THA companaidh airson sia taighean deug a thogail faisg air làraich Bhlàr Chùil Lodair. Anns an Dùbhlachd chaidh iomairt a thogail an aghaidh nam planaichean agus tha còrr is seachdad mìle neach air an ainmeannan an cur ri athchuinge a tha a’ feuchainn ri stad a chur air an iarrtas. Nam measg tha Diane Gabaldon, ùghdar nan nobhailean Outlander, agus na mìltean de luchd-leughaidh na sreath nobhailean agus prògraman telebhisein mu dhéidhinn nan Seumasach.

Thèid na planaichean a-nis a dheasbad gu poblachd ach fiù ’s mura gheibh iad cead bho Chomhairle na Gàidhealtachd, bidh cothrom aca ath-thagradh a dhèanamh ri oifigich Riaghaltais na h-Alba. Ann an 2014 rinn companaidh eile iarrtas airson ceithir taighean deug a thogail anns an dearbh àite agus ged nach do thog iad na taighean sin, fhuair iad cead air an son - ged a dhiùlt a’ Chomhairle iad, shoirbhich leis an ath-thagradh a rinn iad.

Ann an 2015 chruthaich Comhairle na Gàidhealtachd poileasaidh ùr gus aithneachadh na sgìrean co-cheangailte ris a’ Bhlàr ach nach robh nam pàirt den làraich ghléidhte. Thàinig theannachadh air na riaghailtean phlanaidh anns an raon shònraichte a chaidh ainmeachadh an Culloden Muir Protection Area. Tha làrach an iarrtais ùir seo taobh a-staigh an raon shònraichte sin, agus chì sinn dè cho éifeachdach is a tha am poileasaidh ùr seo aig a’ Chomhairle.

Tha cuid de dh’arc-eòlaichean cuideachd air cheistean a thogail mu na planaichean seo. Tha iadsan a’ tuigsinn, mar a bu chòir dhuinn uile, nach e rud marbh agus neo-caochlaideach a th’ ann an eachdraidh, agus gum bi ar tuigse air an t-àm a dh’fhalbh ag atharrachadh fad an t-siubhail. Cuideachd, ged a bhiodh sinn uile eòlach air ainm Bhlàr Chùil Lodair, tha eachdraidh a’ bhlàir fhèin, agus nan Seumasach air fad, air crochadh airson fada robh fhada air beachdan poilitigeach iadsan a bha a’ sgrìobhadh mu dhéidhinn.

Dh’fhoillsicheadh leabhair ùr mu dhèidhinn an dearbh bhlàr ann an 2016, le Murray Pittock, a’ togail air rannsachadh àrc-eòlais ùra aig an àrainn gus sealltainn an ìre gu bheil eachdraidhean eile mun bhlàr a’ crochadh air beachdan poilitigeach, agus claon-bhreitheach, mu dhéidhinn nan Seumasach agus na Gàidheil. Gu h-àraid am beachd gur e buirb a bh’ anns na feachdan Gàidhealach agus gur e saighdearan proifeiseanta a bh’ ann am feachdan Riaghaltas Bhreatainn.

Chan urrainn dhan a’ chompanaidh no na luchd-planaidh ag ràdh le cinnt nach eil fianais sam bith ri lorg anns an talamh sin far a bheil iad an dùil na taighean an togail. Bhiodh cothrom ann, gun atharraicheadh dad a lorgadh iad an sin an tuigse a th’ againn air dè dìreach a thachair an latha ud agus anns na làithean às dèidh a’ bhlàir fhèin ann an 1746. A’ bharrachd air eachdraidh, cuideachd ’s e ceist urraim a th’ ann. Fhuair mìltean bàs air an làrach sin. Cha bhiodh na Aimeireaganaich deònach KFC a thogail ri taobh Gettysburg. Cha bu chòir is gum faighear cead airson a leithid idir.

Ann an Alba tha gu leòr de dhaoine nan NIMBYs (Not In My Back Yard) agus air a’ Ghàidhealtachd gu h-àraid a chuid a tha gu tùr BANANAs (Build Absolutely Nothing Anywhere Near Anything). Chan eil mise nam measg, agus bheirinn ‘s taic dhan a’ mhòr chuid de leasachaidhean ùra.

Bhiodh mi deònach gleanntan falamh a’ Ghàidhealtachd an lìonadh le cruadhtan agus togalaichean, cho fàd ’s a bhiodh sluagh deònach fuireach annta. Chuirinn ‘s tuathanas-gaoithe air mullach gach beinne oir ’s iad cumhachd ghlan agus coimhearsnachdan làidir na tha a dhìth air a’ Ghàidhealtachd agus coma leinn mura bhiodh luchd-turais sam bith airson tadhail oirnn. Chan eil cruthan-tìre falamh nan seallaidhean bòidheach nam léirsinn-sa, gu h-àraid iadsan a bha uair làn Ghàidheil.

Feumar tuigsinn an iarrtas seo anns a’ cho-theacs aige. ’S ann à Inbhir Nis a tha mi fhèin o thùs agus gach turas a thilleas mi chun a’ bhaile mhòir tha fàs air tighinn oirre. Chan fhada mus tèid iarrtasan cèanna a dhèanamh. Ged a tha e math gu bheil Inbhir Nis a’ fàs, ’s ann tro bhith tarraing daoine bhon a’ chòrr den Ghàidhealtachd chun a’ bhaile mhòir a tha iad air a leithid a dhèanamh. Mar sin chan eil fàs Inbhir Nis a’ dèanamh dad gus maille a chur air fàsachadh a’ Ghàidhealtachd fhèin.

Cha bu chòir dhan baile mhòr ud a bhith fhathast na phàirt de Chomhairle a’ Ghàidhealtachd. Leis gu bheil, thèid na trioblaidean seo a chuir air falach, oir cho fad ‘s a thèid an tarraing a dh’Inbhir Nis, chan eil iad air a’ Ghàidhealtachd fhàgail, gu h-oifigeil.

Le bhith a’ cumail dìreach aon Comhairle airson na sgìre tha sinn a sealltainn cho ìosal is a tha ar glòir-mhiann air son na sgìre. Tha an t-àm ann gus taighean is goireasan ùra an togail air feadh a’ Ghàidhealtachd, àite sam bith ach air an làrach seo.