Following the Manchester Attack Calum MacLeòid looks at the impact these events will have on the community of Barra. They will find strength in the powerful ties that bind that community together. Our political response to these events however requires further debate.
THÀINIG fìor naidheachd duilich an t-seachdain-sa chaidh nuair a chaidh Eilidh NicLeòid ainmeachadh mar aon de na dh’eug agus nuair a thàinig fios gun deach Laura Nic an t-Saoir a fìor droch-leòn anns an ionnsaigh ann am Manchester. Ged nach bi Barraigh air na duilleagan aghaidh fada, mairidh buaidh ionnsaigh Mhanchester air a’ choimhearsnachd agus gu seachd àraid air an dà theaghlach.
’S ann à Barraigh a tha mo theaghlach. Ged nach deach mo thogail ann, ’s ann am Barraigh a chaidh pàirt chudromach dhomh a chruthachadh. Tha fhios air uairean gum bi tachartasan an t-saoghail a’ faireachdainn caran fada bhuat ann am Barraigh. Ach gu mì-fhortanach, thàinig taobh olc den t-saoghal seo thuca an t-seachdain-sa chaidh. Tha bòidhchead an eilein aithnichte fad is farsainge agus nam bheachd-sa chan eil eilean nas bòidhche ri lorg ann an Alba. Ach ’s iad muinntir an eilein, a’ choimhearsnachd, an rud a bu luachmhoire a tha ri lorg ann am Barraigh.
Thèid coimhearsnachdan an cruthachadh às aonais dlùth cheanglaichean eadar daoine, mar a tha baile-mòr Manchester air dearbhadh an t-seachdain seo. Ach ann an coimhearsnachd mar Bharraigh, tric bidh iomadh ceangal eadar gach neach agus ceanglaichean a mhaireas fad bhliadhnaichean and ghinealaichean. Bidh daoine càirdeach ri chèile, nan nàbaidhean, nan caraidean. Thèid an togail còmhla, dhan sgoil, gu cur-seachadan agus obraichidh iad còmhla. Thig iad còmhla aig na h-amannan as fheàrr dem beatha ach cuideachd air na h-amannan as duilghe.
Bhuin na nigheannan ri coimhearsnachdan eile cuideachd. Tha iad ceangailte ri coimhearsnachd nan deugairean agus coimhearsnachd luchd-taic Ariana Grande. Bidh na coimhearsnachdan seo uile air an ceangal ann an dòighean nach robh comasach fiù ’s deichead air ais ri linn nam meadhannan sòisealta. Aig an aon àm, tha iad cuideachd a’ bhuintinn ri coimhearsnachdan a tha ceangailte ann an dòighean na bu thraidiseanta. Tha coimhearsnachd na pìobaireachd agus luchd-leantainn ceòl traidiseanta a’ caoidh pìobaire òg tàlantach.
B’ e ionnsaigh air na coimhearsnachdan seo agus iomadach coimhearsnachd eile a bh’ anns a’ ghnìomh olc ann am Manchester. Gu h-àraid air gach buidheann agus coimhearsnachd ris an do bhuin gach fear is tè a dh’eug marbhadh agus a chaidh an goirteachadh.
Cha chuir sinn stad gu tur air ceannairc, cha chreid mi, ach bu chòir dhuinn an dòigh anns a bheil sinne mar dùthaich a’ dèiligeadh ris a sgrùdadh. Tha sinn air ionnsaigh ceannairc às dèidh ionnsaigh ceannairc fhaicinn mar-thà am-bliadhna, ann an Manchester, ann an Lunnainn, ann am Paris, ann an Istanbul. Agus bu chòir dhuinn cuimhneachadh mu na h-ionnsaighean ceannairc eile, an aghaidh Mhuslamaich agus iadsan a tha gan dìon, mar a chunnaic sinn ann an Quebec o chionn beagan mhiosan agus ann am Portland, Oregon Dihaoine. Tha e ceart gum bu chòir dhuinn a leantail oirnn ler beathannan agus leis an taghadh agus ar deamocrasaidh ach bu chòir dhuinn cuideachd ceannairc agus na tha a’ fàgail ionnsaighean mar seo a-nis cho pailt a chur fon phrosbaig. Tha ceangal ann eadar poileasaidhean cèin dùthcha agus ceannairc agus tha seo cho fìor an-diugh ’s a bha e riamh.
Is fhada on a chaidh càr a chleachdadh mar bhoma ann an Èireann a Tuath, ged a tha gu leòr beò fhathast a bhiodh eòlach mar a dhèanadh a leithid. Cha do sguir iad dheth na bomaichean-càir o chionn ’s gun do lorg feachdan Bhreatainn dòigh gach boma a lorg. Sguir iad dheth oir chaidh aontachadh poilitigeach a ruighinn. Nan robh Breatann air leantainn air adhart a’ feuchainn ri stad a chur air na Trioblaidean leis an arm agus na cùirtean agus a’ phoileas a-mhàin, cha bhiodh piseach air tighinn air cùisean.
Nan robhar air tighinn gu aonta bliadhnaichean ron a sin, bhiodh nas lugha càraichean air am spreadhadh agus àireamh nas lugha air am marbhadh. Tha sin soilleir a-nis agus chan e fiù ’s beachd connspaideach a th’ ann anns an latha an-diugh. Cha tàinig an cogadh sin gu crìoch ann an dòigh sìmplidh agus tha an sìth ann an Èireann a Tuath fhathast ann an suidheachadh cugallach ach tha sìth aca. Tha ginealach ann a-nis a chaidh an togail às aonais bhomaichean agus chan eil fada on a bhiodh suidheachadh mar sin do-chreidsinneach. Thig fuasgladh air ceannairc cuideachd ach cha tig ma leanas sinn oirnn air an aon seòlaid.
’S e cuspair toinnte dha-rìribh a th’ ann an ceannairc ach bu chòir dhuinn na ceistean toinnte seo a thogail. Feumaidh àrainneachd deasbaid fhallainn a bhith ann do na cuspairean agus ceistean. Tha e soilleir, bho mar a dhèiligeadh ri Corbyn agus a fhreagairtean air ceannairc an t-seachdain seo fhèin nach eil sinn aig an ìre ud fhathast. Tha sinn air leantainn oirnn leis an aon ro-innleachd bho 9/11. Cò chanadh gu bheil an ro-innleachd seo air soirbheachadh?
GLOSSARY
A’ Caoidh - Mourning
Ceannairc – Terrorism
Coimhearsnachd – Community
Ionnsaigh – Attack
Toinnte – Complicated, Intricate
Why are you making commenting on The National only available to subscribers?
We know there are thousands of National readers who want to debate, argue and go back and forth in the comments section of our stories. We’ve got the most informed readers in Scotland, asking each other the big questions about the future of our country.
Unfortunately, though, these important debates are being spoiled by a vocal minority of trolls who aren’t really interested in the issues, try to derail the conversations, register under fake names, and post vile abuse.
So that’s why we’ve decided to make the ability to comment only available to our paying subscribers. That way, all the trolls who post abuse on our website will have to pay if they want to join the debate – and risk a permanent ban from the account that they subscribe with.
The conversation will go back to what it should be about – people who care passionately about the issues, but disagree constructively on what we should do about them. Let’s get that debate started!
Callum Baird, Editor of The National
Comments: Our rules
We want our comments to be a lively and valuable part of our community - a place where readers can debate and engage with the most important local issues. The ability to comment on our stories is a privilege, not a right, however, and that privilege may be withdrawn if it is abused or misused.
Please report any comments that break our rules.
Read the rules here