While travel expands the mind, Brexit is narrowing our horizons. Longer queues and more expensive flights seem an unavoidable consequence of the Tories’ handling of Brexit, who seem not to have considered the impact that leaving the single market and rejecting freedom of movement will have on the aviation industry.

THA làithean-saora an t-samhraidh air tòiseachadh ann an Sasainn agus ann am puirt-adhair air feadh an Aonaidh Eòrpaich tha luchd-turais Bhreatannach a’ faicinn, airson a’ chiad uair, am buaidh aig Brexit air na crìochan. Tha cuid a bhòt airson an dearbh rud seo a-nis crosta mu dhèidhinn.

Coltach ri cànanan, chan aithne dhut dad mu dhùthchannan mur eil thu ach eòlach air aon. Mur eil thu air dùthchannan eile fhaicinn, chan eil cus fhios agad mu dè dìreach a tha sònraichte mun dùthaich dhan bhuin thu. Cuideachd, bidh siubhail a’ brosnachadh ceistean mu dhèidhinn an dùthaich agad fhèin leis gu bheil thu a’ dèanamh coimeas mu na tha thu air fhaicinn agus na goireasan agus seirbheisean a tha thu air chleachdadh. Agus a’ mhòr-chuid den ùine, tha freagairtean poileataigeach aig na ceistean sin.

Tha Brexit an eisimeil aineolais mu dhùthchannan eile na Roinn Eòrpa. Tha mise nam bhall de ghinealach far a bheil an leithid de dh’aineolais na rud neònach. Fiù ’s ged a thogadh sinn fo sgàil staing an ionmhais, fhathast tha a’ mhòr-chuid de na càraidean agam air tursan a ghabhail mun cuairt na Roinn Eòrpa.

Cha bhiodh an leithid comasach dhuinn às aonais dà rud: crìochan fosgailte agus cosgaisean siubhail ìosail. Cha robh agam riamh ri iarrtas a dhèanamh airson visa a’ siubhail mun cuairt na Roinn Eòrpa. Tha e nas saoire a-nis deireadh-seachdain a chur seachad ann am Prague no Barcelona na Port Rìgh no Bàgh a’ Chaisteil. Bho Ghlaschu, tha e nas fhasa, nas luaithe agus nas shaora fhaighinn chun Roimh na Rùm a ruigsinn. Is beag an t-iongnadh gun do bhòt a’ mhòr-chuid den ginealach sin an aghaidh Brexit. Ach tha Brexit a’ ciallachadh gu bheil atharrachaidhean air faire airson companaidhean phlèanaichean agus teans gum bi cùisean nas duilghe agus nas cosgaile anns an àm ri teachd.

An-dràsta, mar ball den AE, tha sinn nar pàirt de na còrdaidhean itealaich aca. Mar phàirt den na còrdaidhean sin, tha speuran na Roinn Eòrpa fosgailte dhuinn agus sin as coireach gu bheil e cho furasta agus cho saor plèana fhaighinn chun mhòr-thìr.

Ma dh’fhàgas sinn an AE às aonais chòrdaidh itealaich sam bith, mar a tha na Tòraidhean air moladh uair agus a-rithist nuair nach eil cùisean air dhol gu math dhaibh, cha bhiodh cead aig plèanaichean sam bith itealachadh eadar an Rìoghachd Aonaichte agus an Aonadh Eòrpach. Chan urrainn dhuinn riaghailtean Buidheann Malairt na Cruinne a’ cleachdadh anns an roinn sin. Fiù ’s nan robh seo sinn anns an t-suidheachaidh ud fad latha a-mhàin bhiodh buaidh uabhasach aige air eaconamachd chugallach Bhreatainn.

Chan e a-mhàin an cead itealaich eadar an Rìoghachd Aonaichte agus dùthchannan an AE a th’ ann an cunnart air sgàth 's Brexit. Tha ceist mhòr ann a thaobh am bi cead aig companaidhean phlèanaichean Bhreatannach seirbheisean chur air dòigh a thòisicheas agus a chrìochnaicheas ann an dùthchannan air mòr-thìr na h-Eòrpa. An-dràsta tha an cead seo aca, leis gu bheil sinn fhathast anns an AE.

Tha an cead seo aig aon chompanaidh taobh a-muigh an AE mar-thà, Norwegian Air Shuttle, ach tha iad stèidhichte ann an Nirribhidh, dùthaich a tha na bhall den Mhargaid Singilte, agus a-rèir choltais cha bhi an Rìoghachd Aonaichte às dèidh Bhrexit. Às aonais a’ chead seo cuideachd cha bhiodh cead aig companaidhean stèidhichte ann an dùthchannan eile den AE an leithid de sheirbheisean a ruith taobh a-staigh an Rìoghachd Aonaichte a bharrachd. ’S dòcha gum bith againn ri soraidh slàn a thoirt a Ryanair mar sin.

A bharrachd air am Margaid Singilte, ma tha dùthchannan airson pàirt a ghabhail anns na còrdaidhean itealaich seo feumaidh iad gabhail ri na tha aig Cùirt-cheartais na h-Eòrpa ri ràdh agus cuideachd ri poileasaidhean Saorsa Siubhail an AE. Tha Riaghaltas Bhreatainn air gealltainn gu bheil iad airson an dà rud sin fhàgail cuideachd.

Nis, ’s dòcha nach caill companaidhean Breatannach an cead sin aig a’ cheann thall, ach cho fad 's a tha sinn nar ball den AE tha sin againn mar chòir, ach taobh a-muigh an AE cha bhiodh. Àm agus a-rithist ann am Brexit, bidh againn ri strì dìreach airson a bhith a fuireach far a bheil sinn. Feumaidh sinn malairt a dhèanamh airson cùmail na tha againn mar-thà, air no feumaidh sinn còrdadh ùr a’ lorg nuair nach eil dad ùr againn ri reic.

Mar iomadh rud a thaobh Brexit, tha sinn ag ionnsachadh gu bheil e doirbh mothachadh na mìltean de dhòighean anns an do shoirbhich an AE. Chan eil seo ach aon roinn agus aon eisimpleir air mar a tha Brexit gus na cothroman agus na còirichean againn a ghoid. Tha e soilleir gu bheil cuid de muinntir Brexit a tha sàsaichte gu leòr leis seo, air no ’s dòcha gu bheil iad dìreach coma.

GLOSSARY:

Làithean-saora an t-samhraidh – Summer holidays

Crìochan - Borders

Cùirt-cheartais na h-Eòrpa - The European Court of Justice

Buidheann Malairt na Cruinne – World Trade Organisation

Margaid Singilte – Single Market