The phrase ‘strong and stable’ has become more than a slogan for the Tories in this campaign, it is their answer to everything. Calum MacLeòid looks at what they actually mean by these terms.

THA taibhse mu sgaoil air an Rìoghachd Aonaichte, taibhse le dà ainm: làidir is seasmhach. Ann an gach agallamh le riochdaire a’ Riaghaltais, anns gach alt a sgrìobhas iad agus gach uair a dh’fhosglas Tòraidh beul, sin na th' aca ri ràdh, agus sin a-mhàin. Chan e sluagh-ghairm a th’ ann; ’s e mantra, rud nas fhaisge ri ùrnaigh na geall. Nuair nach eil freagairt aice airson ceist, ’s e “làidir is seasmhach” a freagairt. Cha robh agam ri leughadh ach 37 faclan de mhanifesto nan Tòraidhean mus do nochd iad. Agus chan iad na luchd-bhòtaidh a-mhàin air a bheil am Prìomhaire May ag amas leis an draoidheachd seo: tha i airson ’s gun creid iadsan mun cuairt oirre cuideachd.

A-rèir choltais, tha an cleas ag obair. Làidir is seasmhach, fhreagair am Ministear agus an neach-iomairt agus an craoladair agus deasaiche nam pàipear-naidheachd. Ged a tha e furasta magadh oirre, b' fhiach smaoineachadh dè ciall a th’ aig na faclan.

Anns a’ chiad dol a-mach, feumaidh sinn aithneachadh nuair a chanas May làidir, ’s e riaghaltas làidir tha i ag iarraidh. B’ fheàrr leamsa riaghaltas aig a bheil aire gu bheil gach pìos neart a th’ aca a’ crochadh air taic an t-sluaigh. Chan fheum riaghaltas làidir bodraigeadh leis an leithid.

Tha an saoghal air lìonadh le ceannardan làidir anns na bliadhnaichean seo seachad. Trump agus a bhomaichean mòra, Erdogan agus a ghràisg a thug ionnsaigh fòirneartach do luchd-togail fianais agus Putin cho trèan leis an iudo agus a’ mharcachd. Tha mi seachd searbh sgìth de làidireachd. Bu chòir eagal a bhith oirnn nuair a bhios ar ceannardan a-mach air neart fad an t-siubhail.

Cuideachd chan eil neart agus seasmhachd an aon rud. Chan eil ceannard cho cumhachdach ri deachdair ach cha chanadh duine gu bheil coltas seasmhach air Siria no air Libia, agus is cinnteach gu robh neart is cumhachd aig deachdairean na dùthchannan ud uair.

Tha an t-eadar-dhealachadh eadar May agus Cameron glè shoilleir. Dìreach mar Bhlair, dh’fheuch Cameron toirt ort smaointinn gur b’ e do charaid a bh' ann. Dìreach fear àbhaisteach, coltach ruibh fhèin ann an dòighean. Chan eil Theresa ag iarraidh caraidean. B' fheàrr leotha searbhantan agus luchd-leantainn dìleas, agus sluagh nach faighnich cus ceistean. Rachadh aig Riaghaltas a bhith làidir an uair sin.

Agus dè mu dhèidhinn an dàrna leth den abairt? Aig deireadh na pàrlamaide seo tighinn, ma mhaireas i còig bliadhna mar a bu chòir, bidh sin air dà bhliadhn’ deug fhulang leis na Tòraidhean a’ stiùireadh na dùthcha. Cha do chruthaich iad suidheachadh seasmhach anns a’ chiad seachd bliadhna, carson a bu chòir dhuinn creidsinn gum bi an ath chòig eadar-dhealaichte? Co-dhiù, cha bhi dad seasmhach ann am Breatainn gus an tèid aontachadh a ruigsinn air Brexit. ’S iad na Tòraidhean a-mhàin as coireach airson a’ bhùraich sin, agus ’s iad am pàrtaidh a ghairm an Taghadh tràth, an Taghadh as tràithe ann an 43 bliadhna, agus a-nis is iadsan a tha ag ràdh gum feum sinn seasmhachd. Thòisich iad teine agus a-nis tha iad ag ràdh nach eil neach-smàlaidh ann ach iad fhèin, ged a tha fàileadh na peatrail orra fhathast. Còrdadh beagan sheasmhachd riumsa, ach chan ann riumsa a tha na Tòraidhean a’ bruidhinn. Seasmhachd airson nam bancairean agus nan uachdaran agus sgrios agus mì-chinnt airson a’ chorr a bhios ann. ’S ann a-mach air a’ mhòr-chuid aice a-mhàin a tha i nuair a bhruidhneas i mu sheasmhachd. Thèid cumhachd May am meud, taobh a-staigh a' phàrtaidh aice, oir bidh i air dearbhadh gun robh i ceart taghadh a ghairm anns a’ chiad dol a-mach.

Chan e an dùthaich a bhios làidir, ach bidh ise. Cha bhi ar còraichean seasmhach, no an eaconamaidh, ach bidh mòr-chuid an Riaghaltais taobh a-staigh Taigh nan Cumantan. Chan eil nàire sam bith orra. Dè feum a th’ air nàire nuair a tha cumhachd agad?

A bharrachd air ciall nam facal tha e cuideachd cudromachd aithneachadh ciall an aithriseachd cuideachd. Tha gach agallamh agus aithisg dòireannach. Tha iad airson is gum bi iad dòireannach, oir tha eagal orra agus ’s dòcha gum bu chòir eagal a bhith orra.

Fhathast, tha e coltach gu bheil na Tòraidhean gus an taghadh seo bhuannachadh, agus a’ tilleadh le mòr-chuid nas motha na na bh’ aca roimhe, ach beag air bheag tha na Làbaraich air adhartas a dhèanamh anns na cunntasan-bheachd.

Chan eil cus ùine air fhàgail aca. Tha tòrr ann an Sasainn ag ràdh nach eil iad deònach bhòtadh airson na Làbaraich thoradh ’s nach eil cothrom buannachaidh sam bith aca. Nan atharraicheadh sin, ’s dòcha gum biodh taghadh inntinneach againn. Chan eil earbsa agam anns a' Phàrtaidh Làbarach ach ’s dòcha gu bheil na Tòraidhean cho làn àrdain is gun dean iad mearachd uabhasach. Ge bith dè thachras, is treasa tuath na tighearna. Feumaidh sinn sealltainn gu May, ge bith cho mòr ’s a bhios a’ mhòr-chuid a cheannaicheas an taghadh neo-riantanach dhith, gu bheil cuid againn fhathast a’ creidsinn na h-abairt sin. Gu bheil sinne nas treasa na tighearna agus nas làidire na Riaghaltas agus nas seasmhachd na na Tòraidhean.

GLOSSARY:

Làidir – Strong

Seasmhach – Stable

Sluagh-ghairm - Slogan

Gràisg – Mob

Is treasa tuath na tighearna – The people are mightier than a Lord.