AIG cò-labhairt a’ Phàrtaidh Nàiseanta, thug Nicola Sturgeon seachad òraid bha cho cudromach ’sa bha e sgileil. Bha aice ri iarraidh air a luchd-taic a bhith foighidneach a thaobh reifreinn eile air neo-eisimeileachd.

B’ urrainn dhi a bhith air innse dhaibh dìreach na bha iad airson cluinntinn; gealladh air reifreann eile ro àm na Nollaige. Nan robh i ann an suidheachadh cho cugallach ris an t-suidheachadh ’sa tha May, no cho misneachail (gun deagh adhbhair, nam bheachd-sa) is a tha Corbyn, ma dh’fhaoidte is gum biodh i air an lethid a dhèanamh. Ach cha do rinn.

Mar a thuirt i fhèin: chan eil sinn air adhartas gu leòr a dhèanamh ann a bhith a’ brosnachadh taic airson neo-eisimeileachd. ’S e briseadh dùil a tha sin do chuid, ach ’s e an fhìrinn a th’ ann fhathast, mar a tha na cunntasan-beachda a’ dearbhadh. Cha bu chòir dhuinn reifreann a ghlèidheadh gus an tèid againn ag ràdh le cinnt gun soirbhich leinn, dìreach mar a bha sinn ann an 1997. Agus cha chanadh duine gu bheil sinn air an ìre de thaic sin ruigsinn fhathast.

Ron reifrinn ann an 2014, bha tòrr airson ionnsachadh bho na h-iomairtean soirbheachail a chunnacas san dà reifreann neo-eisimeileachd ann an Ceibèic. A-rèir an leabhair Project Fear, a sgrìobh Joe Pike mu dhèidhinn Better Together, chuir Dùghlas Alexander seachad ùine mhòr a’ rannsachadh mar a chùm na h-iomairtean ud Ceibèic ann an aonadh leis a’ chòrr de Chanada. Tha an leabhar ag ràdh gur b’ ann bhon sluagh-ghairm “Non, merci”, a chleachdadh ann an 1980, a fhuair esan am beachd airson “No, Thanks” a chleachd Better Together.

Gun teagamh sam bith, tha sinn ann an suidheachadh eadar-dhealaichte bho Cheibèic ach tha barrachd air ionnsaicheadh nàiseantaich na h-Alba barrachd na sluagh-ghairm a-mhàin bhon dà reifreann sin, agus bho staid poilitigeach na sgìre anns an latha an-diugh.

Nam bheachd-sa, tha poilitigs Ceibèic san latha an-diugh a’ dearbhadh gu bheil Nicola Sturgeon ceart a bhith teagmhach agus cùramach mu dhèidhinn an dàrna reifreann. Oir tha nàiseantaich Ceibèic beò ann an nàisean a chaill an dàrna reifreann cuideachd. Agus chan eil cus aca ri bhith toilichte mu dhèidhinn.

’S ann ann an 1980 a ghleidheadh a’ chiad reifreann air neo-eisimeileachd ann an Ceibèic, agus bhuannaich luchd-taic an aonaidh beagan is 59% den bhòt. Còig bliadhna deug às dèidh sin ann an 1995 san dàrna reifreann fhuair iad 50.58% agus chall na nàiseantaich le 49.42% den bhòt. Ged a shoirbhich leis na nàiseantaich aig an taghadh a lean an reifreann mu dheireadh, chan eil iad air cus adhartais a dhèanamh idir thar nam bliadhnaichean.

Fichead ’sa trì bliadhna on uair sin, chan eil reifreann air aire cus ann an Ceibèic idir. A dh’aindeoin ’s cho faisg is a thàinig na nàiseantaich ri soirbheachas an turas mu dheireadh, chan eil sin ach air bacadh a chur oirre.

An-diugh, tha na pàrtaidhean nàiseantach ann an Ceibèic air an sgaradh ann an trì. Aig tòiseach a’ mhìos-sa bhuannaich pàrtaidh nàiseantach ùr na taghaidhean airson pàrlamaid Cheibèic. Chall na Libearalaich, a bheireas taic dhan aonadh, agus bhuannaich Coalition Avenir de Québec, no CAQ, mòr-chuid de 74 a-mach às na 125 seataichean.

Tha mòran ann an Ceibèic car teagmhach mun phàrtaidh seo a tha a’ riaghladh na sgìre airson a’ chiad uair. Tha na poileasaidhean aca cho fada air an làmh dheas is gun tug Marine Le Pen meal a naidheachd dhaibh nuair a bhuannaich iad. Tha iad gu mòr an aghaidh in-imrich cuideachd agus airson giorrachadh de 20% a thoirt air àireamhan de dhaoine a ghluaiseas dhan sgìre. Gun teagamh sam bith ’s e nàiseantaich a th’ annta ach chan eil iad a’ toirt taic do reifreann, agus tha ceannard a’ phàrtaidh François Legault ag ràdh nach bheir iad taic do fhear gu bràth.

A thaobh poilitigs na sgìre ’s e Québec Solidare am pàrtaidh as fhaisg ris a’ PhNA, leis gu bheil iad air an taobh chlì den chòrr de na pàrtaidhean, agus leis gun robh iad a’ gealltainn reifreann a ghleidheadh. Cha d’fhuair iadsan ach 10 seataichean. Agus dè mu dheidhinn Parti Québécois, am pàrtaidh a tha air a’ bhith, mar Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba, os cionn an iomairt airson neo-eisimeileachd fad nan deicheadan agus aig àm an dà reifreann? Chan eil aca a-nis ach 10 seataichean cuideachd, àireamh cho beag is gu bheil iad a-nis anns an treas àite agus chan fhaigh iad maoineachadh bhon phàrlamaid leis nach eil sin gu leòr airson inbhe pàrtaidh oifigeil fhaighinn.

Cha tàinig sgaradh air a’ PhNA às dèidh 2014, ach nan cailleadh iad reifreann eile chan eil teagamh orm gum biodh e nas duille buileach am pàrtaidh a’ chumail ri chèile. Agus às aonais sin, chosgamaid barrachd ùine a’ sabaid an aghaidh càch seach a’ strì airson neo-eisimeileachd. Ar leam gu bheil ceannard a’ Phàrtaidh Nàiseanta a’ tuigsinn sin.

SUMMARY:
During the 2014 indyref many sought to learn from the experiences of Quebec. One of the most important lessons which Scottish Nationalists should take from the province is that losing a second referendum can prove fatal, regardless how close the result. In today’s Quebec, the nationalist parties have split into three, and twenty three years since their second referendum, almost no one is talking about a third.
 

GLOSSARY:
Rabhadh – Warning
Òraid – Speech
Ceibèic – Quebec s
luagh-ghairm – Slogan