The National Museum of Scotland’s new exhibition on the Jacobites opened this weekend amid protests at the lack of Gaelic content. This is our history and we should be able to encounter it in our own language in our national museum.

DISATHAIRNE, chaidh fianais a thogail taobh a-muigh Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba agus an luchd-iomairt mì-thoilichte thoradh gainnead na Gàidhlig anns an taisbeanadh ùr mu dheidhinn nan Seumasach. Bha an luchd-iomairt air iarraidh air na Taighean-tasgaidh Nàiseanta barrachd àite a thoirt dhan Ghàidhlig anns an taisbeanadh ach dhiùlt iad, ag ràdh gun robh goireasan Gàidhlig co-cheangailte ris an taisbeanadh rin lorg air an làraich-lìn aca. Feumaidh gu bheil iad a’ smaointinn gun dèan sin a’ chùis. Tha iad ceàrr. Nochd an sgeulachd anns na meadhanan Gàidhlig anns a’ chiad dol a-mach agus mean air mhean thug na meadhanan Beurla an aire dhan chonnspaid cuideachd. Thog iris Èireannach Nós an sgeul agus beagan làithean ron tachartas sgaoil Comhairle na Gàidhlig ann an Albainn Nuaidh teachdaireachd a’ toirt taic dhan luchd-iomairt. Mar sin tha iomairt bheag - a thòisich a’ bhuidheann Misneachd - air a dhol am meud, agus tha an sgeulachd air nochdadh anns na meadhanan ann an trì dùthchannan, ann an trì cànainean agus air dà mhòr-thìr. Is math a rinn iad. Sgaoil Bòrd na Gàidhlig teachdaireachd, a’ toirt iomradh air na tha sgrìobhte ann am Plana Gàidhlig an Taigh-tasgaidh agus ag ràdh gum biodh iad deònach an Taigh-tasgaidh a chuideachadh. Bha seo math fhaicinn agus tha còir aig an Taigh-tasgaidh èisteachd ris a’ Bhòrd.

Tha a’ chonnspaid seo a’ togail air na buannachdan agus cuideachd cuid de na laigsean ann am Planaichean Gàidhlig. ’S urrainn dhan luchd-iomairt sealltainn mar a thuirt an Taigh-Tasgaidh roimhe gun robh iad deònach taic a thoirt dhan Ghàidhlig. Is math gun robh Bòrd na Gàidhlig deònach am beachdan a thoirt seachad air a’ chonnspaid seo ach bhiodh e fada na b’ fheàrr nan robh cumhachd aig a’ Bhòrd gus toirt air an Taigh-Tasgaidh am plana aca fhèin a leantainn anns a’ chiad dol a-mach.Thug an tachartas seo togail dhomh. Clann òg, oileanaich, inbhich is peinnseanairean a’ tighinn còmhla. Agus cuideachd chòrd e rium na buidhnean eadar-dhealaichte, agus eadar-nàiseanta fiù ’s, fhaicinn ag obair còmhla ri chèile agus a taisbeanadh do chuid ann an Alba gu bheil na ceanglaichean seo ann fhathast agus gun tèid compàirteachas a nochdadh thairis air na cuantan. ’S urrainn do Ghàidheil na h-Èirinn agus Gàidheil Chanada bhith togail an guthan còmhla rinn. Is cinnteach gu bheil cuid a’ leughadh mu dheidhinn an taisbeanaidh airson a’ chiad uair thoradh ’s a’ chonnspaid seo, gu h-àraid thall thairis.

Thuirt an t-Oll. Gordon Rintoul, stiùiriche an taigh-thasgaidh nach robh iadsan a bha ri càineadh air an taisbeanadh fhaicinn fhathast, ach cuideachd nach biodh Gàidhlig freagarrach airson an taisbeanaidh air fad leis gun robh iad a’ feuchainn ri sgeulachd eadar-nàiseanta innse, a’ sealltainn na sgeulachd ann an co-theacs Eòrpach seach, na fhaclan fhèin, “a narrow Gaelic-related story”. Ar leam gu bheil am facal “narrow” ag innse an sgeòil aige fhèin. ’S e sgeulachd Eòrpach a tha ann an sgeulachd nan Seumasach gun teagamh sam bith, ach cuideachd, ’s e sgeulachd Ghàidhlig a tha innte. Cha deach a’ Bhatacan a chreachadh às dèidh Cùil Lodair. Chan eil Fraingis ann an cunnart dol à bith thoradh ’s na thachair dhith às dèidh an ar-a-maich ud. ’S e eachdraidh nan Gàidheal a tha ann agus tha na Gàidheil a tha beò fhathast airidh air na sgeulachdan aca fhèin a leughadh nan cànan fhèin.

Chan ann mar seo a dh’fheumas cùisean a bhith. Tha iomadach eisimpleir air feadh an t-saoghail de Thaighean-Tasgaidh a tha deònachadh iomadachd chànanach an t-sluaigh aca riochdachadh. Fiù ’s ann an dùthaich cho sgriosail is a tha Alba a thaobh a leithid, agus tha i sgriosail, tha deagh eisimpleirean rin lorg aig Raon Blàr agus Ionad Tadhail Chùil Lodair. Chan eil sinn ach airson ar n-eachdraidh a leughadh nar cànan fhèin agus cur an cuimhne chàich gum b’ e Gàidheil a bha ann an gu leòr de Sheumasaich agus gu bheil na Gàidheil agus ar cànan beò fhathast, a dh’aindeoin ‘s na thachair às dèidh Blàr Chùil Lodair. Tha sinn fhathast an seo, anns a’ Ghàidhealtachd fhathast agus ann an Dùn Èideann fhathast, ann an Èirinn agus ann an Canada cuideachd.

’S e cànan nàiseanta a tha anns a’ Ghàidhlig agus mura h-eil buidhnean nàiseanta deònach spèis is urram a thoirt dhan chànain, chan eil iad airidh air an tiotal sin oir chan eil iad a’ riochdachadh nàisean na h-Alba agus an iomadachd aice. Na cleachd an abairt Nàiseanta mura h-eil thu deònach an fharsaingeachd chultarail agus chànanach a tha againn ann an Alba an latha an-diugh a riochdachadh.

Is math a rinn a’ bhuidheann Misneachd a tha aig ceann na h-iomairte agus gach neach a chaidh an sàs innte. Dè a-nis ge-tà? Tha sgaradh mòr eadar iomairt shoirbheachail agus tachartas soirbheachail. Mairidh an taisbeanadh seo chun na Samhna mar sin tha ùine gu leòr aig an Taigh-tasgaidh sanasan ùra chruthachadh airson an taisbeanaidh agus barrachd àite a thoirt dhan Ghàidhlig. Mura h-eil iad deònach sin a dhèanamh tha ùine gu leòr barrachd iomairt a thogail cuideachd.

GLOSSARY: Na Seumasaich – The Jacobites Taigh-tasgaidh – Museum Gainnead – Scarcity, Shortage Iomadachd – Diversity.