EAST Renfrewshire Council’s rejection of an application from parents of 49 children for Gaelic Medium Education proves that the Gaelic provisions of the new Education Scotland Act 2016 are easily ignored. It is time that Scotland joined Canada and Wales in creating a Language Commissioner to protect the rights of Gaelic speakers, and it is time for the Scottish Government to show some real support for Gaelic.

CHAIDH ath-thagradh airson foghlam tro meadhan na Gàidhlig – no FMG – a dhiùltadh le Comhairle Shiorrachd Rinn Friù an Ear. Tha an comhairle ag ràdh gun do lean iad na riaghailtean gu ceart nuair a dhiùlt iad a chiad thagradh na bu thràithe am bliadhna. Ged a thug am buidheann pàrantan seachad fianais gu robh 49 clann airson FMG fhaighinn anns an sgìre, thuirt an comhairle nach robh iarrtas gu leòr ann.

A rèir Achd an Fhoghlaim 2016, an lagh ùr a thug cead do phàrantan iarrtasan mar seo a dhèanamh, feumaidh comhairlean measadh a dhèanamh air iarrtas sam bith, ma tha còrr is còignear cloinne ann an sgìre airson FMG fhaighinn. Cha do rinn a’ chomhairle fiù ’s sin.

’S e seo a’ chiad turas a chaidh iarrtas mar seo a dhèanamh a’ cleachdadh an Achd ùir. Agus is beag an t-iongnadh gu bheil cuid feargach mu dhèidhinn na tha air tachairt. Ma thèid a dhiùltadh nuair a tha 49 clann ga iarraidh carson nach tachradh an dearbh rud le 490 pàiste? Tha an comhairle air eisimpleir a thoirt do gach comhairle ionadail eile ann an Alba: chan fheum thu dad a dhèanamh a thaobh FMG mura h-eil sibh airson.

Cuideachd, leis gur e aon de na sgìrean as beartaiche ann an Alba a th’ ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear, ’s urrainn do chomhairlean eile sin a chleachdadh mar leisgeul: mura thèid aig siorrachd bheartach mar Rinn Friù an Ear a dhèanamh, is cinnteach nach tèid a dhèanamh an seo.

Tha teans ann gun tèid na ceistean seo am fhreagairt anns na cùirtean, ach bhiodh sin doirbh, cosgail agus is dòcha gun toir e bliadhnaichean. Agus aig a’ cheann thall dh’fhaodadh cùirt aontachadh leis a’ Chomhairle.

Gur dòcha gun cuidich Comhairle Shiorrachd Rinn Friù an Ear iomairtean airson FMG aig a’ cheann thall, oir tha iad air dearbhadh, anns a’ chiad dol a-mach, nach eil an Achd ùr seo air cumhachdan a bharrachd a thoirt do phàrantan idir.

Fiù ’s nan robh a’ Chomhairle air aideachadh gu robh taic gu leòr air cùlaibh an iarrtais, chan eil dad anns an Achd ùr a bheireadh oirre FMG a thoirt seachad mur eil iad deònach. Tha còir aig pàrantan a leithid iarraidh, ach chan eil dòigh sam bith aca air toirt air comhairle nach eil deònach FMG a sholarachadh nan sgìre.

Anns an teachdaireachd a sgaoil Bòrd na Gàidhlig mu dhèidhinn na naidheachd, thuirt iad gur e pròiseas a tha seo agus gun lean am pròiseas. Tuigidh mi sin, ach chan ann an-dè a thòisich am pròiseas seo. Le gach bliadhna a thèid seachad agus am pròiseas seo fhathast a gluasad aig astar mall agus gun soirbheachadh, bidh clas eile de chlann ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear agus an còir aca air FMG air a ghoid bhuapa le biurocratan agus comhairlichean aineolach.

Tha sgaradh mòr ann am poileasaidhean cànain ann an Alba eadar an inbhe a tha aig Gàidhlig gu h-oifigeil agus na còirichean a tha aig na Gàidheil a tha airson a’ chànain a chleachdadh. ’S urrainn, agus bu chòir dhuinn a bhith a’ strì airson barrachd chòirichean agus laghan nas làidire, ach mura h-eil na beag chòirichean a th’ againn mar-thà gar dìon, cha dèanadh laghan a bharrachd sìon a diofair.

Thuirt an t-Ollamh Rob Dunbar, gu bheil Coimiseanair Cànain airson na Gàidhlig a dhìth oirnn, cuideigin le cumhachd sgrùdadh a dhèanamh air cuir an gnìomh planaichean agus poileasaidhean Gàidhlig. Tha e glè cheart. Chaidh an dreuchd Coimiseanair Cànain a stèidheachadh ann an Canada ann an 1970 agus anns a’ Chuimrigh ann an 2012. Ma tha feum acasan air Coimiseanair, agus còirichean cànain a bharrachd aca mar-thà an coimeas ris na th’ againne, feumaidh sinn a leithid ann an Alba.

Tha dleastanas air gach buidheann barrachd a dhèanamh airson na Gàidhlig, bho chomhairlean gu Bòrd na Gàidhlig gu Riaghaltas na h-Alba. Ged a rinneadh deagh adhartas ann an iomadach roinn thairis air an deich bliadhna a dh’fhalbh, chan eil an Riaghaltas air tighinn faisg air gu leòr a dhèanamh airson na Gàidhlig. Chan eil fiù ’s Ministeir na Gàidhlig againn a-nis agus tha sin air teachdaireachd a thoirt dhan na comhairlean; chan eil an Riaghaltas gus prìomhachas a thoirt dhan chànan.

Bidh cuid bheag ann an Alba mì-thoilichte cho fad ’s a bhios Gàidhlig beò. Nam faigheadh a’ Ghàidhlig bàs a-màireach fiù ’s, bhiodh amadain air loidhne a’ gearan mu dhèidhinn cho fad ’s a mhair i. Chì sinn uile cho crosta is a dh’fhàsas iad gach turas a nochdas sanas ùr dà-chànanach. Carson fon ghrèin tha eagal oirnn mu bheachdan a leithid?

Fàsaidh amadain crosta fad an t-siubhail ach cha do chur sin bacadh air Riaghaltas na h-Alba barrachd a dhèanamh mun àrainneachd, no ath-leasachadh an fhearainn, no air neo-eisimeileachd fhèin. Tha na Gàidheil air feitheamh ro fhada a-nis airson a leithid de thaic fhaighinn bhon Riaghaltas aca.

GLOSSARY:
Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig – Gaelic Medium Education
Ath-thagradh – appeal
Siorrachd Rinn Friù an Ear – East Renfrewshire
Cuir an gnìomh – apply/implement