MATH dh’fhaoidte gum bi cuimhne aig cuid agaibh gun do sgrìobh mi sa cholbh mu dheireadh agam aig deireadh na bliadha mu dheidhinn an t-seòrsa feallsanachd a bha mi an dùil cur an cèill na mo sgrìobhaidhean ann an 2017.

Bhruidhinn mi an uairsin air cuid de na tachartasan a tha air buaidh a thoirt air a’ Ghàidhealtachd bho chionn ghoirid, agus mar a bha mi an dòchas coimhead air na cuspairean sin bho shealladh Ghàidheil agus sealladh Gàidhealach, san àm ri teachd. Tha sin fhathast fìor, agus thugadh an aire gun deach bhòt tron Phàrlamaid an t-seachdain seo chaidh gus Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean a chumail fo stiùir Bòrd Gàidhealach. Ge-tà, tha bliadhna ùr air tòiseachadh, agus - rud a bha a’ cur iomagain orm - tha cùisean nàiseanta agus eadar-nàiseanta air tighinn gu ìre a tha a cheart cho cudromach, agus nas eagalaiche buileach. Tha e doirbh bruidhinn air cuspair eadar-nàiseanta sam bith an-dràsta gun a bhith a’ bruidhinn air na thachair Dihaoine sa chaidh. Chaidh Ceann-suidhe ùr nan Stàitean Aonaichte a chur ann an dreuchd – Trump a-nis aig an stiùir - agus tha cùisean air a dhol cho craicte ‘s a bha sinn an dùil.

Thog còrr is millean neach fianais an aghaidh a’ Chinn-suidhe ùir Disathairne, ann an ‘Caismeachd Bhoireannach’, ann am baile Washington a-mhàin, ach le tachartasan coltach ris ann am bailtean Aimereaganach eile agus ann an còrr is fichead dùthaich air feadh an t-saoghail. A-rèir nan aithrisean, tha an àireamh de dhaoine a thog fianais ann an Washington gu math nas àirde na an àireamh de luchd-thaic a nochd gus deas-ghnàth inntrigidh Dhòmhnaill Trump fhaicinn - naidheachd a tha air fòcas a thoirt air falbh bho na tha cudromach - poileasaidhean agus planaichean a’ Chinn-suidhe ùir.

A’ bruidhinn air còraichean bhoireannaich, thuirt Theresa May air prògram Anndra Marr madainn Didòmhnaich gun robh i air sealltainn mar thà gun robh i air gu leòr a dhèanamh gus na còraichean sin a dhìon. Bidh na faclan sin fo cheasnachadh cruaidh nuair a choinnicheas i ri Ceann-suidhe Trump Dihaoine sa tighinn – ach bha e follaiseach bhon agallamh sin gun robh i air tòiseachadh air leisgeulan a dhèanamh dha Trump mar thà.

Thuirt a’ Bh. Ph. May (chan ann airson a’ chiad turas) gun robh “dàimh shònraichte” eadar Breatainn agus na Stàitean Aonaichte. Nam bithinn-sa ann an suidheachadh Theresa May, bhithinn a’ smaointinn air na cuspairean as cudromaiche a thogainn leis a’ Cheann-suidhe ùr, an àite a bhith a’ feuchainn ri barrachd misneachd a thoirt do dh’amadan gun sgot. Saoil dè na còmhraidhean a bhios aca mu dheidhinn NATO? Neo air na còrdaidhean malairt a thèid a stèidheachadh an dèidh Brexit? Neo am bi na còmhraidhean air fad sìobhalta agus airson na camarathan ‘s luchd-naidheachd a-mhàin?

Fiù ‘s le Trump gu aon taobh, tha cùisean gu bhith doirbh dha Theresa May air ais ann am Breatainn an t-seachdain seo. Chuala sinn san aon agallamh còmhla ri Anndra Marr cho mi-chofhurtail ‘s a bha i nuair a chaidh a ceasnachadh mu dheidhinn deuchainn urchair niùclasach a chaidh ceàrr as t-samhradh. Thachair e san Òg-mhios, a-rèir The Sunday Times, beagan sheachdainnean ro bhòt far an deach aontachadh £40b a chosg air ùrachadh Trident.

Chaidh May a cheasnachadh ceithir tursan le Mgr. Marr, agus cha tuirt i aig àm sam bith gun robh fhios aice mun deuchainn ron bhòt sa Phàrlamaid. Tha Nicola Sturgeon fhèin air iarraidh gum bi am fiosrachadh air fad mun t-suidheachadh air a sgaoileadh, agus tha làn fhios againn gum bi seo na phrìomh chuspair dha na pàrtaidhean dùbhlanach ann an Westminster aig Ceistean a’ Phrìomhaire Diciadain.

Tha seachdain dhoirbh gu bhith aig May eadar Trident agus Trump, ach tha i cuideachd gus a bhith a’ strì le Buill Phàrlamaid a’ Phàrtaidh Nàiseanta a thaobh Artagail 50. Thuirteadh aig an deireadh sheachdain nach eilear idir gus taic a thoirt don dòigh anns a bheil i am beachd pròiseas Brexit a thòiseachadh, agus bidh e gu math inntinneach faicinn mar a ghluaiseas cùisean a thaobh Brexit anns na làithean ri tighinn.

Ge bith dè eile thachras an t-seachdain seo, agus tha mi cinnteach gum bi barrachd ri tighinn, tha seachdain thrang gu bhith aig Prìomhaire May, agus chan eil e follaiseach idir aig an ìre seo an urrainn dhi stiùir theann a chumail air cùisean.