach.

SUMMARY:
Landslides have been causing countless problems for rural communities in Scotland in recent years, and it’s time we found a sustainable solution rather than fixing the fences every time something goes wrong.

GLOSSARY:
Maoim-talmhainn – Landslide
Port an t-Sroim – Stromeferry
Fiòrdan – Fjörds