BY agreeing to almost all of the terms proposed by the EU, the British Government has kept Brexit alive, at the same time as disappointing many Leave supporters. The transition arrangements provide a vital opportunity for Scotland. If Scotland is to have another referendum on independence, it must happen during that period of change and
negotiation, rather than after it.

THA an Riaghaltas aig Theresa May air aonta a lorg leis an Aonaidh Eòrpaich agus thèid aca a ghluasad air adhart. Bha roghainn aig an Riaghaltas ri dhèanamh agus an seachdain-sa dhearbh iad nach eil iad deònach fhàgail an t-AE as aonais còrdadh sam bith. Tha Brexit beò fhathast, agus chan eil duine cho crosta mu dhèidhinn ach luchd na Brexit.

Thuirteadh gur b’ e aisling a bh’ ann am Brexit, agus gun robh luchd na Brexit fo smachd cianalais, ag ionndrainn dùthaich nach maireann agus nach robh ann a-riamh anns a’ chiad dol a-mach nuair a bhòt iad airson an t-AE fhàgail. Leis gur e aisling a bh’ anns an dùthaich a bha iad airson ath-chruthachadh, cha shoirbhich leotha gu bràth. Cha tèid an sàsachadh agus ’s mairg dhan amadain, no an Riaghaltas, a dh’fheuchas a leithid.

Fad bhliadhnaichean, chur luchd nam Brexit an coire air an AE airson gach rud a chaidh ceàrr leis an Rìoghachd Aonaichte. Thuirt iad gu robh sinn a’ toirt seachad billeanan de notaichean gun dad fhaighinn air ais air a shon. Thuirt iad nach robh cumhachd sam bith againn thar na leasachaidhean agus na laghan ùra a thug an t-AE a-steach. Thuirt iad gun robh againn ri gabhail ris na riaghailtean aca agus na dòighean aca agus nach robh diù aig an AE dhan na beachdan againn. Cha b’ e an fhìrinn a bh’ ann, ach tha e nas coltaiche ris an suidheachadh anns a bhios an RA às dèidh Bhrexit a-rèir na chaidh aontachadh an seachdain. Abair ìorantas.

Cuideachd, dh’aontaich an dà thaobh gum bi ùine shònraichte – eadar-ghluasad – às dèidh dhan RA an t-AE fhàgail gu h-oifigeil ach fhathast a’ gabhail ri riaghailtean an AE. Bidh iad fhathast nam ball den aonaidh-chusbainnean agus a’ mhargaidh shingilte. Tòiseachaidh an eadar-ghluasad ann an 2019, nuair a thig sinn gu ceann-ama Artaigil 50.

Cha deach a dhearbhadh dè cho fhad ‘s a bhios an t-eadar-ghluasad seo, ach ma dh’fheumas còrdaidhean air gach nì leis an AE a ruigsinn anns an ùine sin, tha e doirbh a’ chreidsinn gun tèid sin a dhèanamh taobh a-staigh dà bhliadhna. Tha cuid den bheachd gum mair an ùine seo ’s dòcha suas gu còig bliadhnaichean, mar sin gu ruige 2024. Dh’fhaodadh gun cuireadh iad ceann-ama nas giorra orra fhèin. Ach às dèidh an ceann-ama de dhà bhliadhna aig Artaigil 50, tha e furasta a’ creidsinn gum biodh iad airson beagan shaorsa fhaighinn. Thug an t-AE ochd bliadhna gus an aontadh-malairt eatarra agus Canada a chruthachadh, is mar sin tha e doirbh a’ chreidsinn gun soirbheachadh leis an RA an dearbh cleas ann an cairteil den ùine.

Tha an t-eadar-ghluasad seo a thoirt fìor dheagh chothrom dhuinn ann an Alba. Mura robh sinn ach air an t-AE fhàgail ach air pàipear mar gum biodh, bhiodh e nas fhasa tilleadh dhan Aonadh sin, cho fad ‘s a bhòt sinn airson neo-eisimeileachd ri linn an eadar-ghluasaid seo.

Tuigidh mi gu bheil cuid searbh sgìth den AE agus crosta leotha air sgàth ’s mar a dhèilig iad leis na Catalanaich agus na thuirt cuid dhiubh ri linn ar reifreann air neo-eisimeileachd ann an 2014. Ach tha sinn uile ann an suidheachadh shònraichte. Bha a’ mhòr chuid den AE nan tost fad an t-siubhail ann an 2014. Biodh e cho eadar-dhealaichte is a ghabhas an ath thuras.

Cuideachd, tha fios againn gum bi crìochan fosgailte eadar an RA agus Poblachd na h-Èireann. Mar sin, bha Prìomh Ministeir na h-Alba ceart nuair a thuirt i air Dihaoine, nach b’ urrainn do neach sam bith ag ràdh ri Alba gun dùnadh na crìochan againn às dèidh neo-eisimeileachd.

Tha Poblachd na h-Èireann cuideachd air sealltainn dhuinn cho soirbheachail is a ’s urrainn do dhùthaich a bhith ann an barganachadh leis an Rìoghachd Aonaichte nuair a tha t-AE a toirt taic dhaibh. Cò shaoileadh gum biodh barrachd cumhachd aig 27 dùthchannan a seasamh còmhla ri chèile an aghaidh aon?

Abair ’s gu bheil an Rìoghachd Aonaichte air atharrachadh bho 2014, agus tha atharrachaidhean a bharrachd ri thighinn mus gheibh sinn ann an Alba cothrom bhòtadh airson neo-eisimeileachd a-rithist. ’S e àm atharrachaidhean mòra a th’ ann. Tha cothrom an lùib sin. Ma bhòtas sinn airson neo-eisimeileachd uaireigin anns an t-eadar-ghluasad seo, ’s urrainn dhuinn an Rìoghachd Aonaichte fhàgail nuair a dh’fhàgas iadsan an t-Aonadh Eòrpach aig deireadh na h-ùine sin.

Air no ’s urrainn dhuinn feitheamh, ’s dòcha trì bliadhnaichean, ’s dòcha sia bliadhnaichean, agus an uair sin, às dèidh cha mhòr deichead de chonnspaid agus rèiteachaidhean ùra, a bhith feuchainn ri toirt air muinntir na h-Alba airson bhòtadh airson barrachd dhiubh. Feumaidh reifreann eile air neo-eisimeileachd a tachairt mus tig an eadar-ghluasad gu crìoch. Chan fhaigh sinn cothrom nas fheàrr taobh a-staigh ginealaich.

GLOSARY: 
Suidheachadh – situation
Ìorantas – irony
Ceann-ama – deadline
Eadar-ghluasad – transition