Trump has succeeded in American politics not by being a politician but by
being a reality TV star
– someone who plays an exaggerated version of themselves while always creating enough drama to keep us watching. That won him the presidency, and even if he were capable of changing his behaviour why would he? His popularity is declining but those who still support him will support him through anything. And then how do you follow an act like that? It might seem like this show is almost finished, but I worry that it is only the pilot episode.

THA Trump air a bhith na Cheann-suidhe fad sia mìosan a-nis, agus mar phrògram Tbh mòr-chòrdte, chan urrainn dhuinn stad a choimhead, no stad a chur oirnn fhèin beachdachadh air na thachras anns an ath-phrògram. Dè cho fad ’s a mhaireas e san dreuchd? Am bi e na Cheann-suidhe fhathast nuair a leughas sibh na faclan seo? Cò aig a tha fios? Gach latha tha ceistean ùr againn agus feumaidh sinn uile cumail oirnn a’ coimhead.

Cha ghabh Trump a nàireachadh. Sin am feart as cudromaiche a th’ aige. Tha e air rudan a dhèanamh a bheireadh crìoch air cùrsa-obrach cha mhòr neach-poileataigs sam bith eile. Ach chan e neach-poileataigs a th’ ann an Trump.

Rinn torr dhaoine magadh air Raghnall Reagan air sgàth ’s gum b’ e cleasaiche a bh’ ann mus deach e an sàs ann am poileataigs. Tha cuid ag ràdh gur e cleasaiche a th’ ann an Trump cuideachd, ach chan e. Tha an sgaradh eadar Trump is Reagan mar an sgaradh eadar filmichean agus Tbh Fìorachd. Anns na prògraman Tbh Fìorachd, agus san t-saoghal sin, ’s e a bhios na cleasaichean a’ cluiche ach dreach dhiubh fhèin, agus tha na prògraman a’ crochadh air dràma is connspaid a chruthachadh. Mar as motha a’ chòmhstri a bhrosnaicheas tu, ’s ann as ainmeile a dh’fhàsas tu ann an Tbh Fìorachd. Fad bhliadhnaichean tha Trump air a bhith an sàs anns an t-saoghal sin agus chan eil e deònach a chleachdaidhean atharrachadh a-nis. Agus carson a dh’atharraicheadh e? Cha do bhuannaich e an Taghadh le bhith ga ghiùlan fhèin mar Cheann-suidhe.

Cha bhiodh Trump air soirbheachadh às aonais an eadar-lìn agus Fox News. Air sgàth ‘s gu bheil an uiread de roghainnean againn san latha an-diugh ’s urrainn dhut a bhith beò ann an saoghal far a bheil cha mhòr a h-uile mac màthar ag aontachadh leat. ’S urrainn dhut na naidheachdan a choimhead, nàiseanta agus ionadail, na pàipearan-naidheachd a leughadh agus fad latha is oidhche a chur seachad air làraichean-lìn naidheachdan is poileataigeach far nach cluinn thu aon fhacal a’ cur sìos air Trump.

Cha deach casaidean sam bith a thogail an aghaidh Trump no fiù ‘s a mhac Dòmhnall Òg. Ach ’s urrainn dhuinn a ràdh le cinnt gu bheil iad air na cleachdaidhean poileataigeach atharrachadh. Bidh buaidh anns an dòigh seo aig Trump a mhaireas air poileataigs fada às dèidh dha an Taigh Geal fhàgail. Agus chan ann a-mhàin air poileataigs nan Stàitean a bhios a’ bhuaidh. Tha sinn uile a’ cluich a’ gheama seo, tha sinn uile a’ coimhead a’ phrògraim Tbh seo.

Le Ceann-suidhe sam bith eile ann an eachdraidh na dùthcha, bhiodh tu an dùil ri teachdaireachd no òraid bhuapa ag ràdh gu bheil e a’ leigeil dheth a dhreuchd, uair sam bith tuilleadh. Tha an t-uabhas cumhachd ann an oifis a’ Chinn-suidhe, gu h-àraid mura h-eil e deònach a dhreuchd fhàgail.

Ma ’s e ’s gu bheil na sgrìobh Dòmhnall Òg anns na puist-d. a sgaoil e air Twitter fìor, ’s e sgainneal nas miosa na Watergate a tha seo. Ged a bhios na naidheachdan a’ gluasad nas luaithe san latha an-diugh, feumaidh na h-ùghdarrasan fhathast na laghan agus modhan aca a leantainn gu mionaideach agus gu cùramach. Ach aig a’ cheann thall, b’ e fhathast Nixon fhèin a leig dheth a dhreuchd. Fiù ‘s an uair sin cha deach a shadail às an oifis chliùitich sin.

Ged nach eil na h-ìrean taic aig Trump math idir a-rèir nan cunntasan-bheachd, tha iad math gu leòr airson prògram Tbh. Chan eil iadsan a tha a’ toirt taic ri Trump fhathast gus a thrèigsinn a-nis.

Chan eil e doirbh smaointinn gum faiceamaid, anns an àm ri teachd, suidheachadh far a bheil Trump air teicheadh do dhùthaich eile, comraich a lorg ann, ag ràdh gu bheil feachdan nan Stàitean na aghaidh agus gu bheil e ann an eagal a bheatha agus fhathast – fhathast – bhiodh cuid anns na Stàitean agus anns na meadhanan deònach a dhìon.

Agus b’ fhiach cuimhneachadh air cò tha coimhead a’ phrògraim neònaich seo. Feumaidh gu bheil cuid a’ coimhead a tha airson a bhith nan ath-Dhòmhnall Trump. Cò aig tha fios de seòrsa creutair a tha a’ dèanamh air Washington, làn dòchais, a’ leantainn cleachdaidhean agus modhan Trump agus gach ro-shampall a tha e air stèidheachadh. Cha chreideadh duine gum biodh sinn a’ coimhead air ais air Seòras W. agus Nixon agus ag ràdh gu bheil cùisean air fàs nas miosa, ach b’ urrainn an dearbh rud tachairt le Trump. Ma tha sinn air dad ionnsachadh bho na sia mìosan seo, feumaidh gur e gur urrainn do shuidheachadh sam bith fàs nas miosa.

Ged a tha coltas ann gu bheil deireadh a’ tighinn air a’ phrògram seo, tha eagal orm nach eil e ach air tòiseachadh.

GLOSSARY:

Cùrsa-obrach - career
Cleasaiche - actor
Tbh Fìorachd – reality TV
Comraich – sanctuary, asylum