EXCESSIVE delivery charges are a widespread problem in Scotland, extending well beyond the Highlands and Islands. If over half the landmass of our nation could be considered fair game for such practices, and still the UK Government refuses to act, then what good is this Union? Westminster is unwilling to address this and should give the Scottish Parliament the powers to end this damaging practice.

DH’FHOILLSICH am buidheann Citizens’ Advice Scotland rannsachadh an t-seachdain-sa a sheall gu bheil aig millean Albannach ri cosgaisean lìbhrigidh nas àirde phàigheadh thoradh na sgìrean anns a bheil iad a’ fuireach. Sheall an rannsachadh gu bheil seo a’ tachairt air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, ann am Moireibh, Siorrachd Pheairt agus Siorrachd Obar Dheathain. Mar sin feumaidh gu bheil a’ mhòr chuid de thalamh na h-Alba dìreach ro iomallach dhan na companaidhean bochda seo. Abair suidheachadh tàmailteach.

Aig FMQs na seachdain thog Richard Lochhead ceist mu dhèidhinn às dèidh dha ionnsachadh gun deach iarraidh air cuideigin a tha a’ fuireach ann an Roinn Pàrlamaid Mhoireibh cosgaisean lìbhrigidh de £60 a phàigheadh airson rud a chosg £8.99. An-uiridh dh’fheuch BP airson Inbhir Nis Drew Hendry toirt air Riaghaltas Bhreatainn an lagh atharrachadh gus stad a chur air a leithid ach d’ fhuair a bhile seachad air a’ Chiad Leughadh.

Cuiridh mi geall gu bheil sgeulachd aig a h-uile duine a bhuineas ris na sgìrean a dh’ainmich an rannsachadh mun chleachdadh seo. Na bu thràithe am-bliadhna chaidh mi a Sheallainn Nuadh air mo shaor-làithean agus ’s ann ann am baile beag air an Eilean a Deas dhan b’ ainm Arrowtown a bha mi. Tha sgìre Central Otago ainmeil airson fìona, agus fìor deagh fhìon a th’ ann, mas math mo chuimhne. Ann am bùth fìona far am b’ urrainn dhut cisteachan fìona a cheannach, chunnaic mi liosta de phrìsean lìbhrigidh. Chan eil cuimhne agam air na h-àireamhan fhèin ach bha prìs ann airson Astràilia, Canada, Na Stàitean agus an Rìoghachd Aonaichte. Agus an uair sin fon phrìs airson an Rìoghachd Aonaichte prìs, dheagh phìos nas àirde airson na Gàidhealtachd.

Tha Riaghaltasan nan Stàitean agus Chanada deònach na sgìrean dùthchail agus iomallach aca dhìon, anns an dòigh seo co-dhiù. Bhiodh agad ris an aon rud a phàigheadh gus fìon fhaighinn gu San Francisco no Toronto is a bhiodh agad airson an dearbh rud fhaighinn do Alaska no Nunavut. Chan ann air sgàth ’s an droch bheachd a th’ aig muinntir Otago air a’ Ghàidhealtachd a tha cosgaisean nas àirde ann ach air sgàth ’s nach eil an Riaghaltas ann an Lunnainn air bodraigeadh an dìon bhon leithid.

Bha cothrom agus còir aig na Libearalaich Dheamocratach seo atharrachadh. Nuair a chaidh iad an sàs ann an co-bhanntachd leis na Tòraidhean eadar 2010 agus 2015 bha cha mhòr a h-uile roinn pàrlamaid anns na sgìrean a chaidh ainmeachadh san rannsachadh air an riochdachadh le BP Libearalach Deamocratach. Rachadh agad air coiseachd bho Cheann Loch Chille Chiarain gu Taigh Iain Ghròta agus tu gun ach seasamh air talamh air a riochdachadh leis a’ phàrtaidh ud, pàrtaidh a bha anns an Riaghaltas. Agus dh’fheuch aon dhiubh ge-tà.

Ann an 2013 thog Robert Smith BP airson Siorrachd Obar Dheathain an Iar a’ chùis aig Westminster. Ach fhreagair Jo Swinson, as leth an Riaghaltais Cho-bhoinn, nach fheumadh na laghan atharrachadh agus gun robh còir brosnachadh a bharrachd a thoirt dhan na companaidhean fhèin agus ìmpidh a chur orra na cosgaisean lùghdachadh.

Nam bheachd-sa tha seo dìreach a’ dearbhadh nach eil feum sam bith anns an Aonadh seo. Fiù ’s aig àm nuair a bha an dearbh phàrtaidh a bha anns an Riaghaltas aig Westminster cuideachd a’ riochdachadh nan sgìrean de dh’Alba a tha a’ fulang leis na cosgaisean mhì-chothromach seo, cha robh iad deònach dad a dhèanamh gus piseach a thoirt air an t-suidheachadh. Dè cho fad ’s a bhios againn ri feitheamh airson cothrom eile? Nan robh luach sam bith anns an Aonadh seo, bhiodh na h-aon chòirichean agad ann an Sealltainn ris na th’ aca ann an Surrey.

Chan eil ùidh aig Westminster anns na ceistean seo – a bhuineas anns an fharsaingeachd ri Alba a-mhàin ach far nach eil a’ chumhachd aig Pàrlamaid na h-Alba an-dràsta. Tha an teachdaireachd soilleir gach turas a nochdas iad; carson a bu chòir dhuinn bruidhinn mu dhèidhinn rudan a tha a’ buntainn ri Alba a-mhàin? Tha gu leòr ann an Westminster den bheachd gu bheil iad air cus ùine a chaitheamh anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh a’ bruidhinn mu dhèidhinn Alba.

Cha tuig mise carson a tha BP Albannach a tha a’ cur taic ris an Aonadh riaraichte le cùisean mar a tha iad. Bhiodh e na dheagh argamaid airson an Aonaidh nan robh an comas aca na rudan seo atharrachadh. ’S urrainn do fiù ’s na Tòraidhean aideachadh gum biodh e na chuideachadh nan tigeadh fàs air eaconamaidh sgìrean iomallach agus iad a’ toirt taic a bharrachd a thoirt do ghnìomhachasan beaga. Ach chan eil iad deònach dad a dhèanamh mu dheidhinn nan cosgaisean lìbhrigidh seo.

Aig a’ cheann thall ge-tà, mura h-eil iad deònach seo atharrachadh bu chòir dhaibh a’ chumhachd a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba gus an atharraich sinn fhèin e.

GLOSSARY: 

Lìbhrigeadh – delivery
Moireibh - Moray                  
Iomalllach – remote
A’ Chiad Leughaidh – The First Reading