The Grenfell Tower fire shows what happens when public services which have been cut and hollowed out for year are suddenly expected to respond to a difficult situation. Theresa May’s failures as a leader have made the situation worse for the survivors and she has proven she is not fit for the office of Prime Minister. This terrible fire should mark a turning point in the politics of the UK. The burnt remains of Grenfell stand as a monument to damage that four decades of neoliberalism has done.

BIDH sinn a’ feitheamh air freagairtean fad deagh ghreis. Chan urrainn dhuinn cus ag ràdh le cinnt aig an ìre-sa, ach tha fìor choltas ann gun robh buaidh aig na panailean a chaidh a thaghadh airson còmhdachadh ùr a chur mun cuairt air Tùr Ghrenfell air an astar agus an dòigh anns an do sgaoil an teine.

Tha fios againn gun cosgadh e dà not a bharrachd gach meatair ceàrnagaichte panailean nas sàbhailte a chleachdadh. Gus an tùr air fad a còmhdachadh bhiodh sin mu £5,000. Cha deach an t-airgead sin a chosg agus a nis tha coltas gu bheil fàisg air 60 marbh.

Air Didòmhnaich, thuirt Seansalair Philip Hammond gu robh casg ann mar-thà na panailean nas saoire a chleachdadh anns an Rìoghachd Aonaichte, mar a th' aca anns na Stàitean agus a’ Ghearmailt. Ma ’s e is gu bheil, carson a chaidh an cleachdadh? Ach feasgair Didòmhnaich thuirt manaidseir na companaidh a chruthaich na panailean seo gun robh iad ceadaichte. Chan urrainn dhan dithis aca a bhith ceart.

Thuirt buidheann de luchd-còmhnaidh, Grenfell Action Network, nach robh an togalach sàbhailte. ’S e sin aon de na rudan as miosa dhen sgeulachd seo dhomhsa. An-uiridh, chuir 90% de luchd-còmhnaidh an tùir an ainm ri athchuinge a thòisich am buidheann.

Ma tha duine agaibh air feuchainn ri iomairt a chur air dòigh agus ainmean-sgrìobhte fhaighinn airson athchuinge sam bith, tuigidh sibh fhèin cho doirbh ’s a tha e. Tha seo a’ sealltainn gun do rinn am buidheann seo an t-uabhas obrach agus gun robh taic dha-rìribh ann dhaibh.

Rinn iad a gach rud a moladh tu do dh’iomairt ann an coimhearsnachd agus cha do rinn e diofar sam bith. Thog an coimhearsnachd seo an guthan, uair agus a-rithist agus thug iad rabhadh seachad gun robh cunnartan ann a thaobh teine. Ach cha do dh’èisteadh riutha.

Mar staing an ionmhais, tha gach duine againn airson an aon cheist a thogail: ciamar fon ghrèin a thachair seo? Is cinnteach gum bi freagairt na ceiste a’ crochadh air iomadh roghainn a rinn an Riaghaltas agus a’ Chomhairle agus uachdaran an togalaich. ’S dòcha nach deach laghan am bristeadh ach dè am feum a th’ anns na laghan sin mura h-eil iad comasach stad a chur air a leithid?

Feumaidh sinn ar n-aire a chumail air an sgeulachd seo anns na seachdainean, na mìosan agus na bliadhnaichean a tha romhainn. Agus tha e soilleir, cho soilleir, gu robh coimhearsnachd làidir agus dlùth a’ fuireach còmhla ann an Tùr Ghrenfell. Bidh e na cùis-nàire ma thèid flataichean leòmach an togail air an làrach far an do chaill ceudan an dachaigh agus dusanan am beathannan.

Chan urrainn agus cha bu chòir dhuinn dìreach gach sgeama taigheadas àrd-togte a leigeil a-nis. Tha togalaichean àrd-togte air feadh an t-saoghail agus thèid aca a bhith nan deagh dhachannan, ach feumaidh an cumail agus an leasachadh gu ceart. Cha tèid agaibh air an togail agus am fàgail.

Tha an sgeulachd seo a’ sealltainn am buaidh aig iomadach droch phoileasaidh a thaobh taigheadais agus an cumhachd a tha aig uachdaran thairis air luchd-còmhnaidh agus cuideachd am buaidh a tha air a’ bhith aig seachd bliadhna de riaghaltasan Tòraidh. Chaidh seirbheisean poblach an gearradh agus an gearradh uair agus a-rithist. Mar sin, a dh'aindeoin 's cho mì-fhreagarrach a tha dòighean giùlain Theresa May air a bhith thar na seachdain, feumaidh sinn cuimhneachadh gu bheil Cameron agus Osborne ceart cho ciontach.

Le bhith ag ràdh sin, tha Theresa May air dearbhadh nach eil i idir comasach mar Prìomhaire agus bu chòir dhith a dreuchd a leigeal suas. Càite a bheil an Riaghaltas? Dh’fhaighnich muinntir Ghrenfell a-rithist agus a-rithist. Dh’fheumadh iad taic fhaighinn bho bhuidhnean carthannais, eaglaisean agus mosgan, gus biadh, aodach agus fasgadh fhaighinn. Bha còrr aig na seirbheisean agus na goireasan a bhith ann anns a-bhad agus cha robh thoradh “austerity”. Aig toiseach na seachdain a dh’fhalbh thuirt na Tòraidhean gun robh “austerity” seachad. Uill, ’s dòcha gun robh na Tòraidhean den bheachd nach robh aca ach ri sin a ràdh agus gum biodh e cho sìmplidh a’ chaibideil sin ann an eachdraidh Bhreatainn a thoirt gu crìoch. Tha teine uabhasach Tùr Ghrenfell air sealltainn gum mair buaidh nam poileasaidhean fada às dèidh dhaibh na gearraidhean a dhèanamh.

Fad deicheadan tha na Tòraidhean, agus gu leòr de Làbaraich agus Nàiseantaich cuideachd, air moladh geàrraidhean ann an riaghailtean. ’S e uilebheist uabhasach a th' ann an ro-oifigealachd. Tha e a’ tachdadh gnìomhachasan aig cosgais mhòr chun eaconomaidh agus às aonais bhuannachan sam bith, a rèir coltais.

Bu chòir dhan tachartas seo atharrachadh mòr a thoirt air poileataigs na Rìoghachd Aonaichte. Tha sinn air poileasaidhean nua-libearalach bho na Tòraidhean agus na Làbaraich fulaing fad fàisg air ceithir deicheadan a-nis. Tha Tùr Ghrenfell a’ seasamh mar shamhla air an stàit anns an do dh’ fhàg na poileasaidhean sin an dùthaich seo.

GLOSSARY: Teine – Fire

Athchuinge- Petition

Panailean – Panels

Ro-oifigealachd – Red tape