Following last week’s Northern Irish Assembly elections, Calum MacLeòid looks at the implications of the result for Northern Ireland and for the Union. What may appear to be a minor blip in a deadlocked region may have far-reaching consequences.

AIR Dihaoine thug Theresa May seachad òraid chudromach. Bha i airson an t-Aonadh a shàbhaladh leatha. Gu mì-fhortanach, thug i seachad a h-òraid ann an Alba, ach bha còir a h-aire a bhith air pàirt eile den Rìoghachd Aonaichte. Oir air an dearbh latha, thàinig e am follais gun robh pàrtaidhean an Aonaidh air am mòr-chuid a chall anns na taghaidhean Stormont.

Tha seo cudromach. Chan e dìreach taghadh eile far an do rinn na Nàiseantaich beagan na b’ fheàrr a bh’ ann, ged a rinn. Chan eil pàirt eile den Rìoghachd Aonaichte ann far an deach crìochan na sgìre a dhealbhadh agus a chruthachadh gus mòr-chuid sìorraidh a thoirt dhaibhsan a bheir taic dhan Aonadh.

Ged a chleachdas cuid, air an dà thaobh den deasbad, an t-ainm “Ulaidh” airson Èireann a Tuath, chan eil ach a sia de naoi conntaidhean Uladh nam pàirt dheth, thoradh is gun robh iadsan a chruthaich a’ chrìoch sin airson na mòr-chuid sin a chruthachadh. Anns a’ chiad taghadh anns an stàit ùir choisinn pàrtaidhean an Aonaidh 77% den bhòt. Air Diardaoin cha d’ fhuair iad ach 45%.

Dhòmhsa dheth b’ e an rud a b’ inntinniche ma dheidhinn gun robh coltas nach robh ùidh a’ choin aig an uabhas a tha ag obair anns na meadhanan ma dheidhinn. Fhad ‘s a bha iad fhathast a’ cunntadh, bha barrachd ri ràdh aig a’ BhBC mu dheidhinn sioraf trom ann an New York, na an taghadh cudromach seo. Air prògram poilitigeach cliùiteach Anndra Marr air Didòmhnaich, cha robh duine sam bith bhon sgìre.

Tha fios riamh air a bhith againn ann an Alba nach eil co-ionannachd eadar naidheachdan anns na h-eileanan seo, ach tha na mìosan seo seachad, far nach eil facal cha mhòr air a bhith air a ràdh mu chonnspaid RHI, no nuair a thuit an Riaghaltas ann an Stormont, no rè nan iomairtean gu ruige an latha bhòtaidh fhèin, air dearbhadh dhòmhsa gu bheil an t-Aonadh ann an cunnart mòr. Tha atharrachaidhean cudromach a’ tachairt. Ann an òraid seachdainean air ais, thog Taoiseach Poblachd na h-Èireann eisimpleir de mar a thàinig Gearmailt an Ear a-steach dhan Aonadh Eòrpach cho luath is a dh’ath-aonaich i le Gearmailt an Iar mar slighe a b’ urrainn do dh’Èirinn a Tuath a leantainn. Cha chanadh duine beò gur e poblachdach radaigeach a th’ ann an Enda Kenny. Mar sin nuair a tha fiù ’s muinntir Fhine Gael a-mach air ath-aonachadh bu chòir sùil gheàrr a chumail air Èirinn anns na seachdainean agus na mìosan a tha romhainn.

Air Disathairne sheas Ruth Davidson fo shanas a’ taisbeanadh ainm ùr a’ phàrtaidh aice. ’S e a bh’ anns an t-seann ainm ach The Scottish Conservative and Unionist Party. ’S dòcha gu bheil mòr-chuid ann fhathast a bheir taic ann an Alba dhan Aonadh, ach chan eil faisg air mòr-chuid ann a bhios gan ainmeachadh fhèin mar Aonadairean. Chan e pàirt riatanach de dh’fhèin-aithne poilitigeach a th’ ann, fhathast, ann an Alba, mar a tha e ann an Èirinn a Tuath.

Ma tha luchd an Aonaidh airson an t-slighe sin a leantainn bidh an ath reifreann air neo-eisimeileachd nas coltaiche ris an reifreann ann an 1997 na 2014. Chan e Better-er Together-er a bhios an iomairt an turas seo agus cha tèid leithid Darling is Brown an sàs ann mar a chaidh roimhe. Tha eadar-dhealachadh mòr eadar an seòrsa Aonaidh a bhios Ruth Davidson, no Theresa May, a riochdachadh an coimeas ris an t-seann sgioba Làbarach.

Gach uair a chanas Theresa May gu bheil i airson an Aonaidh a neartachadh agus leis na ceanglaichean eadar nàiseanan na Rìoghachd Aonaichte, tha e soilleir gu bheil i a’ ciallachadh cumhachd a ghlèidheadh ann an Lunnainn. Coltach ri Aonta Dihaoine na Ceusta, cha b’ e pròiseact Tòraidheach a bh’ ann an stèidheachadh Pàrlamaid na h-Alba. Fhathast tha cuid ann an Alba a tha na aghaidh agus is cinnteach gun robh gu leòr dhiubh anns an talla ag èisteachd ris a’ Phrìomhaire agus a’ bualadh nam bas. Chan eil na Tòraidhean, no Aonadairean sam bith a rèir choltais agus a rèir mar a dhèilig iad ri Achd na h-Alba a’ tuigsinn gun rachadh an t-Aonadh a neartachadh tro bhith a’ tilleadh barrachd chumhachdan a dh’Alba. Ach cho fad ‘s a tha do nàimhdean ri mearachd, chan fhiach innse dhaibh.

A rèir aithisgean, an ceann cola-deug tha Riaghaltas Bhreatainn gus fios oifigeil a chur dhan Aonadh Eòrpach, le Alt 50, gu bheil iad airson an t-Aonadh sin fhàgail. Chan eil sinn ach air ro-shealladh beag fhaighinn air an ùpraid a tha ri teachd. Mar-thà, tha an t-seirbheis shìobhalta air gearraidhean mòra fhulang. ’S e dùbhlan anabarrach mòr a bhiodh Brexit fhèin dhaibh, ach dìreach smaoinich nan robh aca ri pàirt a ghabhail ann an reifreannan ann an Alba agus Èirinn a Tuath aig an aon àm. Às dèidh na seachdain seo tha an suidheachadh sin fada nas coltaiche.

GLOSSARY

Seanadh Èireann a Tuath – the Northern Ireland Assembly
Alt 50 – Article 50
Aonadairean – Unionists
Radigeach – Radical