THA companaidh airson sia taighean deug a thogail faisg air là raich Bhlà r Chùil Lodair. Anns an Dùbhlachd chaidh iomairt a thogail an aghaidh nam planaichean agus tha còrr is seachdad mìle neach air an ainmeannan an cur ri athchuinge a tha a’ feuchainn ri stad a chur air an iarrtas. Nam measg tha Diane Gabaldon, ùghdar nan nobhailean Outlander, agus na mìltean de luchd-leughaidh na sreath nobhailean agus prògraman telebhisein mu dhéidhinn nan Seumasach.
Thèid na planaichean a-nis a dheasbad gu poblachd ach fiù ’s mura gheibh iad cead bho Chomhairle na Gà idhealtachd, bidh cothrom aca ath-thagradh a dhèanamh ri oifigich Riaghaltais na h-Alba. Ann an 2014 rinn companaidh eile iarrtas airson ceithir taighean deug a thogail anns an dearbh à ite agus ged nach do thog iad na taighean sin, fhuair iad cead air an son - ged a dhiùlt a’ Chomhairle iad, shoirbhich leis an ath-thagradh a rinn iad.
Ann an 2015 chruthaich Comhairle na Gà idhealtachd poileasaidh ùr gus aithneachadh na sgìrean co-cheangailte ris a’ Bhlà r ach nach robh nam pà irt den là raich ghléidhte. Thà inig theannachadh air na riaghailtean phlanaidh anns an raon shònraichte a chaidh ainmeachadh an Culloden Muir Protection Area. Tha là rach an iarrtais ùir seo taobh a-staigh an raon shònraichte sin, agus chì sinn dè cho éifeachdach is a tha am poileasaidh ùr seo aig a’ Chomhairle.
Tha cuid de dh’arc-eòlaichean cuideachd air cheistean a thogail mu na planaichean seo. Tha iadsan a’ tuigsinn, mar a bu chòir dhuinn uile, nach e rud marbh agus neo-caochlaideach a th’ ann an eachdraidh, agus gum bi ar tuigse air an t-à m a dh’fhalbh ag atharrachadh fad an t-siubhail. Cuideachd, ged a bhiodh sinn uile eòlach air ainm Bhlà r Chùil Lodair, tha eachdraidh a’ bhlà ir fhèin, agus nan Seumasach air fad, air crochadh airson fada robh fhada air beachdan poilitigeach iadsan a bha a’ sgrìobhadh mu dhéidhinn.
Dh’fhoillsicheadh leabhair ùr mu dhèidhinn an dearbh bhlà r ann an 2016, le Murray Pittock, a’ togail air rannsachadh à rc-eòlais ùra aig an à rainn gus sealltainn an ìre gu bheil eachdraidhean eile mun bhlà r a’ crochadh air beachdan poilitigeach, agus claon-bhreitheach, mu dhéidhinn nan Seumasach agus na Gà idheil. Gu h-à raid am beachd gur e buirb a bh’ anns na feachdan Gà idhealach agus gur e saighdearan proifeiseanta a bh’ ann am feachdan Riaghaltas Bhreatainn.
Chan urrainn dhan a’ chompanaidh no na luchd-planaidh ag rà dh le cinnt nach eil fianais sam bith ri lorg anns an talamh sin far a bheil iad an dùil na taighean an togail. Bhiodh cothrom ann, gun atharraicheadh dad a lorgadh iad an sin an tuigse a th’ againn air dè dìreach a thachair an latha ud agus anns na là ithean às dèidh a’ bhlà ir fhèin ann an 1746. A’ bharrachd air eachdraidh, cuideachd ’s e ceist urraim a th’ ann. Fhuair mìltean bàs air an là rach sin. Cha bhiodh na Aimeireaganaich deònach KFC a thogail ri taobh Gettysburg. Cha bu chòir is gum faighear cead airson a leithid idir.
Ann an Alba tha gu leòr de dhaoine nan NIMBYs (Not In My Back Yard) agus air a’ Ghà idhealtachd gu h-à raid a chuid a tha gu tùr BANANAs (Build Absolutely Nothing Anywhere Near Anything). Chan eil mise nam measg, agus bheirinn ‘s taic dhan a’ mhòr chuid de leasachaidhean ùra.
Bhiodh mi deònach gleanntan falamh a’ Ghà idhealtachd an lìonadh le cruadhtan agus togalaichean, cho fà d ’s a bhiodh sluagh deònach fuireach annta. Chuirinn ‘s tuathanas-gaoithe air mullach gach beinne oir ’s iad cumhachd ghlan agus coimhearsnachdan là idir na tha a dhìth air a’ Ghà idhealtachd agus coma leinn mura bhiodh luchd-turais sam bith airson tadhail oirnn. Chan eil cruthan-tìre falamh nan seallaidhean bòidheach nam léirsinn-sa, gu h-à raid iadsan a bha uair là n Ghà idheil.
Feumar tuigsinn an iarrtas seo anns a’ cho-theacs aige. ’S ann à Inbhir Nis a tha mi fhèin o thùs agus gach turas a thilleas mi chun a’ bhaile mhòir tha fàs air tighinn oirre. Chan fhada mus tèid iarrtasan cèanna a dhèanamh. Ged a tha e math gu bheil Inbhir Nis a’ fà s, ’s ann tro bhith tarraing daoine bhon a’ chòrr den Ghà idhealtachd chun a’ bhaile mhòir a tha iad air a leithid a dhèanamh. Mar sin chan eil fàs Inbhir Nis a’ dèanamh dad gus maille a chur air fà sachadh a’ Ghà idhealtachd fhèin.
Cha bu chòir dhan baile mhòr ud a bhith fhathast na phà irt de Chomhairle a’ Ghà idhealtachd. Leis gu bheil, thèid na trioblaidean seo a chuir air falach, oir cho fad ‘s a thèid an tarraing a dh’Inbhir Nis, chan eil iad air a’ Ghà idhealtachd fhà gail, gu h-oifigeil.
Le bhith a’ cumail dìreach aon Comhairle airson na sgìre tha sinn a sealltainn cho ìosal is a tha ar glòir-mhiann air son na sgìre. Tha an t-à m ann gus taighean is goireasan ùra an togail air feadh a’ Ghà idhealtachd, à ite sam bith ach air an là rach seo.
Why are you making commenting on The National only available to subscribers?
We know there are thousands of National readers who want to debate, argue and go back and forth in the comments section of our stories. We’ve got the most informed readers in Scotland, asking each other the big questions about the future of our country.
Unfortunately, though, these important debates are being spoiled by a vocal minority of trolls who aren’t really interested in the issues, try to derail the conversations, register under fake names, and post vile abuse.
So that’s why we’ve decided to make the ability to comment only available to our paying subscribers. That way, all the trolls who post abuse on our website will have to pay if they want to join the debate – and risk a permanent ban from the account that they subscribe with.
The conversation will go back to what it should be about – people who care passionately about the issues, but disagree constructively on what we should do about them. Let’s get that debate started!
Callum Baird, Editor of The National
Comments: Our rules
We want our comments to be a lively and valuable part of our community - a place where readers can debate and engage with the most important local issues. The ability to comment on our stories is a privilege, not a right, however, and that privilege may be withdrawn if it is abused or misused.
Please report any comments that break our rules.
Read the rules hereLast Updated:
Report this comment Cancel