This week Calum MacLeòid looks at the results of the Local Authority Elections for Comhairle nan Eilean Siar, where they failed to elect a single woman and looks at the factors that may have led this situation. The Comhairle now has a responsibility to go further than it would have, in tackling gender inequality and to ensure that this result if a one off.

DEICH bliadhna agus latha às dèidh dhan Pàrtaidh Nàiseanta a’ chiad thaghadh aca buannachadh, thill muinntir na h-Alba, airson an deicheamh uair ann an deich bliadhna, chun nan stèiseanan-bhòtaidh. Cho fad 's a bhios 431 na àireamh nas motha na 276, rud nach eil cuid deònach a chreidsinn a-rèir coltas, b’ e deagh thaghadh eile airson PNA a bh' ann.

Anns na taghaidhean airson Comhairle nan Eilean Siar, cha do shoirbhich boireannach sam bith. Bha seachdnar tagraichean boireann a’ seasamh ann an trì uàrdan. Anns a' mhòr-chuid de sgìrean cha robh aon bhoireannach fiù ’s air a’ bhaileat. Ann an 2012 shoirbhich triùir boireannaich. Cha deach Na h-Eileanan an Iar, mar roinn-phàrlamaid, a riochdachadh le boireannach a-riamh.

Aig ìre nàiseanta, anns an taghadh seo, tha an àireamh de chomhairlichean bhoireann air àrdachadh, bho 24% ann an 2012 gu 29% an turas seo. Aig an astar sin cha ruigeamaid ìre riochdachaidh co-ionnan ro 2039. Chan eil sin math gu leòr. Agus mar a tha an taghadh na Comhairle air sealltainn, cha bhi na h-àireamhan sin an còmhnaidh a’ gluasad anns an dòigh ’s a tha chòir.

Tuigidh neach sam bith a tha eòlach air boireannaich bhon na h-eileanan nach e ceist chomais a th’ ann. Nam bheachd-sa ’s e an t-siostam- bhòtaidh a chleachdas sinn airson nan taghaidhean ionadail an siostam as cothromaiche a th’ againn. Mar sin ciamar a thachair seo?

’S e an fhìrinn a th’ ann is gu bheil e nas fhasa do dh’fhireannaich sheasamh airson comhairlean ann an Alba. A dh'aindeoin 's na h-adhartasan cudromach a tha sinn air dèanamh thar na bliadhnaichean, fhathast chan eil co-ionnanachd eadar nan gnè. Agus tha cuid de rudan nach tèid atharrachadh fiù ’s nam biodh co-ionnanachd a thaobh tuarastal againn a- màireach, agus cha bhi.

Gu h-oifigeil ’s e dreuchd phàirt-ùine a th’ aig Comhairlichean agus gheibh iad tuarastal pàirt-ùine. Mar sin bhiodh a’ mhòr-chuid a’ call airgeid tro an leithid de dhreuchd a dhèanamh. Agus tha e nas fhasa do dh’fhireannaich, agus gu h-àraid do dh’fhireannaich nas sine, a tha air am morgaidsean a phàigheadh agus beagan airgead a shàbhaladh, a bhith a’ seasamh. Cha bu chòir iongnadh a bhith oirnn nuair a chì sinn gu bheil a’ mhòr-chuid de Chomhairlichean, air feadh na h-Alba nam bodaich. Nan rachadh Comhairlichean am pàigheadh aig ìre iomchaidh airson na h-obrach a tha an lùib an dreuchd aca, bhiodh e nas fhasa dhaibhsan aig nach eil a leithid de cumhachd eaconomaigeach seasamh.

Tha fios agam gu bheil PNA air beagan a dhèanamh gus boireannaich a bhrosnachadh. Tha iad air Women’s Academy a chur air bhog agus làithean trèanaidh sònraichte airson boireannaich a stèidheachadh agus tha buaidh air a bhith ann: chithear barrachd bhoireannaich nan tagraichean a-nis. Gu mì-fhortanach ’s ann air tìr mhòr a-mhàin a tha na làithean seo air tachairt. Tha dreuchd anns a’ Phàrtaidh leis an tiotal National Women's and Equalities Officer agus is i Tasmina Ahmed-Sheikh aig a bheil an dreuchd sin an-dràsta. Tha còir aice tadhal air na h-eileanan a dh’aithghearr, oir cha do sheas ach dithis bhoireannach airson PNA a-mach a seachd tagraichean.

Tha na h-Uainich agus na Làbaraich air an aon seòrsa rud a dhèanamh agus air liostaichean a chleachdadh far nach eil cothrom ach do bhoireannaich a sheasamh. Ach cha do sheas na pàrtaidhean sin airson na Comhairle. Sheas na Tòraidhean ach cha robh tagraichean boireann aca agus chan eil ùidh a’ chòin aig a’ phàrtaidh ud anns a’ chuspair.  Aig an ìre nàiseanta cha robh ach 18% de thagraichean aca nam boireannaich.

Ge bith na tha na pàrtaidhean a' dèanamh, 's e cnag na cùise nach bi mòran bhuaidh aca air taghadh na Comhairle nuair a tha Comhairlichean Neo-eisimeileach cho bitheanta. ’S urrainn do phàrtaidhean feuchainn gus gnè nan tagraichean a chothromachadh ach chan urrainn do Comhairlichean Neo-eisimeileach. Tha seo ri fhaicinn air feadh na h-Alba; 's ann anns na sgìrean anns an do shoirbhich le barrachd Chomhairlichean gun phàrtaidh, agus Tòraidhean, a tha na h-ìrean de bhoireannaich as lugha.   ’S e deagh rud a th’ ann am pàrtaidhean poilitigeach oir thèid còirichean nam beag- chodaichean phoileataigeach an dìon nas fheàrr nuair a thig iad còmhla taobh a-staigh buidheannan nas motha. As aonais pàrtaidhean poilitigeach cha bhiodh sinn fiù ’s air na beag de dh’adhartas a thathar air coileanadh thar nan linntean fhaighinn. Tha fios gur e sgìre eadar- dhealaichte a th’ anns na h-Eileanan an Iar ach chan eil iad cho sònraichte sin is nach eil feum ann air buidheannan a tha a' dìon còirichean nan fheadhainn nach eil nam fireannaich aosta geal.

Cha bu chòir dhuinn gabhail ris seo. Tha e a’ toirt droch shealladh air an sgìre air fad. Tha dleastanas a-nis air Comhairle nan Eilean Siar. Feumaidh a’ Chomhairle barrachd a dhèanamh na comhairle sam bith eile airson boireannaich a-nis. Mura h-eil na fireannaich seo deònach no comasach an obair sin a dhèanamh, tha mi an dòchas gun tèid gach fear dhiubh an shadail a-mach an ath turas.

GLOSSARY:

Tagraichean – Candidates

Comhairlichean Neo-eisimeileach – Independent Councillors

Co-ionnanachd - Equailty

Beag-chodaichean - Minorities