AN t-seachdain-sa, chaidh gnothachas à bith a bha air fàs gu math ainmeil anabarrach luath, ach ann an dòigh ris nach robh iad an dùil. B’ e Cambridge Analytica an t-ainm a bha air agus anns na Stàitean agus anns an Rìoghachd Aonaichte tha rannsachadh ga dhèanamh mu dheidhinn mar a chleachd iad dàta bho mheadhanan sòisealta, gu h-àraid Facebook, gus buaidh a thoirt air bhòtaichean anns an reifreann air Brexit agus ann an taghadh a’ Chinn-suidhe ann an 2016.

Gach turas a chleachdas duine againn làrach-lìn sam bith, cruthachaidh e dàta, fiosrachadh mu dheidhinn dè cho fad ‘s a chuir sinn seachad air gach duilleag, dè na ceanglaichean air an do bhriog sinn agus, air Facebook gu h-àraid, dè a chòrd rinn. Le gu leòr den dàta seo, thèid aca air dealbh fìor shoilleir de chuideigin a chruthachadh.

Thathas a’ cur às an leth gun do chleachd Cambridge Analytica app a thog a leithid de dh’fhiosrachadh bho gach “caraid” a bha aig neach sam bith a chleachd an app, gun cead iarraidh no fhaighinn. Thug an dàta sin fiosrachadh mu dheidhinn na cuspairean anns an robh ùidh agad agus na beachdan poilitigeach a bha agad. A’ cleachdadh an fhiosrachaidh sin, chruthaich Cambridge Analytica sanasan agus làraichean-lìn air fad gus fiosrachadh poilitigeach, breugan agus fathannan ann an cuid de shuidheachaidhean, fhoillseachadh air Facebook.

Thuirt ceannard Vote Leave fhèin Dominic Cummings nach b’ urrainn dhaibh a bhith air soirbheachadh as aonais Aggregate IQ, companaidh aig a bheil ceanglaichean dlùth ri Cambridge Analytica.

Mura robh ùidh aig pàrtaidhean poilitigeach ann a bhith a’ sireadh fiosrachadh mu bhòtairean cha bhiodh iad a’ gnogadh nan dorsan. Ach tha eadar-dhealachadh mòr eadar a bhith a’ freagairt cheistean gu deònach agus a bhith a’ goid dàta mu dheidhinn a h-uile rud a chòrd rud a chunnaic thu air loidhne, fad bhliadhnaichean.

Tha an teicneòlas seo air atharrachadh gu matha luath agus chan e Cambridge Analytica an aon bhuidheann a chaidh an sàs ann a leithid de chleachdaidhean. Ann am Poblachd na h-Èireann tha iad an teis-meadhain iomairt reifrinn a tha airson faicinn a bheil an sluagh deònach bun-reachd na dùthcha atharrachadh gus barrachd chasgan-bhreith a cheadachadh. Ged nach deach a’ bhòt fhèin a chumail fhathast, tha cuid air amharas a thogail mu dheidhinn cuid de na sanasan agus na dòighean iomairt air loidhne a tha gan cleachdadh mar-thà.

Tha e soilleir a-nis gu bheil feum mòr againn air atharrachadh sna riaghailtean agus sna laghan taghaidh co-cheangailte ri cleachdadh dàta. ’S e pàirt de na meadhanan a tha anns na meadhanan sòisealta agus bu chòir dhuinn laghan a chruthachadh gus smachd a cumail air a’ bhuaidh a tha aca air taghaidhean, dìreach mar a rinneadh airson T.Bh. Chan fhaic sinn sanasan poilitigeach air T.Bh anns an dùthaich seo mar a chì sinn anns na Stàitean.

Bu chòir dhuinn smaointinn mu dheidhinn seo ann an co-theacs neo-eisimeileachd. Tha fios agam gu bheil cuid ag iarraidh gum bi reifreann eile againn air a’ cheist sin a-màireach no co-dhiù cho luath ’s a ghabhas. Ach mura h-eil sinn air stad a chur air na cleachdaidhean mì-chothromach mar a bha Cambridge Analytica is buidhnean eile ris, cha chuireadh dad stad air feachdan an aonaidh ar dàta a chleachdadh anns an aon dòigh, agus cha chreid mi gum faigheadh sinn fiù ‘s 45% an uair sin.

Tha na cleachdaidhean seo a’ ciallachadh nach urrainn dhuinn ràdh le cinnt gu bheil toradh thaghaidhean a’ riochdachadh miann nam bhòtairean. ’S e rud cunnartach a tha sin. Chan eil mise toilichte leis mar a bhòt muinntir na h-Alba ann an 2014, ach tha mi a’ creidsinn gu bheil a’ bhòt sin a riochdachadh beachdan nam bhòtairean. Ach eil mi cho cinnteach mu dheidhinn reifreann Brexit ge-tà agus cha bhithinn cinnteach mu bhòt sam bith a chaidh cumail às aonais laghan is riaghailtean fada nas teinne.

Tha cuid de dhaoine airson taghaidhean a cheannach. Chan e rud ùr a tha sin, ged a tha teicneolas ùr mar na meadhanan sòisealta a’ toirt dhaibh cothrom ùr. Air sgàth ’s cho lag is a tha deamocrasaidh anns an dùthaich seo chan fheum thu ach atharrachadh beag a thoirt air beachdan àireamh glè bheag de dhaoine gus atharrachadh mòr a dhèanamh air dùthaich air fad. Cha d’fhuair muinntir na Rìoghachd Aonaichte cothrom air bhòtadh air Brexit ach uair agus abair ’s gun tug àireamh bheag de bhòtaichean buaidh mhòr oirnn uile mar-thà.

Feumaidh sinn laghan nas làidire agus riaghailtean a tha freagarrach airson an latha an-diugh ach cuideachd feumaidh sinn siostam bhòtaidh a tha nas cothromaiche. Mar as cothromaiche a bhios an siostam bhòtaidh ’s ann as duilghe a bhios e do bhuidheann sam bith an toradh a chlaonadh agus cumhachd a cheannach. Bu chòir do Riaghaltas sam bith nach eil deònach na h-atharrachaidhean a tha a dhìth oirnn a thoirt a-steach aideachadh gu bheil iad ag obair ann an seirbheis na feadhainn aig a bheil airgead seach seirbheis nam bhòtairean.