THE Canadian Government’s continued pursuit of the Transmountain Pipeline, a controversial extension of an oil-pipeline running from Alberta to the coast of British Columbia, has brought together opposition from a wide range of groups and provinces. The announcement that they now intent to nationalise the controversial project, along with terrible election results for his Liberal Party in Ontario last week, mean that Trudeau could really struggle in next year’s federal elections.

NUAIR a bhuannaich Justin Trudeau an taghadh ann an 2015 bha mòran ann an Canada agus air feadh an t-saoghail, a bha gu math dòchasach mu dhèidhinn. ’S e duine òg a’ bh’ ann, mac ceannard cliùiteach Pierre Elliot Trudeau nach maireann agus bha poileasaidhean an ìre mhath adhartach aige. Ach thairis air na bliadhnaichean tha cliù Trudeau air lughdachadh, agus chan eil eisimpleir nas fheàrr air mar a tha seo air tachairt ach an connspaid mu dhèidhinn a’ phìob-ola dhan b’ ainm an Transmountain Pipeline.

Anns a’ chiad dol a-mach, b’ e an companaidh Kinder Morgan a bha a’ moladh am pròiseact seo airson pìoba ùr 1,150 km de dh’fhaid a chruthachadh a thèid còmhla ri pìoba a tha ann mar tha, eadar Alberta agus costa Choluimbia Bhreatannach. Thathas an dùil gun àrdachadh an àireamh de bharaillean ola a thèid troimhpe gach latha gu ìre a tha còrr is trì uiread a’ phìob eile.

On a chaidh am pròiseact seo a mholadh bliadhnaichean air ais, chan eil ach connspaid air a leantainn. Na bu thràithe am bliadhna, thug a’ chompanaidh dhan riaghaltas feadarail ceann-latha deireadh a’ Chèitein airson co-dhùnadh a ruigsinn air a’ chùis. Agus dìreach mus tàinig an ceann-latha ud orra, dh’fhoillsich riaghaltas Trudeau gum biodh am riaghaltas feadarail a’ gabhail smachd thairis air a’ phròiseact air fad, agus gun chosgadh iad co-dhiù $4.5 bilean de dh’airgead poblachd air.

Ged a bhiodh am pròiseact seo air dreachdan a’ chruthachadh anns a’ mhòr-roinn, tha Riaghaltas Choluimbia Bhreatannach air feuchainn ri stad a chur air a’ phròiseact seo iomadh uair. Chan eil air soirbheachadh leotha.

Tha grunn bhuidhnean àrainneachdail agus riochdairean cuid de na coimhearsnachdan tùsanach anns na sgìrean far a bhiodh am pìoba ùr ga thogail air iomairt a thogail na aghaidh. Dh’fheuch luchd-lagha a tha a’ riochdachadh tùsanaich nàisean Tsleil-Waututh an t-seachdain-sa toirt air breitheamhan an ceasa aca an aghaidh na pìoba-ola ath--fhosgladh, agus iad ag ràdh nach deach co-chomhairleachadh ceart a chumail leothasan. Ged nach do shoirbhich leotha ann an Cùirt Feadarail nan Ath-thagraidhean, is cinnteach nach eil sinn air deireadh nan ceistean laghail fhaicinn.

Ged nach tèid a’ phìoba faisg air Ceibèic, tha mòran sa mhòr-roinn sin cuideachd air aghaidh a’ chuir ris a’ phròiseact agus nàiseantaich na sgìre gu tur an aghaidh suidheachaidhean sam bith far an tèid aig an riaghaltas feadarail toirt air riaghaltasan mòr-roinneil gabhail ri planaichean ris nach eil iad airson taic a chumail.

Agus anns a’ chòrr den dùthaich tha barrachd daoine mi-thoilichte mu dhèidhinn is iad air ionnsachadh gum bith aca ri phàigheadh airson na pìoba.

Thèid taghaidhean a chumail ann an Canada an ath-bhliadhna agus bidh aig Trudeau Òg ri sealltainn gu bheil e air gu leòr a dhèanamh airson teirm eile a bhuannachadh. Cha bheir a’ phìob seo cus buannachd dha idir.

An t-seachdain-sa, chall a phàrtaidh-sa an taghadh mòr-roinneil ann an Ontario, far an robh iad air cumhachd a ghlèidheadh fad 15 bliadhna. Thuit na Libearalaich dhan treas àite, às dèidh na Tòraidhean agus am pàrtaidh NDP a tha air taobh chlì nan Libearalach.

Ann an Ceibèic, far a thèid taghadh mòr-roinneil a chumail anns an Dàmhair, tha na Libearalaich cuideachd an-dràsta ann an cumhachd, ach tha iad air tuiteam sìos anns na cunntasan-beachd. Tha an dà chuid Parti Québécois agus Coalition Avenir Québec air càineadh mar a dhèilig Trudeau leis a’ phìob-ola agus an dà phàrtaidh sin an-dùil adhartasan a dhèanamh far an call na Libearalaich seataichean.

Dìreach mar a tha sinn a’ faicinn ann an Alba, tha cuid de dhaoine deònach bhòtadh airson pàrtaidhean eadar-dhealaichte airson pàrlamaidean eadar-dhealaichte, ach aig an dearbh àm chan eil e na deagh-mhanadh airson àm ri teachd pàrtaidh Trudeau. Chan eil deagh choltas air maireannachd a’ phàrtaidh, is iad ann an suidheachaidhean cho cugallach ann an dà de na mòr-roinnean as motha anns an dùthaich.

Nuair a sgrìobh Trump air Twitter nach robh e deònach creidsinn ann an atharrachadh na ghnàth-shìde, rinneadh magadh air agus chleachdadh an tweet sin mar fhianais a’ sealltainn nach robh e comasach gu leòr a bhith na ceann-suidhe. Tha seo gu h-àraid soilleir nar linn-sa, nuair a bheil atharrachadh na gnàth-shìde a fàs nas miosa agus nas cunnartaiche. Chan eil an leisgeul sin aig Trudeau, ach cha bhi sinn a’ magadh air mar a bhios sinn air Trump. Tha esan a’ creidsinn ann an atharrachadh na ghnàth-shìde agus a’ tuigsinn gu bheil blàthachadh na cruinne a’ tachairt air sgàth ’s losgadh connaidhean-fosail. Agus fhathast tha e deònach billeanan a chosg air aon de na connaidhean-fosail as salaiche agus as cunnartaiche.

Tha riaghaltas Trudeau agus a’ chonnspaid seo air dearbhadh nach urrainn dhut a ràdh gu bheil thu airson na h-àrainneachd a dhìon, aig an dearbh àm is a tha thu a’ stèidheachadh cnap mòr eaconamaidh na dùthcha air ola.

GLOSSARY:
Mòr-roinn – province
Connaidhean-fosail – fossil fuels
Pìob-ola – oil pipeline
Cùirt Feadarail nan Ath-thagraidhean – Federal Court of Appeal