ABAIR deireadh-sheachdain do dhaoine LGDT+ air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan Siar. Chuir Inbhir Nis agus na h-Eileanan Siar caismeachdan is tachartasan air dòigh mar phàirt de ‘Pròis’ Disathairne seo chaidh. B’ e seo a’ chiad tachartas dhen leithid anns na h-Eileanan a-riamh.

Tha e coltach gun robh 200 an sàs san tachartas ann an Steòrnabhagh feasgar Disathairne, air an robh ‘Uaill Innse Gall’ agus gun robh 3000 an sàs ann am Pròis Inbhir Nis. Abair àireamhan! Tha an t-àm ann a bhith a’ moladh co-ionnanachd air a’ Ghàidhealtachd a dh’aindeoin gnè, cinneadh neo feisealachd, agus bha na tachartasan seo mar dheagh chomharra air a sin.

Mar a shaoilear, dh’fheuch cuid ri maill a chur air gnothaichean agus tha e coltach gun do thòisich neach a tha na bhall den Eaglais Shaoir Leantainnich ann an Inbhir Nis athchuinge na aghaidh.

Chaidh an t-athchuinge (a thog 600 ainm) a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd leis a’ bheachd gur e sealladh cho mì-mhoralta a bhiodh ann ’s nach bu chòir do dhaoine fhaicinn.

Gu fortanach, dhiùlt Comhairle na Gàidhealtachd gabhail ris ag ràdh nach robh càil na lùib a bha na dheagh adhbhar airson stad a chur air a’ chaismeachd.

Nise, ged nach saoileadh tu gur e àireamh mhòr a th’ ann an 200 duine, feumar cuimhneachadh nach eil ach mu 27000 a’ fuireach sna h-Eileanan Siar uile gu lèir. Cuimhnich cuideachd gur e àite gu math cràbhaidh a th’ ann fhathast an coimeas ri sgìrean eile ann an Alba, le 74% den t-sluagh gan comharrachadh fhèin mar Chrìosdaidhean.

Bha ministear òg san Eaglais Chlèirich Ath-Leasaichte ann an Leòdhas a’ càineadh an tachartais agus e den bheachd nach tug iadsan a chur air dòigh e spèis do bheachdan dhaoine eile. Thuirt e nach robh an tachartas ‘gràdhach’ air dòigh sam bith agus gur ann a’ dèanamh dì-meas air a’ Chruithfhear a bha Crìosdaidh sam bith a bheireadh taic ris an tachartas agus ri coimhearsnachd LGDT+.

Ach gu dearbh, tha mòran den fheadhainn a tha mar phàirt den choimhearsnachd LGDT+ nan Crìosdaidhean iad fhèin! Thuirt ministear san Eaglais Shaoir Leantainnich ann an Steòrnabhàgh gur e suidheachadh ‘truagh agus maslach’ a bha ann a bhiodh ‘a’ brosnachadh mì-mhoraltachd dhrabasta’. Chunnacas mòran eile air Facebook a’ càineadh an tachartais agus chaidh bratach a chaidh a chrochadh taobh a-muigh bùth ann an Steòrnabhagh a shràcadh air an oidhche ron tachartas.

Gu fortanach, bha bratach eile aig fear na bùtha deiseil airson a chur na h-àite a’ chiad char an ath mhadainn!

Agus a’ bruidhinn air brataichean, tha Comhairle nan Eilean Siar ri chàineadh air sgàth ’s gun do dhiùlt iad bratach Pròis a chur an àird. Carson nach b’ urrainn dhaibhsan an aon rud a dhèanamh ri Comhairle na Gàidhealtachd, agus a’ bhratach a chrochadh mar chomharra air an latha shònraichte?

B’ i an leisgeul a thug iad seachad gun robh poileasaidh aca air brataich agus cò an fheadhainn a chuireadh iad suas agus nach robh a’ bhratach Pròis mar phàirt dhen phoileasaidh sin aig an ìre-sa.

Uill, ’s e seo a’ chiad tachartas dhe leithid san sgìre, is tha mi ’n dòchas (ach chan eil mi idir cinnteach) gun atharraich am poileasaidh ud mus bi caismeachd ann a-rithist an ath bhliadhna. Bha dragh orra cuideachd nach robh duine sam bith aca a bheireadh a’ bhratach sìos air an deireadh-sheachdain. Dhòmhsa dhe, bhiodh e na b’ fheàrr buileach nan cumadh iad suas i gu co-dhiù madainn Diluain.

Gun teagamh, tha muinntir na Comhairle a cheart cho airidh air creideamh ’s a tha muinntir LGDT+ air a’ ghnèitheachd acasan ach cha bu chòir creideamh muinntir na Comhairle buaidh a thoirt air mar a tha iad a’ cruthachadh phoileasaidhean, ’s tha mi an dòchas nach ann air adhbharan creideimh a sheachnaich iad bratach Uaill Innse Gall a chrochadh. Leanaidh mi orm feuch am faigh mi lorg air a’ phoileasaidh ud air brataichean air an robh iad a-mach ge-tà ...

Co-dhiù, bha na mìltean ann a thug taic ris an dà thachartas, mìltean eile a dh’fhàg meala-naidheachd orra air na meadhanan sòisealta agus gu dearbh, chaidh an latha leotha aig a’ cheann thall. Meala-naidheachd cuideachd air Peter Nimmo, ministear Eaglais na h-Alba ann an Inbhir Nis a thug seachad òraid aig an tachartas an sin, a’ toirt brosnachadh agus taic dhaibhsan a bha a’ caismeachd.

Tha astar againn ri dhol fhathast, ach tha mi ’n dòchas gum bi tachartas ann gach bliadhna bho seo a-mach ann an Inbhir Nis agus ann an Steòrnabhagh.

Tha mi ’n dòchas cuideachd gun tig leudachadh air na h-àireamhan a bhios an sàs mar as motha a chì daoine nach eil eagal air coimhearsnachd LGDT+ (neo an fheadhainn a tha a’ cur taic riutha) ron bheag-chuid a tha gan càineadh airson rud nach gabh atharrachadh, agus rud às a bheil iad pròiseil.

SUMMARY:
The Pride marches which took place in both Inverness and Stornoway over the weekend are a sign of changing times in the Highlands and Islands. People were showing they are not afraid of those who are against them, and here’s hoping the events keep on growing.

GLOSSARY:

Eaglais Shaoir Leantainnich – Free Church Continuing

Eaglais Chlèirich Ath-Leasaichte – Reformed Presbyterian Church Athchuinge – petition

Cruithfhear – creator/maker