Salmond’s decision to lend his credibility to a foreign propaganda channel is a disappointment to anyone who once admired him. Seeking to build ties of any kind with the Putin government at this time is an act of wilful political naivety. The whole independence movement now has to prove it has no ties to Russia.

A DH'AINDEOIN ainm na seanail, cha chluinn sibh tòrr naidheachdan idir mu dhèidhinn an Ruis an latha an-diugh air Russia Today, no RT. ’S e pàirt de feachdan stàit na Ruise a th’ ann. Bidh iad a’ faighinn maoineachadh bho riaghaltas Vladimir Putin agus bidh iad a’ sgaoileadh sgeulachdan a tha an Ruise airson sgaoileadh. Agus ’s ann an sin a tha Ailig Salmond air prògram fhaighinn.

Tha cuid ga dhìon, agus ag ràdh nach eil eadar-dhealachadh sam bith eadar RT agus a’ BhBC. Tha mi deònach gu leòr a bhith a cuir sìos air a’ BhBC nuair a tha iad àiridh air càineadh. Tha na ceanglaichean eadar an Riaghaltas agus a’ BhBC ro dhlùth nam bheachd-sa, gu h-àraid ann am Westminster.

Ach dìreach anns an seachdain seo seachad tha a’ BhBC air craoladh fiosrachadh mu dhèidhinn mar a tha cuid de dhaoine as beartaiche anns na RA – an ceann-stàide fhèin nan measg – a’ feuchainn ri cìsean a sheachnadh, agus mu dhèidhinn na coinneamhan dìomhair aig Priti Patel. Cha bhiodh a leithid de sgeulachdan air an nochdadh anns na meadhanan anns an Ruis no air RT.

Fiù ’s nan robh na meadhanan anns an RA cho taobhach ri RT, agus chan eil iad, fhathast cha bhiodh mi a’ tuigsinn carson a bhiodh Salmond airson taic a thoirt dhaibh. B’ urrainn dha am prògram seo a dhèanamh air-loidhne agus taic a’ thoirt do aon de na meadhanan ùr a tha a’ toirt taic do neo-eisimeileachd agus a tha air strì gus meadhanan mar sin a cruthachadh fad bliadhnaichean a-nis, gun sgillinn fhaighinn bhon Kremlin.

Mean air mhean tha sinn ag ionnsachadh mar a chaidh feachdan Ruiseanaich an sàs ann an taghaidhean anns na Stàitean tron rannsachadh aig Robert Mueller. Agus an t-seachdain seo thòisich sgeulachdan a’ nochdadh mu dhèidhinn mar a chaidh an Ruis an sàs ann an iomairt Brexit cuideachd.

A’ coimhead air ais, bha sinn fortanach ann an 2014. Anns an eadar-ama chunnaic sinn am buaidh a tha air a’ bhith aig “naidheachdan breugach” air poileataigs. Nan robh an Ruis air na meadhanan sòisealta a’ lìonadh le sgeulachdan breugach mu dhèidhinn a’ PhNA agus neo-eisimeileachd, mar a rinn iad an aghaidh Hillary Clinton an-uiridh, tha coltas ann nach bhiodh sinn air fiù ’s 45% fhaighinn.

Aig an dearbh àm, bhiodh e nas miosa buileach nan robh na feachdan Ruiseanach air taic a thoirt dhan iomairt againne. Saoil nan robh sinn air soirbheachadh agus an reifreann a bhuannachadh ach às dèidh làimh dh’ionnsaich sinn gu robh an iomairt againn air taic fhaighinn bho dhùthaich eile. Ma bhios ar neo-eisimeileachd an eisimeil cuideachaidh bhon Ruis, chan e neo-eisimeileachd a bhios ann. Cha bhiodh mise airson buannachadh anns an dòigh sin.

Ged nach eil e na riochdaire oifigeil a’ Phàrtaidh Nàiseanta no Riaghaltas na h-Alba a-nis, tha buaidh aig Salmond fhathast air an iomairt airson neo-eisimeileachd. Tha e soilleir nach eil am Prìomh-Mhinisteir agus Ceannard a’ Phàrtaidh Nicola Sturgeon toilichte leis a’ bharrachd. Bhon àm seo a-mach bidh aig gach duine againn a bheireas taic do neo-eisimeileachd ceistean a fhreagairt mu dhèidhinn RT agus an Ruis. Tha Salmond air brosnachadh ceangail nach robh feum againn air idir agus cha dèan e ach cron oirnn. Agus carson?

Cha bhiodh mise airson an colbh seo a’ sgrìobhadh anns an Ruis agus chan eil mi airson Alba neo-eisimeileachd fhaicinn mur eil cothrom agam càineadh an Riaghaltas againn gach turas a tha iad àirigh air. Chan eil Salmond a’ cuideachadh an iomairt airson neo-eisimeileachd ann an Alba leis a’ phrògram seo, gun luaidh a thoirt air neo-eisimeileachd na h-Ucràine, no Siria, no na Cairtbheile.

Tha fios agam nach èist e riutha-san a tha ga chàineadh. Ach bu chòir dha èisteachd ris na guthan air an taobh aige fhèin, guthan mar Nicola Sturgeon. Is ise Prìomh-Mhinisteir na h-Alba agus is ise Ceannard a’ Phàrtaidh Nàiseanta. Chan eil Salmond ach air an dà dhreuchd sin a dhèanamh nas duilghe dhi, nuair a tha còir aige taic a chumail dhith.

’S e briseadh-dùil dhomh a th’ anns an naidheachd seo. Tha mise air dorsan a ghnogadh as leth Salmond. Bhiodh eachdraidh na h-Alba anns an 21mh linn gu math eadar-dhealaichte as a aonais. Cha do dh’aontaich mi leis a h-uile rud a rinn e a-riamh, ach riamh bha mi den bheachd gur e neach-poileataigs comasach a bh’ ann. Bha e àrdanach, ach bhiodh mise àrdanach cuideachd nan robh air a bhith ceart fad fichead bliadhna.

Agus shaoil mi gun do dhearbh e gun robh mi ceart nam bheachd air an 19mh latha den t-Sultain 2014, nuair a leig e suas dreachd a’ Phrìomh-Mhinisteir. An latha ud, bha Salmond na ghaisgeach dhomh. A-nis, ge-tà, chan eil mi ag aithneachadh am bodach seo, cho faoin agus cho gòrach, a dìon na ceannardan ùra aige ann am Mosgo.

GLOSSARY:

Seanail – channel
Maoineachadh – funding
An Ucràin – Ukraine
A’ Chairtbheil - Georgia