Despite the current changeable political landscape, writes Màiri Dhòmhnallach, there is one truth that will always remain when it comes to politics; "experts" and retired politicians love nothing more than crawling out of the woodwork in times of political turmoil.  Enter stage left, Gordon Brown.

AN dèidh tachartasan na seachdain seo chaidh tha e doirbh rud sam bith a sgrìobhadh an-dràsta a bhios fhathast fìor an ceann là neo dhà eile. Ach tha aon rud a tha fìor, agus a bhios fìor gu bràth nuair a thig e gu poileataigs; thig ‘eòlaichean’ agus iadsan a b’ àbhaist a bhith an lùib an t-saoghail phoiliteagaich am follais bho àm gu àm – a’ liùgadh a-mach às gach cùil gus beachdan a thoirt seachad nuair a tha ùpraid neo suidheachadh dùbhlanach a’ nochdadh.

Nochd aon neach den leithid thairis air an deireadh-sheachdain – fear air am bi cuimhne aig a’ mhòr-chuid agaibh. Fear a bha os cionn na Rìoghachd Aonaichte mar Phrìomhaire airson trì bliadhna – abair e. Fear a bha os cionn a’ Phartaidh Làbaraich nuair a chaill iad 91 àiteachan-suidhe aig Westminster – an call as motha a dh’fhuiling am Partaidh bho 1931. Fear a bha os cionn seacadh eaconomaigeach cho dona ’s a chunnaic mo ghinealach-sa riamh. Fear a bha an guaillibh Thony Blair fad na h-ùine tro chogadh Ioràc.

Fàilte air ais, Gordon Brown.

Nochd Mgr. Brown aig an deireadh-sheachdain gus òraid a ghabhail ann am Fìobha, ceàrnaidh far an robh e na Bh.P. airson 32 bliadhna, ’s e a’ moladh – mar a thuirt The Independent – “masterplan” gus an Rìoghachd Aonaichte a shàbhaladh.

Bhruidhinn e air mar a bu chòir ‘treas slighe’ a bhith ann do dh’Alba; slighe a chìtheadh cumhachdan ùra a’ tighinn gu Holyrood an dèidh Brexit. Nam measg, cumhachd gus ìrean VAT a stèidheachadh, cumhachd a h-ainm a chur ri cùmhnantan eadar-nàiseanta, agus barrachd chumhachdan a thaobh na h-àrainneachd, cosnaidh agus cumhachd. Chan e cameo a tha seo idir, ge-tà, mar a bhios cuimhne agaibh. Gu dearbh, nach e Mgr. Brown is eile a chaidh am moladh mar an fheadhainn a shàbhail an t-Aonadh aig àm a’ chiad reifreinn le an cuid gheallaidhean? “The Vow”, mar a bh’aca air. Cha mhòr nach deach na h-ainmean aca glan às mo chuimhne cuideachd – ainmean a tha cha mhòr air a dhol à bith on uairsin – David Cameron, Ed Miliband agus Nick Clegg. Abair thusa, nach do rinn iadsan feum dhuinn.

Dè na geallaidhean a thug iad seachad a-rithist? A bheil cuimhne aig duine sam bith orra? Dh’fheumainn fhìn beagan rannsachaidh a dhèanamh, ma dh’fhaodas mi sin aideachadh, ach chuimhnich mi air na 3 rudan a leanas: gum biodh Pàrlamaid na h-Alba stèidhichte agus maireannach; gum biodh cumhachdan farsaing ùr a’ tighinn chun na Pàrlamaid; gum maireadh formula Bharnett.

Thàinig Coimisean Mhic a’ Ghobhainn a-mach às a’ ghealladh sin cuideachd – gus na pàrtaidhean Albannach air fad a thoirt còmhla gus beachdachadh air barrachd cumhachd a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba. Chaidh Achd na h-Alba fhoillseachadh anns a’ Mhàrt 2016, le molaidhean a’ Choimisein na mheasg, ach dè an diofar – gu h-onarach – a tha air tighinn air beatha muinntir na h-Alba bhon uairsin?

Tha fhios againn gur e sop air sgàth sgoinne a tha anns na cumhachdan a thàinig às a’ Choimisean, agus gur e an aon rud a bhios ann an geallaidhean ùra bhon Aonadh ma thig iad ron ath-reifreann. Chan eil cumhachd gu leòr againn ma thachras staing eadar-nàiseanta – cunnart a tha ann dà-rìreabh le Putin is Trump aig an stiùir. Nuair a thig e gu h-aon is gu dhà, mur a bhòt sinn airson neo-eisimeileachd an ath-thuras, cha bhi ach cumhachdan lag air fhàgail againn, gu h-àraidh an dèidh Brexit.

A bharrachd air, can, Poileas Chòmhdail Bhreatainn a-nis gus tighinn fo smachd Poileas na h-Alba, agus mar a tha smachd aig Pàrlamaid na h-Alba a-nis air cìsean leithid ADP – saoil a bheil muinntir na h-Alba idir mothachail dha na cumhachdan ùra a thàinig an lùib Comisean Mhic a’ Ghobhainn? Mura h-eil, carson fon ghrèin a shaoileadh Gordon Brown gum biodh sinn deònach gabhail ri geallaidhean ùra an turas seo?

Còrr is 2 bhliadhna gu leth an dèidh a’ chiad reifreinn air neo-eisimeileachd na h-Alba, agus le reifreann ùr gus tachairt an ceann bliadhna neo dhà eile, cha chuir e iongnadh air duine sam bith gu bheil Gordon Brown air nochdadh a-rithist. Fuirich gus an nochd an còrr.

GLOSSARY

A’ liùgadh – Crawling

Dùbhlanach – Challenging

Seacadh eaconomaigeach – Recession

Geallaidhean – Promises

Coimisean Mhic a’ Ghobhainn – Smith Commission