FIFTEEN years after the invasion of Iraq, the fear of repeating the same mistakes hangs over the debate around intervention in Syria. The lies that supported the case for war then are used by some to ignore any troubling evidence emerging now. Meanwhile, Assad bombs his own people, creating more and more refugees who will never be able to return while he rules what is left of that country. 

O CHIONN còig bliadhna deug, chaidh an Rìoghachd Aonaichte an sàs ann an cogadh anns an Ear-mheadhan. B’ e mearachd uabhasach a bh’ ann. Tha am pròiseact Iraq Body Count air clàradh mar a chaill, air a’ char as lugha, còrr is 180,000 sìobhaltaich am beathannan anns a’ chogadh. Cha tèid againn bhruidhinn mu dhìleab Tony Blair gun luaidh a thoirt air Ioràc, an dùthaich a mhill esan agus Seòras W. Bush.

Agus rinn an Cogadh Ioràic cron air an dùthaich agus an deamocrasaidh againne cuideachd. Chleachd Prìomhaire fianais lag airson toirt air pàrlamaid taic a thoirt do chogadh far nach robh plana airson sìth às dèidh làimh aca idir.

Nuair a ghabh an RAF pàirt anns an ionnsaigh air Siria beagan sheachdainean air ais, cha robh am Prìomhaire deònach taic pàrlamaid iarraidh ro làimh. Chan eil i deònach, gu ruige seo, dad a bharrachd air an aon ionnsaigh ud a cheadachadh. Agus tha mòran daoine nach eil deònach chreidsinn facal a chanas an Riaghaltas mu dhèidhinn.

Ged a bha eagal mu airm cheimigeach fianais gu leòr gus toirt oirnn cogadh a thòiseachadh ann an 2003, ann an 2018 chan eil fianais gun deach airm cheimigeach an cleachdadh gu leòr gus toirt air cuid fiù ’s beachdachadh air an leithid. Tha sin a’ dearbhadh dìreach cho làidir is a tha buaidh chogaidh Ioràic oirnn fhathast.

Chan eil mi ag aontachadh leis mar a dhèilig Theresa May leis an ionnsaigh sin idir. ’S e deamocrasaidh pàrlamaideach a th’ againn agus feumaidh ar feachdan-armaichte cead fòirneart a chleachdadh fhaighinn bhon pàrlamaidean againn, seach cead bho aon neach a-mhàin. Cuideachd, cha tèid stad a chur air Assad le ionnsaighean mar a rinneadh Dihaoine sa chaidh.

Nuair a tha fianais ann gu bheil cuideigin ri sgrios-cinnidh nam bheachd-sa tha dleastanas air dùthchannan eile stad a chur air. Feumaidh mi aideachadh gum bhithinn ’s deònach taic a thoirt do dh’iomairt eadar-nàiseanta nam b’ urrainn dha stad a chur air Assad oir sin na tha esan ris ann an Siria.

Tha na meadhanan air atharrachadh gu mòr thar na còig bliadhna deug seo cuideachd; tha sinn uile an sàs anns a’ chogadh fiosrachaidh co-cheangailte ri Siria. Chan ann a-mhàin ann an Siria fhèin a tha an cogadh sin a tachairt, ’s ann anns na pàipearan naidheachd agus na meadhanan sòisealta cuideachd.

Ged nach eil mi ag aontachadh leis a’ Bheeb no Riaghaltas Bhreatainn fad an t-siubhail chan eil sin a’ ciallachadh gum bu chòir dhuinn smaointinn gur e breug a th’ anns gach facal a chanas iad. Tha sin ceart co gòrach agus cho cunnartach ri bhith a’ creidsinn, gun ceistean, gach facal a chanas iad. Oir ann an co-theacs Siria bhiodh agad ri riaghaltasan eile a dhiùltadh cuideachd leithid na Fhraing, nach do ghabh pàirt anns a’ chogadh Ioràic, agus a bhith ag èisteachd ri riaghaltasan nan deachdairean mar Putin is Assad. Tha coltas ann gu bheil gu leòr ann an Alba deònach an dearbh rud a dhèanamh.

Ann an 2016, thomhas luchd-rannsachaidh bhon na Dùthchannan Aonaichte gun robh mu 400,000 neach air am beathannan a chall anns a’ chogadh ann an Siria, agus anns an dà bhliadhna on uair sin is cinnteach gun deach an àireamh sin am meud. A thaobh fhògarraich, anns an Dùbhlachd 2017 bha còrr is 5.6m dhiubh clàraichte gu h-oifigeil a-rèir UNHCR – barrachd na sluagh na h-Alba air fad.

Dè bu chòir do dh’Alba dèanamh mu dhèidhinn Siria? Thuirt Prìomh Mhinisteir na h-Alba gun robh còrr againn feitheamh gus am biodh ro-innleachdach eadar-nàiseanta airson sìth fhaighinn ann an Siria. Tha i ceart, ach chan fhaigh sinn a leithid gu bràth bhon na Dùthchannan Aonaichte, leis gu bheil ball den Comhairle Thèarainteachd aca, an Ruis, a’ sabaid còmhla ri feachdan Assad. Fad seachd bliadhna tha muinntir Siria air feitheamh airson an leithid de rud.

Cha tèid còrdadh poilitigeach a dhèanamh le Assad. Ann an 2011 thog cuid ann an Siria iomairt na aghaidh gu sìtheil agus fhreagair e le murt agus gas clòirin. Cha tèid stad a chuir air gu sìtheil. Nuair a tha Assad air buannachadh, le taic bho Ioràn agus bhon na Ruise, cò bhios airson iomairt shìtheil a thogail na aghaidh?

Bu chòir dhuinn èisteachd ris na fògarraich. Gun teagamh sam bith tha iad ag iarraidh tèarmann agus crìoch a thoirt air an cogadh. Ach dè às dèidh sin? Dè eile ach a bhith a’ tilleadh dhachaigh, dìreach mar a tha fògarraich Phalastaine ag iarraidh fhathast. Cha tèid aca air tilleadh cho fad ’s a bhios Assad os cionn na dùthcha ge-tà.

Tha Alba air fàilte a thoirt dhan àireamh bheag de dh’fhògarraich a tha sinn air toirt a-steach bhon chogadh uabhasach seo agus bu chòir dhuinn, air a’ char as lugha, tòrr a bharrachd fògarraich Shirianach a ghabhail. Ach cho fad ’s a bhios ceannardan leithid Assad ann, bidh againn ri bhith deònach fòirneart a chleachdadh air no leigeil leis cur às den t-sluaigh aige fhèin. Cha do dh’ atharraich Ioràc sin.

GLOSSARY

Dìleab – legacy

Sgrios-cinnidh – genocide

Fògarraich – refugees

An Ear-Mheadhan – the Middle East