The Tories will likely still emerge from this self-inflicted election as the largest party but that might not be enough for them to hold on to power. A Tory majority makes it unlikely that Westminster will permit a second independence referendum. A Labour administration dependent on SNP votes could set a precedent which could lead to the unionist parties locking the SNP out of power at Holyrood after the next Scottish Parliament election.

SHAOILEADH tu gum biodh iomairt taghaidh na bu mhiosa aig na pàrtaidhean nach robh an dùil ri taghadh agus nach robh deiseil airson a leithid. Feumaidh ’s gun do shaoil Theresa May a leithid nuair a ghairm i an taghadh seo. Ge bith na thachras air Diardaoin, tha e soilleir gun robh i ceàrr. Gun teagamh ’s iad na Tòraidhean a bhios sa phàrtaidh as motha ann am Westminster agus ’s dòcha gum faigh iad fhathast mòr-chuid eile, ach chan fhaigh iad an seòrsa mòr-chuid - mòr-chuid sheasmhach, làidir can - ris an robh iad an dùil aig tòiseach na h-iomairte.

’S e iomairt taghaidh inntinneach a tha air a bhith againn gun teagamh, ann an Sasainn agus ann an Alba, ach airson adhbharan eadar-dhealaichte. Fad dheicheadan ann an Alba, bha coltas gun robh sgaradh eadar poileataigs làitheil na h-Alba agus na thachradh ann an Taghaidhean Coitcheann. ’S e roghainn eadar na Làbaraich agus na Tòraidhean a bh’ agad anns a’ mhòr-chuid de roinnean-pàrlamaid, agus coma leat dè bha dol ann an Alba fhèin aig an àm. Ach ann an 2015 dh’atharraich sin.

Nuair a bhuannaich na Nàiseantaich, sheall muinntir na h-Alba gun robh iad deònach bhòtadh airson pàrtaidhean ann an Westminster a rèir na bha cudromach ann an poileataigs na h-Alba aig an àm. B’ iad na Nàiseantaich a-mhàin a thuig seo ann an 2015. Anns an taghadh seo ge-tà, airson a’ chiad uair tha coltas gu bheil na pàrtaidhean eile a-nis a’ tuigsinn cuideachd. Tha am Pàrtaidh Tòraidheach ann an Alba air an iomairt aca fhèin a ruith. Chreideadh tu nach b' iad fiù ’s an aon phàrtaidh ’s a th' ann am pàrtaidh Theresa May. Chan eil iad airson bruidhinn mu dheidhinn na poileasaidhean aca, no Theresa May no Brexit fiù ’s. Chan eil iad ach airson sealltainn gur iadsan fìor phàrtaidh an Aonaidh, agus nach eil pàrtaidh sam bith eile airidh air bhòtaichean luchd-taic an Aonaidh.

Tha na Làbaraich ann an Alba air atharrachadh cuideachd. Gach turas a chaill iad Taghadh Albannach, thuirt an ceannard aca gun robh iad ag èisteachd agus gus atharrachaidhean a thoirt air a’ phàrtaidh. Cha robh annta ach “branch office,” mar a thuirt Joanne Lamont fhèin, ach bha sin gus atharrachadh. Tha coltas gu bheil Jeremy Corbyn air soirbheachadh far nach b' urrainn do Gray, Lamont, Murphy no Dugdale. An-diugh tha sgaradh mòr eadar am pàrtaidh ann an Alba agus am pàrtaidh aig Jeremy Corbyn. Gu mì-fhortanach airson Dugdale, ’s e am pàrtaidh aig Corbyn a tha a' còrdadh ri barrachd bhòtairean. Carson a bhòtadh tu airson BP Làbarach nach toireadh taic do Chorbyn?

Tha iomairt làidir air a bhith aig a’ Phàrtaidh Nàiseanta agus leis gur e taghadh siostam mhòr-chuid sìmplidh a chleachdas Westminster, gleidhidh iad a' chuid as motha de na seataichean aca gun trioblaid sam bith.

Ach feumaidh am Pàrtaidh Nàiseanta sùil a chumail ri faire agus chan ann a-mhàin air reifreann eile a tha mi a-mach. ’S ann ann an 2021 a bhios an ath-thaghadh airson Pàrlamaid na h-Alba. Ma tha am Pàrtaidh Nàiseanta air Jeremy Corbyn a chuideachadh gus dreuchd a’ Phrìomhaire fhaighinn, ged a bhiodh barrachd seataichean aig na Tòraidhean, dè chuireadh stad air an dearbh rud a thachairt an aghaidh a’ PhNA ann an Taigh an Ròid?

Tha sinn air fhaicinn, ann an Comhairle Obar Dheathain is Lannraig a Tuath is eile, gu bheil na Làbaraich agus na Tòraidhean deònach obrachadh còmhla ri chèile gus stad a chur air a’ PhNA. Tha e doirbh a chreidsinn gum b' urrainn, ann am beagan bhliadhnaichean, dhan Phrìomhaire Corbyn fòn a chur dhan Prìomh-mhinistear Davidson ach nach eil atharrachaidhean do-chreidsinneach a-nis àbhaisteach anns an t-saoghail phoileataigeach? Rinn an t-uabhas magadh air a’ bheachd gum biodh Prìomh-mhinistear Salmond againn, mus an robh. Chan eil iad a’ gàireachdainn a-nis.

Bidh buaidh cuideachd aig an taghadh seo air ceist neo-eisimeileachd fhèin. Ma bhuannaicheas na Tòraidhean bidh e nas fhasa dearbhadh gu bheil neo-eisimeileachd a dhìth oirnn, ach tha e doirbh fhaicinn carson a leigeadh Riaghaltas Tòraidheach leinn reifreann eile a ghleidheadh. Ma shoirbhicheas na Làbaraich, tha teans gum biodh e na b' fhasa obrachadh còmhla ri Corbyn gus cead fhaighinn bho Westminster airson reifreann a glèidheadh.

Tha tòrr air a ràdh gu bheil iad airson neo-eisimeileachd thoradh is nach eil siostam Westminster airson atharrachadh no gus an cumhachd a thoirt a dh’Alba a dh’fheumas i. Nan robh àite cumhachdach aig a' PhNA ann am Westminster, agus b' urrainn dhaibh buaidh a thoirt air cuid de phoileasaidhean aig Riaghaltas Prìomhaire Corbyn, cò aig tha fios nach tigeadh giorrachadh ann an ìrean de thaic airson neo-eisimeileachd.

Cho luath ’s a nochd toraidhean an reifreinn ann an 2014, bha e soilleir gum biodh sinn air slighe fada na b' fhaide na bha cuid againn an dùil gus neo-eisimeileachd a ruigsinn. Brexit ann no às, chan eil coltas gu bheil sin air atharrachadh cus.

GLOSSARY

Mòr-chuid – Majority

Iomairt taghaidh – Election Campaign

Taigh an Ròid – Holyrood

Do-chreidsinneach – Unbelievable