Following last week’s terrorist attack Calum MacLeòid looks at who we respond to such events, arguing that the knee-jerk bans of Trump and the Tories attacks on civil liberties should be rejected and instead we should continue peacefully and openly debating the future of Scotland.

AN-DIUGH tòisichidh an deasbad a-rithist, às dèidh na h-ionnsaidh ceannairc ann an Lunnainn. B' e seo a' chiad gnìomh ceannairc ann an Sasainn on a chaidh Jo Cox a mhurt an-uiridh. Bidh gach tachartas sgriosail den leithid a’ toirt oirnn cuimhneachadh gu dè cho fortanach is a tha sinn. Feumaidh is gu bheil sinn uile eòlach air cuideigin a tha a’ fuireach no ag obair ann an Lunnainn, air no ’s dòcha, mar mi fhèin, gu bheil sibhse cuideachd air tadhal air Lùchairt Westminster agus Drochaid Westminster.

Air latha na h-ionnsaigh fhèin bha roghainn doirbh aig Pàrlamaid na h-Alba ri dhèanamh; an robh còir aca leantail air adhart leis an deasbad aca, gus sealltainn nach robh ceannairc gus stad a chur air deamocrasaidh, no am biodh e na bu fhreagarraiche stad gus comharrachadh an rud uabhasach. Aig a' cheann thall dh’fheuch iad ris an dà rud a dhèanamh agus cha do dh’fhàg sin cus toilichte leotha. Aig an dearbh àm, tha a' chonnspaid bheag sin a’ sealltainn gur e tachartas às an àbhaist a tha ann an ionnsaighean ceannairc. Nam biodh iad na bu bhitheanta, bhiodh modh-obrach stèidhichte aig a’ Phàrlamaid.

Nuair a thòisicheas na deasbadan a-rithist an-diugh bidh barrachd aca ri dheasbad. Nam bheachd-sa cha bu chòir dhuinn ar dòighean atharrachadh gus feuchainn ri dèiligeadh ri ceannairc. B' urrainnear Drochaid Westminster a dhùnadh. B' urrainn do Riaghaltas Bhreatainn milleanan a chosg gus Lùchairt Westminster atharrachadh gu dùn làidir. B' urrainn dhuinn cogadh a thòiseachadh anns an Ear-Meadhanach a-rithist, no ann an Kent fiù 's; an sgìre dham buineadh am fear a rinn an gnìomh ceannairc. B' urrainn dhuinn ar dòighean beatha atharrachadh gu tur ach cha bu chòir. Chan urrainn dhuinn saoghal às aonais cunnartan a chruthachadh agus cha bu chòir dhuinn feuchainn.

Tha fios againn a-nis mar a thig atharrachadh air rudan ann an dòighean beaga às dèidh a leithid de thachartas, agus mar an losgann bochd a chaidh a bhruich, chan eil sinn an-còmhnaidh comasach mothachadh do bhlàthachadh an uisge.

Chan urrainn do dheagh phoileasaidhean a bhith stèidhte air eagal no gràin. Chunnaic sinn sin leis a' bhùrach a rinn an Ceann-Suidhe Dòmhnall leis a' chasg siubhail a dh’fheuch e ri thoirt a-steach. Dìreach ron ionnsaigh seo, dh'fhoillsich e casg ùr a chuireas stad air duine a bhith a’ toirt coimpiutairean uchd air cuid de dh'itealain. Agus às aonais deasbad sam bith, an latha às dèidh sin lean Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte am poileasaidh ùr seo.

Is cinnteach gu bheil fiosrachadh buntainneach aig na Seirbheisean Tèarainteach nach tèid a sgaoladh gu poblach, ach tha feum againn a bhith air chomas tuigsinn nan adhbhairean a th' aig bun am molaidhean. Ged a tha mi na aghaidh, chan urrainn dhomh tuigsinn carson nach eil an casg seo a' buntainn ri gach dùthaich. Cuideachd chan eil e soilleir fhathast carson a bha an Rìoghachd Aonaichte cho deònach leantainn na rinn Trump anns a' phoileasaidh seo. Bidh droch bhuaidh aig seo air craoladairean anns an sgìre. Nach robh an Rìoghachd Aonaichte agus na Stàitean airson deamocrasaidh a bhrosnachadh anns na dùthchannan seo? Ciamar fon ghrèin a thèid agad air cultar deamocratach a bhrosnachadh às aonais craoladairean?

A-nis anns an Rìoghachd Aonaichte tha e soilleir gu bheil na Tòraidhean gus an ionnsaigh seo a chleachdadh. Bha coltas ann bho na thuirt Rùnaire na Dùthcha Amber Rudd ann an agallamh Didòmhnaich, nach eil i buileach cinnteach mar a dh’obraicheas Twitter, gun facal air mar a chruthaicheadh tu eadar-lìon sàbhailte agus saor às aonais crioptachaidh.

Air an latha a stad an deasbad, ’s ann a-mach air reifreann eile air neo-eisimeileachd a chumail a bha muinntir Thaigh an Ròid. Tha dleastanas oirnn mar sluagh a bheir taic gu deamocrasaidh a bhith a’ leantail oirnn leis na deasbadan a tha romhainn agus an-diugh ’s e an deasbad againn mu dheidhinn neo-eisimeileachd. ’S ann anns an dòigh seo a thaisbeanas sinn fada a bharrachd cumhachd na tro bomaichean a leigeil air dùthchannan bochda no oifigeirean poilis armaichte a chur air gach sràid de ar bailtean mòra.

Thèid againn compàirteachas a nochdadh do dhùthchannan eile gun a bhith ag iarraidh a bhith ann an aonadh leotha, no sgur de bhith gan càineadh. Chan eil siorrachd Westminster, no an àite obrach sin co-ionnann ri Riaghaltas Bhreatainn. Feumaidh an cead fhathast a bhith againn a bhith a' càineadh an Riaghaltais, le làn saorsa.

Tha sinne a tha airson Alba neo-eisimeileach fhaicinn chan eil sinn airson Sasainn a mhilleadh no Lunnainn a spreadhadh. Ged a chanas cuid a tha nar n-aghaidh gu bheil, tha fios aig duine sam bith a tha air pàirt a gabhail anns an iomairt. Chan ann stèidhichte air gràin no fuath a tha ar n-iomairt. Chan eil sinn ach a' creidsinn gum bu chòir do mhuinntir na h-Alba an Riaghaltas aca fhèin a thaghadh. Mura h-eil sinn deònach leantail oirnn mar phàirt den 51mh Stàit seo chan eil roghainn eile againn.

GLOSSARY:

Buntainneach – Relevant

Seirbheisean Tèarainteach – Security Services

Chompàirteachas – Solidarity

Crioptachadh – Encryption