Following reports that the Scottish Government is planning a relaunch after this summer recess, Calum MacLeòid looks at why such an approach might be needed and the potential benefits and dangers of it. A bolder approach from Sturgeon and a clearer break with her predecessor’s policies is required. Scotland needs radical change in many areas and Sturgeon is capable of delivering that, but only if her government pushes for it.

THA cuid den bheachd gun tèid luchd-poileataigs air falbh an saor-làithean fad an t-samhraidh cho luath ’s a tha a’ Phàrlamaid ’na fosadh. Chan eil sin fìor idir agus is cinnteach air an samhradh-sa bi luchd-obrach taobh a-staigh Riaghaltas na h-Alba gu math trang.

Chaidh aithris an t-seachdain seo gu bheil Nicola Sturgeon airson a Riaghaltais a chur air bhog a-rithist mar gum biodh. Thathar ag ràdh gu bheil i fhèin agus iadsan a tha mun cuairt oirre a’ beachdachadh air grunn phoileasaidhean ùra gus inbhe agus an cliù an Riaghaltas a thogail.

Nis, tha e neònach ag ràdh gu bheil ath-bheòthachadh a dhìth air Riaghaltas a bhuannaich taghadh dìreach beagan is bliadhna air ais, ach abair bliadhna a tha air a bhith againn. Bhiodh iad ceart a leithid a dhèanamh.

Chan eil mi a’ smaointinn gu bheil e ro chonnspaideach ag ràdh gu bheil Riaghaltas na h-Alba fo stiùir Sturgeon air a bhith na bhriseadh dùil airson cuid. Chan chanainn gu bheil luchd-taic a’ Phàrtaidh Nàiseanta crosta leotha, chan eil na h-àireamhan aca air tuiteam cus fhathast, ach tha e soilleir gu robh cuid an dùil sgaradh nas motha fhaicinn eadar stoidhle agus poileasaidhean an Riaghaltais fo Sturgeon an coimeas ris Riaghaltas Salmond. Shaoil àireamh nach beag gum biodh Riaghaltas na h-Alba beagan nas radaigiche le Sturgeon os a cionn.

Nuair a bhuannaich a’ PNA an Taghadh Albannach ann an 2007 b’ e rud ùr a bh’ ann. Chan fhaca duine riamh am Pàrtaidh sin ann an cumhachd. An uair sin ann an 2011 bhuannaich iad mòr-chuid ann an Taigh an Ròid. A-rithist, chan fhaca duine a leithid riamh. Ach ann an 2016 bhuannaich iad a-rithist ach cha robh mòr chuid aca agus bha sinn uile air sin fhaicinn roimhe.

Cha tuirt duine riamh gur e rud sìmplidh a bh’ ann cumhachd a ghlèidheadh, agus mar as fhaide a ghlèidheas tu cumhachd ’s ann as fhaide bhon linn far nach tusa as coireach airson gach rud a chaidh ceàrr. ’S urrainn dhut an coire a chur air pàrtaidh eile nuair nach eil thu ach air a bhith ann an dreuchd ach beagan seachdain ach às dèidh bhliadhnaichean fàsaidh sin nas duilghe. Agus cho luath is a dh’aideachadh tu gun do rinn thu mearachd anns an àm a dh’fhalbh, uill, carson a bu chòir dhut uallach a ghabhail airson an àm ri teachd?

Tha am Pàrtaidh Nàiseanta air atharrachadh uair agus a-rithist. Feumaidh pàrtaidh soirbheachail sam bith a leithid a dhèanamh ann an dòighean beaga fad an t-siubhail. Feumaidh Riaghaltas na h-Alba a bhith faiceallach. ’S urrainn dhut dàil a chur air reifreann agus ag ràdh gu bheil an Riaghaltas agad air caibideil ùr a thòiseachadh aon uair ach chan urrainn dhut an cleas sin a a chleachdadh dà thrup.

Cha leigeadh duine leat, coma leibh gum biodh na pàrtaidhean eile gun fheum. Uairean tha daoine dìreach airson atharrachadh fhaicinn agus bheir iad taic do phàrtaidh às nach eil iad buileach cinnteach, ma dh’fheumas iad. Nach do rinn iad an dearbh rud ann an 2007? Bu chòir do Sturgeon a bhith mothachail air a leithid.

Tha an t-àm ann do Sturgeon a bhith nas connspaidiche nam bheachd-sa. Tha an luchd-bhòtaidh air deichead de PNA cùramach fhaicinn, ro chùramach buileach aig amannan. Tha e soilleir gu bheil iad airson atharrachadh fhaicinn.

Agus tha poileasaidhean connspaideach a dhìth air Alba. Ma tha am PNA airson atharrachadh buan a thoirt air Alba gu h-àraid a thaobh riaghaltas ionadail, a thaobh ath-leasachadh fearainn, a thaobh na h-àrainneachd agus a thaobh na Gàidhlig. Feumar poileasaidhean dàna agus air uairean connspaideach a thoirt a-steach. Cha do rinn na Làbaraich is na Libearalaich dad connspaideach nuair a bha cumhachd aca, a bharrachd air Section 2A agus an casg smocaidh. Bha na poileasaidhean sin connspaideach aig an àm ach an urrainn dhuibh ainmeachadh dà phoileasaidh eile a bh’ aca? Doirbh nach eil?

Ann an dòigh neònach tha barrachd saorsa aig Sturgeon a-nis air sgàth ’s gu bheil i air taic a chall. Nuair a tha an taic agad a’ fàs tha e furasta eagal a bhith ort dad atharrachadh. Tha thu a’ dèanamh rudeigin ceart, is mar sin cha b’ fhiach atharrachadh. Ach nuair a tha lùghdachadh a’ tighinn air na h-àireamhan agad, uill dè tha agad ri chall. Tha e a’ toirt ort cuimhneachadh nach bi cumhachd agad gu bràth agus mar sin, feumaidh tu na h-atharrachaidhean a tha thu airson fhaicinn a’ cur an gnìomh.

Ann am poileataigs chan eil cus feum ann a bhith a-mach air na rinn sibh bliadhnaichean air ais. Tha na Làbaraich, mu dheireadh thall air seo ionnsachadh agus tha am PNA air cus ùine a chur seachad a’ dìon na rinn iad seach a bhith a’ taisbeanadh na tha iad gus a dhèanamh. Coma leibh an-dè, ’s e a-màireach as cudromaiche ann am poileataigs.

GLOSSARY

Ath-beòthachadh – Revival, revitalistation
Casg smocaidh – Smoking ban
Riaghaltas Ionadail – Local government
Dàna – Bold