WHILE some might regard 2017 as a year of little progress for the independence movement, the Scottish Government has been busy both domestically and internationally laying the groundwork for the next referendum. By acting as if they are already independent, they are forcing other countries and the Scots themselves to start viewing this nation in a different light.

’S E bliadhna neònach a bh’ ann an 2017 airson Riaghaltas na h-Alba agus an iomairt aca airson neo-eisimeileachd. Aig toiseach na bliadhna bha 56 Ball Pàrlamaid aig a’ PhNA ann an Westminster, an-diugh chan eil ach 35. As t-earrach thuirt am Prìomh Mhinistear gum biodh reifreann eile air neo-eisimeileachd a’ tachairt, ach cha chuala sinn cus ma dheidhinn on uair sin ge-tà.

Tha aire a’ chòirr den Rìoghachd Aonaichte air mar a tha Brexit a’ milleadh na Rìoghachd Aonaichte agus aire an t-saoghail air mar a tha Trump a’ milleadh na Poblachd aigesan. Agus fad an t-siubhail tha Riaghaltas na h-Alba, ann an dòighean car sàmhach agus cùramach, air adhartas cudromach a dhèanamh.

Ged nach eil na h-àireamhan de luchd-taic neo-eisimeileachd air atharrachadh cus, a rèir nan cunntasan-bheachd, tha Brexit air an t-àite a th’ aig Alba anns an Aonadh agus inbhe na h-Alba atharrachadh ann an sùilean dhùthchannan eile.

Feumaidh sinne coimhead air Alba tro shùilean ùra. Mhothaich gu leòr de dhùthchannan eile gun do bhòt sinne airson fuireach taobh a-staigh na h-AE agus tha Riaghaltas na h-Alba air feuchainn ri togail air a sin. Tha ùidh aig dùthchannan eile anns an obair shoirbheachail aca, gu h-àraid a thaobh Atharrachadh na Ghnàth-shìde. Thug am Prìomh Mhinistear òraid seachad air sin aig co-labhairt eadar-nàiseanta ann an Nuadh Eabhrac am-bliadhna-sa aig na Dùthchannan Aonaichte.

Beagan sheachdainean air ais chaidh co-labhairt Fòram Cearcall na h-Artaig a chumail airson a’ chiad uair ann an Dùn Èideann. Thàinig riochdairean agus luchd-eòlais bho Innis Tìle, na h-Eileanan Fàrach agus a’ Ghraonlann còmhla airson trì latha de chòmhradh agus beachdachadh air mar a thèid againn obrachadh còmhla mar dùthchannan air iomall na h-Artaig. Anns an àm ri theachd chan fhàs an Artaig ach nas cudromaiche agus tha e ceart gu bheil Riaghaltas na h-Alba a’ deasachadh airson sin.

Tha iad air ceanglaichean eadar-nàiseanta maireannach a bhrosnachadh cuideachd. Na bu thràithe am-bliadhna, dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba gun robh iad gus dà ionad ùr, dham b’ ainm Innovation and Investment Hubs fhosgladh anns a’ Bhruiseil agus ann am Berlin, a bharrachd air na dhà dhiubh a tha mar-thà ag obair ann am Baile Àtha Cliath a dh’fhosgail an-uiridh agus fear ann an Lunnainn a dh’fhosgail am-bliadhna-sa.

Nam biodh dùthaich ùr neo-eisimeileach airson ceithir bailtean-mòra a thaghadh airson tosgaireachdan, ar leam gum biodh na ceithir sin nan deagh thoiseach-tòiseachaidh. ’S dòcha nach biodh Riaghaltas na h-Alba deònach aideachadh gu bheil na h-oifisean seo nan tosgaireachdan, agus aig an ìre sa, chan eil iad, ach cho luath ’s a bhios feum againn air a leithid, bidh na h-ionadan seo nan deagh bhunait.

Ged a tha beachdan dhùthchannan eile cudromach, tha neo-eisimeileachd na crochadh air beachdan nan Albannach fhèin air Alba agus air neo-eisimeileachd. Feumaidh Riaghaltas na h-Alba atharrachadh a thoirt cuideachd air an dòigh anns am bi Albannaich a’ smaointinn mun dùthaich aca cuideachd.

Shaoileadh tu gum biodh sin furasta ann an co-theacs Bhrexit.

Ma tha Riaghaltas cho lag agus cho neo-chomasach air a bhith againn a-riamh, chan fhaca mise e. Ach, mar a dhearbh an iomairt mì-shoirbheachail aig Hillary Clinton an-uiridh, fiù ’s an aghaidh cuideigin cho neo-chomasach ri Trump feumaidh tu fhathast deagh adhbhair a thoirt seachad gus taic fhaighinn bhon luchd-bhòtaidh. Tha Riaghaltas na h-Alba trang a’ deasachadh airson na h-ath iomairt airson neo-eisimeileachd, ged nach eil an iomairt sin air tòiseachadh gu h-oifigeil fhathast.

Feumaidh freagairtean nas làidire a bhith againn airson an ath reifreann, agus tha Riaghaltas na h-Alba ag obair air sin cuideachd. Aig toiseach na h-ath-bhliadhna, thèid aithris fhoillseachadh bho Choimisean Cinneis Eaconomaich aig Riaghaltas na h-Alba.

Tha an Coimisean seo air obair a dhèanamh air an aithisg aca ’son còrr is bliadhna a-nis. Thathar an dùil gun toir an aithisg seo molaidhean seachad air mar a bu chòir do Riaghaltas na h-Alba cinneas a bhrosnachadh, dè seòrsa siostam chìsean a bhiodh a bu fhreagarraiche agus mar a ghluaiseadh iad gu ruith-airgid ùr.

Chan eil gin de na cumhachdan seo aig Holyrood an-dràsta agus chan eil coltas gum faighear iad anns an àm ri theachd, às aonais reifreann eile. Chan eil an aithisg seo gus an t-ainm Pàipear Geal a Dhà a chleachdadh, ach nam bithinnsa gus an sgrìobhainn ud ath-sgrìobhadh, bhithinn airson na ceistean sin a fhreagairt anns a’ chiad dol a-mach.

Nam biodh reifreann againn a-màireach cha chreid mi gum buannaicheamaid. Tha obair fhathast ri dèanamh. Ach tha cuid den bheachd gu bheil Brexit no Corbyn no prìs na h-ola air stad a chur air a’ mhiann airson neo-eisimeileachd ann an Alba.

Tha iad ceàrr. Tha am miann fhathast againn agus tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail ris mar gum biomaid nar dùthaich neo-eisimeilich mar-thà. Ged nach eil, tron ro-innleachd sin tha e nas fhasa Alba fhaicinn ann an dòighean eadar-dhealaichte, mar an seòrsa dùthcha a bhios annainn aon uair ’s gu bheil sinn neo-eisimeileach.

GLOSSARY:

Cearcall na h-Araig – The Arctic Circle
Innis Tìle – Iceland
Na h-Eileanan Fàrach – The Faroe Islands
A’ Ghraonlann - Greenland