AIR an 29mh den Lùnastal bha 590 làithean air dol seachad ann an Èirinn a Tuath gun riaghaltas; an ùine as fhaide riamh ann an dùthaich sìtheil. Thogadh iomairtean ann am bàiltean air feadh na sgìre an latha ud, a’ feuchainn ri toirt air luchd-poilitigs na sgìre an obair aca a dhèanamh.

Thàinig crìoch air an riaghaltas ann an Stormont nuair a dh’fhàg Sinn Féin e san Fhaoilleach 2017. Dh’fhàg iad air sgàth ’s gun do bhris an DUP an gealladh a rinn iad mar phàirt den Aontachadh Chill Rìmhinn gum bheireadh iad taic a dh’achd sònraichte gus a’ chànan Gaelige a dìon. Ged a ghleidheadh taghadh airson Stormont sa Mhàrt 2017, cha do dh’atharraich sin cùisean.

Fon shiostam sònraichte de cho-roinneadh chumhachdan air a bheil Stormont stèidhichte as dèidh Aonta Dihaoine na Ceusta, nach urrainn do dh’aon pàrtaidh riaghladh gun taic bho phàrtaidh a bhios a’ riochdachadh na coimhearsnachd eile. Chan eil an DUP deònach obrachadh còmhla ri Sinn Féin, an dà phàrtaidh as motha, agus mar sin cha tèid riaghaltas a chruthachadh.

Às aonais Riaghaltas, leanaidh an t-Seirbheis Sìobhalta orra leis an obair làitheil acasan ach chan urrainn dhaibh laghan ùra a chruthachadh, no na roghainnean connspaideach a dhèanamh. Agus tha droch bhuaidh air a bhith aig an staing seo air beatha an t-sluaigh ann an iomadach dòigh.

Thug am buidheann-carthannais NSPCC seachad rabhadh an t-seachdain-sa gun robh an staing seo a’ cur bacadh air laghan deatamach airson clann a dhìon bho ionnsaighean-drabasta air-loidhne. Chaidh ro-innleachd air a’ chuspair a dhealbhadh ach gun riaghaltas cha tèid na poileasaidhean sin a ghabhail ris.

Thuirt Colaiste Rìoghail nan Lannsairean an t-seachdain-sa-chaidh gun robh an dìth riaghaltais a’ toirt droch bhuaidh air slàinte an t-sluaigh, le amannan-feitheamh ag àrdachadh. Dh’fhoillsich iad gun robh 100,000 euslaintich air feitheamh còrr is bliadhna airson leighis. Ann an Alba, chàineadh Riaghaltas na h-Alba nuair a dh’fhoillsicheadh gun robh 1,100 neach air an ùine sin fheitheamh.

Tha sgàile fhada aig na Buairidhean thairis air an sgìre fhathast. Cha do thòisich an cogadh sin mar an Dàrna Cogadh, no an Cogadh Iorac. Chan eil e furasta fiù ’s aontachadh cuine a thòisich e, oir thòisich le tachartasan beaga fòirneartach agus tro bhith a’ toirt lùghdachaidhean beaga air deamocrasaidh na sgìre.

Na tha eagallach ’s e is gu bheil a leithid ri fhaicinn a-rithist. Tha an staing ann an Stormont a’ lùghdachadh deamocrasaidh na sgìre agus chan eil am fòirneart ach air fàs nas miosa on a thòisich an staing.

As t-samhradh, chunnacas seachdain de dh’fhòirneart is aimhreitean ann an Doire Chaluim Chille agus cha mhòr nach tugadh iomradh air anns na naidheachdan. An-uirigh, bha aig còrr is 2,000 neach ris an taighean fhàgail, às dèidh do bhagairtean a dhèanamh nan aghaidh air sgàth ’s an creideamh no an cinneadh aca. Chosg Roinn an Taigheadais còrr is £7m a’ lorg àitichean-fuirich dhaibhsan a dh’fheumadh an dachaighean fhàgail air eagal fòirneart.

Chan eil na rudan seo àbhaisteach anns a’ chòrr den Rìoghachd Aonaichte, ach tha sinn ro chleachdte ri bhith smaointinn gu bheil iad àbhaisteach ann an Èireann a Tuath. Le sin tha e nas duilghe aithneachadh nuair a tha cùisean a’ fàs na miosa.

Fàsaidh cùisean nas miosa buileach as dèidh Bhrexit, oir tha gach dùbhlan a tha ro Bhreatainn nas toinnte buileach anns na Sia Conntaighean. Mar eisimpleir, dh’fhoillsich an t-Aonadh Eòrpach an t-seachdain-sa gu bheil iad am beachd dèanamh às de Ùine-Samhraidh mar chleachdadh. Nan dèanadh iad sin, bhiodh leth den eilean Èireann uair a thìde air adhart air an leth eile, fad sia mìosan den bhliadhna.

As aonais Riaghaltais ann an Stormont cha bhi cothrom aig Èirinn a Tuath ach dèanamh na tha Westminster a’ smaointinn a tha a dhìth orra. As aonais Riaghaltais stèidhichte anns an sgìre sin agus a’ riochdachadh muinntir na sgìre chan eil dòigh ann gum bi Brexit ach na bùrach cunnartach ann an Èirinn a Tuath.

Chan eil an DUP airson is gun till cumhachd gu Stormont, a dh’aindeoin ’s na chanas iad. Tha iad anns an t-suidheachadh as cumhachdaiche a-riamh, a’ toirt taic èiginneach do Riaghaltas Theresa May. Cha bhiodh iad airson tilleadh a shiostam far a bheil aca ri cumhachd a cho-roinn le na pàrtaidhean eile ann an Stormont.

Tha an siostam sin—dà phàrtaidh ag obair còmhla as leth dà choimhearsnachd—na shamhla cho cudromach. Chan fheum iad aontachadh ùr, dìreach feumaidh iad pàrtaidhean poilitigeach a tha deònach gabhail ris na gheall iad roimhe. Agus ged a tha muinntir Èireann a Tuath crosta leis an luchd-poilitigs aca, le deagh adhbhairean, chan eil iad air earbsa a chall annta. Cha bhiodh sluagh a bha air earbsa a chall ann an air fianais a thogail mar a rinneadh an t-seachdain-sa chaidh. Feumaidh iad èisteachd ris an t-sluagh sin a tha ag iarraidh an sìth agus an deamocrasaidh airson an do strì iad fad nan deicheadan.

SUMMARY:
Protesters marked the day last week when Northern Ireland broke the record for the longest peace-time period any country has gone without a government. The last Westminster election left the DUP in a more powerful position, than they have ever experienced. The longer they refuse to return to power-sharing, the more the people in the North will suffer. With Brexit on the horizon the need to restore the Stormont assembly only grows more urgent. 

GLOSSARY:
Aontachadh Chill Rìmhinn – St Andrews Agreement

Ùine-Samhraidh - Daylight Saving Time

Na Buairidhean – The Troubles

Doire Chaluim Chille - Derry