O CHIONN ceud bliadhna, shoirbhich le iomairt a bha air strì fad deicheadan, agus fhuair boireannaich anns an Rìoghachd Aonaichte, cuid dhiubh co-dhiù, còir-bhòtaidh ann an 1918. An-diugh ann am Pàrlamaid na h-Alba, chomharraich a’ chiad Phrìomh Mhinistear boireann a tha air a bhith againn an ceann-bliadhna cudromach le òraidean agus deasbad. Tha sin na shamhla fhèin air an adhartas a tha sinn air a dhèanamh ach, mar a tha an iomairt #MeToo air dearbhadh, tha astar againn ri dhol fhathast, air feadh an t-saoghail agus ann an Alba.

Tha iomadh tachartas eile air a chur air dòigh mar-thà gus an strì sin a chuimhneachadh. ’S e rud cudromach a th’ ann an cuimhneachadh, gu h-àraid air tachartasan poilitigeach. Thèid iomadh ceann-bliadhna cudromach eadar-dhealaichte a chomharrachadh anns na bliadhnaichean seo tighinn.

Tha a’ bhuidheann “Connolly 150” a’ deasachadh agus a’ trusadh airgid gus tachartasan a chur air dòigh as t-samhradh airson ceud gu leth bliadhna a chomharrachadh o rugadh Seumas Ó Conghaile ann an Dùn Èideann. ’S e gaisgeach nàiseanta a th’ ann an Ó Conghaile ann an Èirinn, ach anns an dùthaich far an do rugadh is san do thogadh e, chan eil cus ri cluinntinn mu dheidhinn.

An t-seachdain sa chaidh, chuimhnich cuid na tachartasan ris an abrar Blàr Cheàrnaig Sheòrais no Dihaoine Dubh no Dihaoine Fuilteach fiù ’s, a thachair 99 bliadhna air ais. Ann an 1919, thàinig sluagh mòr de luchd-iomairt còmhla air a’ cheàrnaig, a’ strì airson giorrachadh air an t-seachdain-obrach àbhaistich, is iad a’ feuchainn ri a toirt sìos gu 40 uair a thìde. Thòisich aimhreit nuair a dh’fheuch na poilis ri stad a chur orra. Ged nach b’ e toiseach rèabhlaide no ar-a-mach a bh’ ann mar a chunnacas anns an Ruis agus ann an Èirinn anns na bliadhnaichean roimhe, tha e cudromach cuimhneachadh dè thachair agus mar a fhreagair Lunnainn.

Fhreagair iad le 12,000 saighdear agus le tancaichean is beart-ghunnaichean. Bha iad fortanach nach deach duine a mharbhadh ach feumaidh sinn cuimhneachadh gu robh feachdan ìmpireachd Bhreatainn deònach fòirneart a cleachdadh an aghaidh luchd-iomairt, ged a bhiodh gu leòr dhiubh dìreach air tilleadh bhon Chogadh Mhòr. Tha mi an dòchas an ath-bhliadhna gun tèid tachartasan a chur air dòigh gus an tachartas eachdraidheil seo a chomharrachadh.

Agus ann an dà bhliadhna, bidh dà cheud bliadhna air a dhol seachad on a dh’fheuch buidheann de luchd-obrach ann an Glaschu agus cuid de bhailtean mun cuairt air, ri Poblachd Albannach a stèidheachadh ann an Ar-a-mach 1820. Chaidh triùir a chur gu bàs, agus chaidh 19 eile fhògradh gu Astràilia, airson na rinn iad. Tha mi an dòchas gun tèid an èirigh sin a chomharrachadh gu ceart.

Cha mhòr gach turas a nochdas aithrisean mu dheidhinn nan tachartasan seo, chithear luchd-leughaidh a’ gearan, le ceartas, nach deach an eachdraidh seo ionnsachadh dhaibh anns an sgoil. Cha bu chòir do dh’fhoghlam neach sam bith tighinn gu crìoch nuair a dh’fhàgas iad an sgoil ach tha eachdraidh neo-aithnichte aig Alba agus beag air bheag tha sinn a’ cuimhneachadh agus ag ionnsachadh mu dheidhinn na h-eachdraidh seo.

Tha na tachartasan agus na gaisgich seo airidh air moladh ach cha bu chòir dhuinn aire a thoirt a-mhàin dha na pàirtean de dh’eachdraidh a tha a’ còrdadh rinn. Tha mise agus cuid eile air moladh roimhe gum bu chòir dhuinn barrachd a dhèanamh gus aithneachadh mar a chaidh Alba an-sàs ann am Malairt na Tràilleachd agus ann an Ìmpireachd agus mar a chruthaich na buannachdan sin an dùthaich againn. Gun teagamh sam bith tha an t-uabhas obrach againn ri dhèanamh fhathast air sin cuideachd.

’S e buidhnean beaga saor-thoileach a bhios a’ stiùireadh a’ mhòr-chuid de dh’iomairtean cuimhneachaidh mar seo. Is toil leam sin. Cha bu chòir gum biodh e an urra ri Riaghaltasan, Comhairlean no a’ Bheeb a-mhàin a leithid de rudan a chomharrachadh. Oir b’ iadsan aig an robh cumhachd a bha nan seasamh an aghaidh còirichean-bhòtaidh, an aghaidh phoblachdan, is mar sin air adhart.

Chan eil mi a’ creidsinn gun tèid nàisean no saoghal foirfe a chruthachadh. Bidh strì againn ri dhèanamh an-còmhnaidh, ach tha sin ceart gu leòr. Bu chòir dhuinn ionnsachadh na ’s urrainn dhuinn bhon na tachartasan seo oir tha an saoghal ag atharrachadh gu luath an-dràsta. Feumaidh sinn cuimhneachadh dè thachair agus na h-amasan a bh’ aig ar sinnsirean nuair a rinn iad strì, nuair a tha sinne a’ feuchainn ri dùthaich ùr a chruthachadh.

Oir mar a sgrìobh MacDiarmid: “For we ha’e faith in Scotland’s hidden poo’ers, The present’s theirs, but a’ the past and future’s oors.” Is treasa tuath na tighearna, thuirteadh iomadh uair, agus cha tèid sin à cuimhne nan tighearnan, ach chòrdadh e riutha nan dìochuimhnicheadh an tuath sin. Mar sin tha dleastanas oirnn ar n-eachdraidh radaigeach a chuimhneachadh.