AN-UIRIDH, ghabh mi cùrsa san oilthigh a thug sùil air ceanglaichean eadar feisealachd agus creideamh ann am Breatainn, Èirinn agus Aimeireaga a Tuath. Dh’ionnsaich sinn an sin mu chùis-lagh nam Pàistean Ciarraigheach, is ged a bha mi den bheachd gun robh e uabhasach, cha do shaoil mi gun cluinninn mu dheidhinn a-rithist às dèidh na deuchainne. Ach an t-seachdainsa, nochd an naidheachd gu bheil an Gardaí a’ sireadh fiosrachaidh ùr air a’ ghnothach gus a’ chùis a thoirt gu ceann mu dheireadh thall agus gus ceartas fhaighinn do Joanne Hayes.

Ann an 1984, chaidh leanabh air an tug iad “Baby John” a shàthadh gu bàs is a chorp air fhàgail air tràigh ann an Cahersiveen, Co. Ciarraighe. Cha robh e ach mu chòig latha a dh’aois – murt uabhasach. Dh’adhbhraich seo strì a thug am follais na beachdan làidir a bh’ aig muinntir na h-Èireann a thaobh feisealachd bhoireannaich aig an àm.

Chaidh am murt a chur às leth Joanne Hayes, nach robh ach 24 bliadhna a dh’aois aig an àm, nuair a fhuair iad lorg air corp leanaibh eile a bha air ùr-bhreith air tuathanach teaghlach Joanne mun aon àm; chaochail e beagan mhionaidean as dèidh dhi a bhreith. Ach, dh’fheuch iad ri teòirig amaideach a dhearbhadh gun d’ rugadh an dithis chloinne dhi is gun robh athraichean eadar-dhealaichte aig an dithis aca tro ‘superfecundation’! Theireadh iad cuideachd gun do mhurt i an dithis aca.

Bha sgaradh-pòsaidh mì-laghail aig an àm agus, bliadhna ron seo, bha iad air bun-reachd na dùthcha atharrachadh gus còraichean co-ionnan a thoirt do leanabh neo-ghinte agus don mhàthair fhèin. Mar sin, ’s e murt a bhiodh ann nam feuchadh i ri cuidhteas fhaighinn dhen phàiste mus do rugadh e, aig ìre sam bith den torrachas.

Dhèanadh iad fìù ’s dì-meas air daoine a bha airson casg-gineamhainn a chleachdadh, agus cha robh cead ach aig daoine pòsta seo a chleachdadh ann am planadh-teaghlaich. Bha na ceanglaichean eadar eaglais agus stàit uabhasach fhèin làidir aig an àm sin, agus tha fhathast gu ìre san latha an-diugh. Chan eil e fhathast ceadaichte do bhoireannaich casg-bhreith fhaighinn mura h-eil beatha màthar no leanabh ann an cunnart.

Bha Joanne Hayes bhochd na ceap-coireachaidh sa chùis a bha seo, ged nach robh fianais sam bith ann a dhèanadh ceangal eadar i fhèin agus “Baby John”. ’S e bha a’ dol ach a’ feuchainn ri smachd a chumail air feisealachd bhoireannach san fharsaingeachd, agus bha aca ri eisimpleir a dhèanamh de chuideigin gus seo a dhèanamh.

Ach, a’ feuchainn ri cur às a leth gun robh ise air corra lot fichead a chur ann am pàiste neo-chiontach ’s air a chorp fhàgail air an tràigh? Cha bu chòir do dhuine sam bith nach eil air a dhearbhadh ciontach a bhith air ainmeachadh gu poblach is gu dearbh cha bu chòir dealbhan a bhith air an sgaoileadh. An latha roimhe, thug Leo Varadkar seachad leisgeul as leth riaghaltas na h-Èireann airson an dòigh san deach Joanne Hayes a làimhseachadh. Dh’ainmich e cuideachd gur docha gum faigheadh i airgead-dìolaidh bhon riaghaltas airson na thachair. Ach ’s cinnteach nach dèan airgead an gnothach air cron a chàradh: chan eil figear air an t-saoghal a bheireadh piseach air na dh’fhuiling i thar na deich bliadhna fichead mu dheireadh.

Tha iad a-nis air dearbhadh le cinnt, tro theicneòlas ùr DNA nach b’ i màthair “Baby John”, ach tha sin a’ ciallachadh gu bheil cuideigin eile bu choireach ’s gun robh an Gardaí a’ feuchainn ri ìomhaigh a chruthachadh de Joanne mar bhoireannach “neo-bheusach”, an àite a bhith a’ sireadh cheanglaichean eile a dh’fhaodadh fhuasgladh a dhèanamh air a’ chùis. Bha iad air am beò-ghlacadh le bhith a’ dèanamh eisimpleir dhi.

Mar sin, gu dearbh, tha an t-àm ann rudeigin a dhèanamh gus beagan faochadh a thoirt do Joanne Hayes. Mar a thuirt Stiùireadair Ó Murchú bhon Gardaí: ‘Chan eil droch àm ann airson rud ceart a dhèanamh’. Ach tha an cron dèanta. Tha astar mòr fhathast ri dhol a thaobh seasamh feisealachd ann an Dáil na h-Èireann. Bu chòir do chreideamh a bhith fa-leth bhon stàit gus am bi roghainn aig gach neach dè an t-slighe a leanas iad. Tha a h-uile duine, gu cinnteach, làn dì-beathte an creideamhan fhèin a leantainn gu dlùth. Ach, bu chòir roghainn a bhith aig daoine a thaobh am feisealachd fhèin. ’S dòcha nach biodh an uair sin uidhir de dhì-meas air a dhèanamh air boireannaich shingilte aig a bheil clann neo a tha airson casg-gineamhainn a chur gu feum. Bu chòir gum faigh Joanne Hayes faochadh agus bu chòir don fheadhainn a tha a’ sireadh barrachd saorsa a thaobh roghainnean pearsanta seo fhaighinn cuideachd.