DE fon ghrèin a tha a’ dol air adhart aig Comhairle nan Eilean Siar a thaobh na Gàidhlig sna làithean-sa? Tha diofar naidheachdan air nochdadh fad sheachdainean a-nis mun Chomhairle agus an seasamh a th’ aca air iomadh cuspair co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig. Sa chiad dol a-mach, chaidh innse do chuid a bha a’ feuchainn ri seirbheisean na Comhairle fhaotainn sa Ghàidhlig (foirmean Cìs Comhairle, mar eisimpleir) nach robh a leithid ri fhaotainn ach sa Bheurla, ach gun robh daoine làn dì-beathte an lìonadh sa Ghàidhlig. Seirbheisean bunaiteach bho Chomhairle le ainm Gàidhlig nach eil deònach a cur gu feum? Chan eil mòran Gàidhlig fiù ’s ri faicinn air làrach na Comhairle – tha an clàr-amais sa Ghàidhlig ach tha duilleagan gu tur sa Bheurla ga leantainn.
Mus deach clann nan Eilean air ais dhan sgoil às dèidh saor-làithean an t-samhraidh, chaidh innse do phàrantan gum biodh clann a bha ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann am Bun-sgoil Steòrnabhàigh air a roinn ann an clasaichean measgaichte bho seo a-mach. Bhiodh cuid à clas a dhà measgaichte le clas a h-aon, agus bhiodh an aon rud ann do chlasaichean suas gu clas a ceithir co-dhiù. Dh’adhbhraich seo èiginn am measg phàrantan, is cuid aca fiù ’s a’ beachdachadh air clann a ghluasad gu taobh na Beurla! Le cinnt, chuir a’ Chomhairle bagradh air FtMG ann an Leòdhas, agus cha mhòr nach do chaill iad barrachd chloinne bho àireamh a tha air an taobh ìosal mar-thà. Nach eil fuasgladh sìmplidh ann a bheireadh faochadh san t-suidheachadh èiginneach seo? Sgoil Ghàidhlig fa-leth sa bhaile.
Air an 13mh den t-Sultain, dh’inns Uilleam Dòmhnallach (Ceannard an Fhoghlaim) do Radio nan Gàidheal nach robh dad a dhùil aig Comhairle nan Eilean Siar sgoiltean Gàidhlig fa-leth a chur an gnìomh. Thug e seachad adhbhar neo dhà son a leithid de dh’amaideas: bha iad airson ’s gum biodh a’ chlann air am foghlamachadh sna coimhearsnachdan aca fhèin, agus cha robh iarrtas ann bho phàrantan sgoil Ghàidhlig fa-leth a chur air dòigh. Inntinneach. Tha cuimhn’ agamsa air iomadh turas nuair a bha pàrantan nan Eilean Siar a’ sireadh sgoiltean Gàidhlig fa-leth don chloinn: 2006, ann an Uibhist a Tuath, ’s chaidh an diùltadh. Ann an 2008, chaidh Sgoil Staoinebrig a dhùnadh, an aon sgoil Ghàidhlig san sgìre, ged a thuirt Comhairle nan Eilean beagan mhìosan ron a sin nach dùnadh iad idir i. Ann am Barraigh ann an 2011, bha pàrantan a’ sireadh taic bhon Chomhairle sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh air an eilean. Chaidh an diùltadh. Na inns dhuinne nach eil pàrantan ga iarraidh! Mura h-eil, tha cùisean air atharrach gu mòr sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh.
Is ged a chaidh a ràdh nach eil pàrantan airson ’s gum bi clann a’ siubhal airson foghlam fhaighinn, tha a’ Chomhairle air iomadh sgoil bheag a dhùnadh anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh, a leithid Staoinebrig. Chan eil cuid de na sgoiltean as lugha anns an h-eileanan seasmhach gu leòr airson cumail a’ dol, ach nach e ìobairt as fhiach a dhèanamh a th’ ann do phàrantan a tha dha-rìribh mu fhoghlam Gàidhlig clann a chur gu coimhearsnachd eile far am faigh iad am foghlam a bu mhiann leotha?
Tha a’ Chomhairle air a ràdh gu bheil 50% de sgoilearan ann am FtMG ann an ‘sgoiltean Gàidhlig’, a’ ciallachadh gu bheil prìomhachas aig a’ Ghàidhlig mar chiad chànan na sgoile, ach gu bheil cothrom sna sgoiltean seo Foghlam tro Mheadhan na Beurla fhaotainn cuideachd. Tha eagal ormsa nach e ‘sgoiltean Gàidhlig’ a th’ annta idir, ach ionadan, coltach ris an fheadhainn a th’ againn ann an iomadh àite air feadh na dùthcha. ’S math a tha fios againn nach bi a’ Ghàidhlig mar chiad chànan ma tha a’ Bheurla ri cluinntinn cuideachd. Mura h-eil fileantachd sa Ghàidhlig riatanach ann an obraichean sna sgoiltean agus mura h-eil poileasaidhean làidir ann a thaobh Gàidhlig aig àm-bìdh, san raon-cluiche, anns na trannsaichean agus air feadh na sgoile, tionndaidhidh a’ chlann gu nàdarra agus gu modhaile gu Beurla.
Tha aig a’ Chomhairle ri suidhe sìos agus beachdachadh air droch chliù a choisinn iad dhaibh fhèin a thaobh mar a tha iad a’ dèiligeadh ris a’ Ghàidhlig agus foghlam Gàidhlig, gu h-àraid. Tha sinn daonnan a’ cluinntinn gu bheil na h-Eileanan Siar aig fìor chridhe na Gàidhlig, ach tha a’ Chomhairle a bu chòir a bhith moiteil às a’ Ghàidhlig ann an cunnart an t-urram seo a mhilleadh. Tha an t-àm aca èisteachd ri iarrtasan, gearanan agus càineadh an t-sluaigh agus piseach a thoirt air cor na Gàidhlig sna h-Eileanan mus bi e ro anmoch. Saoilidh mi nach eil Gàidhlig sna h-Eileanan cho sàbhailte sin agus cha dèanadh e cron air a’ Chomhairle cuimhneachadh air an t-seanfhacal: Cha tig às a’ phoit ach an toit a thèid innte!
Why are you making commenting on The National only available to subscribers?
We know there are thousands of National readers who want to debate, argue and go back and forth in the comments section of our stories. We’ve got the most informed readers in Scotland, asking each other the big questions about the future of our country.
Unfortunately, though, these important debates are being spoiled by a vocal minority of trolls who aren’t really interested in the issues, try to derail the conversations, register under fake names, and post vile abuse.
So that’s why we’ve decided to make the ability to comment only available to our paying subscribers. That way, all the trolls who post abuse on our website will have to pay if they want to join the debate – and risk a permanent ban from the account that they subscribe with.
The conversation will go back to what it should be about – people who care passionately about the issues, but disagree constructively on what we should do about them. Let’s get that debate started!
Callum Baird, Editor of The National
Comments: Our rules
We want our comments to be a lively and valuable part of our community - a place where readers can debate and engage with the most important local issues. The ability to comment on our stories is a privilege, not a right, however, and that privilege may be withdrawn if it is abused or misused.
Please report any comments that break our rules.
Read the rules hereLast Updated:
Report this comment Cancel