In a week when yet another national newspaper has published a factually and historically inaccurate column regarding the Gaelic language, Màiri Dhòmhnallach debunks the myth that Gaelic culture and nationalism go hand-in-hand, and suggests that belittling Gaelic has become somewhat of a favourite election campaign pastime.

NOCHD colbh ann am pàipear-naidheachd nàiseanta eile an t-seachdain seo a chuir fearg air na ceudan de Ghàidheil, leis an tiotal: “Soidhnichean Gàidhlig na phròiseact faoin agus fuadain don Phartaidh Nàiseanta.”

A bhith onarach, bha an tiotal fhèin na adhbhar gu leòr an dearg-chaothach a chur ormsa – math dh’fhaoidte gur e sin an t-adhbhar nach b’urrainn dhomh spionnadh gu leòr a lorg gus an t-alt air fad a leughadh gus madainn an-diugh.

Co-dhiù, ’s e a nochd san sgrìobhadh seo ach ionnsaigh eile air na Gàidheil – rud a tha fada ro chumanta san là a th’ann – leis a’ bheachd annasach seo a tha air nochdadh bho chionn ghoirid; gu bheil a’ Phartaidh Nàiseanta a’ cleachdadh na Gàidhlig gus barrachd taic airson neo-eisimeileachd na h-Alba a ghlèidheadh. Bhon a fhuair a’ Phartaidh Nàiseanta smachd air Riaghaltas na h-Alba bho chionn deich bliadhna, tha an argamaid seo air a bhith an lùib iomadach alt is colbh ann am pàipearean-naidheachd. Nochdaidh e cuideachd air-loidhne gu tric am measg argamaidean poilitigeach – thoir sùil air Twitter bho àm gu àm agus chithear dè dìreach air a bheil mi a-mach.

A h-uile turas a chluinneas mi an argamaid seo ge-tà, cha mhòr nach eil mo shùilean gan call an cùl mo chlaiginn. “Seo sinn a-rithist”, bidh mi a’ smaointinn, “argamaid eile a bhios làn phuingean a tha ceàrr aig a h-uile ìre.” Cha robh mi fad às a thaobh mo bheachd leis a’ cholbh seo.

Tha an t-ùghdar den bheachd gu bheil a’ Bheurla air a bhith na prìomh chànain ann an Alba “bhon a chaidh an dùthaich a stèidheachadh mar stàit aithnichte.” Innis sin do na ceudan de theaghlaichean a tha fhathast a’ cleachdadh na Gàidhlig mar phrìomh chànain an dachaigh, ma thà.

Tha e cuideachd a’ beachdachadh air sanasan dà-chànanach, gu h-àraidh iad sin a tha rim faicinn aig stèiseanan-rèile air feadh na dùthcha. Tha e den bheachd nach eil na sanasan ann airson a bhith fiosrachail neo airson buannachd a’ chultair ionadail – ach gus rùn falaichte air choireigin a phutadh – mar a rinn na h-Èireannaich leis a’ chultar acasan, thuirt e.

Tha an sgrìobhadair den bharail gu bheil sanasan dà-chànanach a’ cosg fortan – is gu bheil an Riaghaltas a’ cosg airgead poblach air a phròiseact “fhaoin” seo. Chuala sinn an argamaid seo roimhe, tha mi cinnteach às. Ach tha fhios againn le cinnt gu bheil seo ceàrr airson ’s gun tuirt Riaghaltas na h-Alba nach cuir iad sanasan dà-chànanach ùra suas ach a nuair a dh’fheumas iad sanasan ùrachadh co-dhiù.

Ach chan ann a-mhàin gun robh an t-alt seo ceàrr aig iomadh ìre – agus ’s e a bha – ach tha e fhathast na chùis-ìongnaidh dhòmhsa gu bheil duine sam bith den bheachd gu bheil an dà rud, Gàidhlig agus taic dha neo-eisimeileachd, a’ suidhe an làimh a-chèile.

Ma choimheadas sinn air roinn-taghaidh Na h-Eileanan an Iar, mar eisimpleir – an t-àite far a bheil a mhòr-chuid de luchd-labhairt na Gàidhlig a’ fuireach, a-rèir an fhir a sgrìobh an colbh a nochd an t-seachdain seo, cha deach Ball Pàrlamaid Nàiseantach a bhòtadh a-steach gus an do ghlèidh Dòmhnall Stiùbhairt an roinn ann an 1970. An dèidh dhà-san call an aghaidh an Làbaraich, Calum Dòmhnallach, ann an 1987, cha deach BP Nàiseantach a bhòtadh a-steach a-rithist gu 2005, nuair a ghlèidh Aonghas MacNèill an roinn. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil dithis a-mhàin, ann an ceud bliadhna, air an roinn-taghaidh seo a riochdachadh. Nach eil cuimhne aige gur e fear uasail, Sir Iain Noble, a rinn strì mhòr gus sanasan-rathaid fhaighinn ann an Gàidhlig? Cha robh buannachd phoiliteagach aigesan ri fhaighinn bhon iomairt. Agus nach eil cuimhne aige gur e Riaghaltas co-bhanntach eadar na Làbaraich agus na Liberalaich a chuir Achd na Gàidhlig an gnìomh ann an 2005? Cha robh iadsan idir airson neo-eisimeileachd ach ’s iad a rinn a’ chuid as motha a thaobh ionnanachdas ann an suidheachadh laghail don chànain.

Le beagan a bharrachd air trì seachdainnean ri dhol chun an taghaidh choitchinn, cha chuir e ìongnadh air duine sam bith gu bheil cuideigin eile a’ feuchainn ri cur sìos air a’ Phartaidh Nàiseanta le bhith a’ dèanamh ceangail eadar cuspair a tha connspaideach agus cuspair neo-eisimeileachd. Ge-tà, tha e na chùis-nàire gu bheil daoine fhathast cho aineolach mu dheidhinn na Gàidhlig san là a tha ann; agus ann a bhith a’ feuchainn ri buannachd phoilitigeach fhaighinn, gu bheil iad a’ cur sìos air mion-chànain agus air an t-sluagh a tha fhathast ga bruidhinn ann an dòigh cho mì-chàilear.

GLOSSARY

Fuadain - False

Roinn-taghaidh - Constituency

A’ riochdachadh - Representing

Neo-chruinn - Inaccurate

Dà-chànanach - Bilingual