This week, Màiri Dhòmhnallach looks ahead to the Scottish local elections on May 4 and reminds us that although this vote is about much more than party-political allegiances, pro-indy supporters need to vote in force this time around.

THA colbh a bhios a’ nochdadh gach seachdain am broinn aon de na pàipearan ionadail againne a tha daonnan a’ spùtadh a-mach na h-aon teachdaireachd; beachdan poilitigeach searbh agus sean-fhasanta a tha gu tur air an làimh dheis a thaobh feallsanachd.

Nan taghadh tu cuspair connspaideach sam bith, b’ urrainn dhut a bhith cinnteach gun nochd e sa cholbh seo a h-uile seachdain eile. Gu dearbh, uaireannan tha e a’ còrdadh riumsa a bhith a’ leughadh a’ cholbh gus beagan de gheama bingo a chluich - aon cheàrnag ma tha an t-ùghdar a’ cur sìos air a’ chomhairle ionadail air sàilleabh cosgais togail sgudail; ceàrnag eile ma tha beachdan làidir air poileasaidh sam bith Riaghaltas na h-Alba a’ nochdadh; agus, “full house” ma nì e iomradh air soidhnichean-rathaid dà-chànanach agus mar a dh’adhbhraicheas iad tubaistean agus sgrios air feadh rathaidean na Gàidhealtachd (agus tha sin gun iomradh sam bith air na chosgas iad).

Co-dhiù, rinn mi m’ àbhaist an t-seachdain seo chaidh, agus thog mi am pàipear gus an colbh dibhearsaineach a leughadh. Ghlac a’ chiad chuspair aig an sgrìobhadair m’ aire sa bhad – le dealbh mhòr de Chomhairliche ionadail a tha a’ riochdachadh a’ Phàrtaidh Nàiseanta na lùib, bha fhios ‘am gum biodh rudeigin inntinneach sgrìobhte.

Thòisich cùisean glè mhath sa chiad dol a-mach. Thug an sgrìobhadair taing don Chomhairliche airson a chuid obrach thairis air na bliadhnaichean mu dheireadh – a’ bruidhinn air cho math ’s a bha e ann a bhith a’ cur uallach air a’ chomhairle, gu tric an aghaidh na gaoithe, air cuspairean a tha cudromach do mhuinntir na sgìre. Nam measg: casg-astair fichead mìle san uair ann an sgìrean còmhnaidheach; oidhirpean gus bacadh a chuir air giùlan ana-shòisealta am measg òigridh; agus na h-argamaidean a rinn e gus staing taigheadas a’ bhaile a’ chàradh. Mar a thuirt an sgrìobhadair fhèin, cha robh e “idir air a bhith dona mar Chomhairliche.”

Tuigidh sibh gun robh mi a’ fàs caran amharasach mun àm seo, a’ feitheamh gus an nochdadh na casaidean as àbhaist nochdadh gach seachdain. Chaidh an dòchas agam a lìbhrigeadh gu math luath ge-tà, nuair a thuirt an sgrìobhadair, gum biodh e - “ann an suidheachadh àbhaisteach” - air bhòt a thoirt don Chomhairliche seo a-rithist. Ach mhìnich e dhuinn nach e suidheachadh àbhaisteach a bha seo idir. Thuirt an sgrìobhadair gun robh na taghaidhean seo mu dheidhinn fada a bharrachd na cuspairean ionadail – gun robh iad mu dheidhinn an àm ri teachd agus na slighe air adhart don dùthaich.

Gu ìre, tuigidh mi na tha e ag ràdh. A bharrachd air iadsan a tha a’ seasamh mar neo-eisimeilich, tha gach tagraiche a’ seasamh aig na taghaidhean seo fo sgèith pàrtaidh poilitigeach air choireigin agus chan eil teagamh ann gu bheil buaidh aig a sin air modh chomhairlichean agus mar a tha iad gan giùlan fhèin.

Ge-tà, tha leasan làidir ri ionnsachadh an seo – gu h-àraidh dhuinne a tha taiceil do neo-eisimeileachd. Tha an colbh air a bheil mi a-mach - agus chan eil ann ach aon eiseimpleir ann an aon sgìre - a’ sealltainn nach dèan e cus diofar dè cho taiceil ’s a tha sinn air a bhith do chuspairean ionadail. Tha luchd-bhòtaidh treubhach, gu nàdarra, agus tha e follaiseach gun tèid iad leis an fhear neo tè a tha a’ seasamh air an aon taobh riuthasan a thaobh neo-eiseimeileachd agus an ath-reifreann, ge bith dè rinn iad san sgìre ionadail gu ruige seo.

Tha e cho cudromach ’s a ghabhas gun gabh sinne a tha taiceil do neo-eiseimeileachd pàirt anns na taghaidhean ionadail seo, agus gun dèan sinn oidhirp gus bhòt làidir a bhrosnachadh – air an là fhèin agus tron phost – gus am bi fìor bhun-stèidh de dh’ùghdarrasan ionadail ann an Alba taiceil do neo-eisimeileachd ann mus tachair an ath-reifreinn.

GLOSSARY

Feallsanachd – philosophy

Connspaideach – controversial

Dibhearsaineach – entertaining

Còmhnaidheach - residential