THÀINIG e am follais an t-seachdain seo chaidh gu bheil dithis bhoireannach air casaidean de dhrabastachd a thogail an aghaidh Ailig Salmond nuair a bha e ann an oifis Prìomh Mhinistear na h-Alba ann an 2013. Fo phoileasaidh ùr a chaidh a chur an gnìomh bho chionn ghoirid airson dèiligeadh ri casaidean de dh’fhòirneart drabastach taobh a-staigh na Pàrlamaid, chaidh Salmond ainmeachadh aig toiseach na bliadhna mar fhear a bha an sàs ann an sàrachadh drabastach fhad ’s a bha e na dhreuchd. Tha esan a-nis air ath-bhreitheanachadh laghail a thogail ann an Cùirt an t-Seisein an aghaidh Riaghaltas na h-Alba, agus gu h-àraid an aghaidh dòigh-giùlain an Rùnaire Stèidhichte, feuch an robh na rinn i laghail ann am beachd na Cùirte.

Dh’inns e ann an ‘tweet’ Diardaoin nach robh cead air a bhith aige am fianais a tha na aghaidh fhaicinn gus an deidheadh aige air cùis a chruthachadh dha fhèin, agus gur b’ ann air sgàth seo a thog e a’ chùis. Thuirt e cuideachd nach robh e ceadaichte dha fios mionaideach mun ghnothach fhoillseachadh air eagal ’s gum biodh buaidh aig sin air cùis na Cùirte. Ach ann a bhith a’ leughadh freagairtean a fhuair e bhon ‘tweet’ ud, chuir e dragh uabhasach orm an uimhir fhaicinn ag ràdh nach robh sa chùis mu Salmond ach ionnsaigh eile an aghaidh strì airson neo-eisimeileachd... eh? Tha Leslie Evans, a tha os cionn Seirbheis Chatharra na h-Alba, na ceannard air còig mìle seirbheiseach catharra a tha ag obair do Riaghaltas na h-Alba. Chuir i cuideachd a beachdan air Riaghaltas na RA an cèill sa Mhàrt am-bliadhna, ’s gu dearbh cha b’ e moladh a rinn i an uair sin. Mar sin, carson a bhiodh daoine a’ gabhail ris gum biodh i an aghaidh Ailig Salmond bho thùs? Bha i fhèin na dreuchd nuair a bha e na Phrìomh Mhinistear. Cha deach an fheadhainn a thog casaidean na aghaidh ainmeachadh fhathast. Ciamar, mar sin, a bhiodh fios aca dè bha fa-near dha na boireannaich ann a bhith a’ togail gearain na aghaidh? Cha b’ urrainnear a ràdh na bu mhò, nach i an fhìrinn a th’ aca.

Tha eagal orm gu bheil cuid de luchd-taic neo-eisimeileachd neo luchd-taic Partaidh Nàiseanta na h-Alba air claon-bhreith a chur air thoiseach air ceartas agus cothromachd. Dh’fhaoidte gu bheil sinn a-mach air drabastachd sa chùis a tha seo, agus gu bheil cuid air a’ mheas agus an spèis a th’ aca do Salmond a chur air thoiseach air na bu chòir dhuinn a bhrosnachadh – cothrom do dhaoine bruidhinn a-mach air na thachair dhaibh. Mura h-eil sinn a’ toirt cothrom do luchd-fulaing an cuid sgeulachdan innse no gearanan a thogail, tha sinn a’ dèanamh dì-meas orra agus air iomairtean a leithid #MeToo. Nise, chan eil mi idir ag ràdh gu bheil Ailig Salmond ciontach neo gu bheil e neo-chiontach. Ach ’s e tha mi ag ràdh nach eil fianais ri fhaotainn gu poblach air taobh seach taobh fhathast, agus leis a sin, chan eil e an urra rinne binn a thoirt seachad.

’S fheàrr dhuinn leigeil le Cùirt an t-Seisein dèiligeadh ris a’ chùis, agus tha againn ri leigeil leis na cùirtean feuchainn ri dligheachd is ceartas a choileanadh. Chan e ar gnothach-sa a th’ ann a ràdh gur i an fhìrinn no a’ bhreug a th’ aig luchd-gearain mura h-eil fianais sam bith ri fhaotainn aig an ìre-sa. Ach gu dearbh cha bu chòir do dhaoine a bhith ag ràdh gur e ‘ionnsaigh air iomairt airson neo-eisimeileachd’ a th’ ann no gu bheil iad a’ feuchainn ri ‘ar sgaradh ’s ar ceannsachadh’. Tha cuideigin fiù ’s air taga-hais a thòiseachadh: #IStandWithAlexSalmond. Smaoinichibh nan robh sibh fhèin air gearan a chur a-staigh mu chuideigin le cumhachd mar a bh’ aigesan agus gun robh daoine sa bhad ga dhìon agus gad chàineadh airson a chliù a ghànrachadh. Mar a thuirt mi, chan eil mi ag ràdh gu bheil Salmond ciontach, ach tha mi ag ràdh gum bu chòir do dhaoine feitheamh gus am bi barrachd fiosrachaidh ann gus co-dhùnaidhean a ruighinn. Tha againn ri bhith faiceallach mu bhith a’ cur ar beachdan an cèill far nach eil fianais againn a dh’aon-ghnothach bhon a tha sinn a’ leantainn Partaidh Nàiseanta na h-Alba no bhon a tha sinn a’ sireadh neo-eisimeileachd. Chan eil fios againn nach i ’n fhìrinn a th’ aig na boireannaich agus cha bu chòir dhuinn a bhith gan seachnadh mar bhreugadairean. Nach ann oirnn a bhiodh an nàire nan robh an naidheachd seo fìor? Bhiomaid air dì-meas a dhèanamh air an neach a dh’fhulaing agus ’s e cùis nàire a bhiodh ann dhuinn fhìn, a’ toirt ar n- aineolais fhèin am follais.