This week Calum MacLeòid writes in defences of public libraries and argues that they are not only key to the cultural and intellectual wellbeing of any society but also have a crucial role in defending our communities and democracy from attacks. The upcoming local authority elections are an opportunity for candidates and parties to demonstrate whether these are values that matter to them.  

ANNS na làithean dorcha seo, tha e ro fhurasta do sgrìobhadairean cholbhan a bhith ri càineadh fad an t-siubhail. Is cinnteach gu bheil gu leòr anns an t-saoghal agus ann an Alba a tha araidh no feumach air càineadh. An t-seachdain-sa ge-tà, tha mi airson beagan molaidh a thoirt seachad. Nam bheachd-sa, chan eil goireas cho cudromach ann an coimhearsnachd ri leabhar-lann poblach.

Thuirt an sgrìobhadair Argantaineach Jorge Luis Borges gu robh e den bheachd gur e nàdar leabhar-lainn a biodh ann an Nèamh agus tha mise ag aontachadh leis. Ma tha dad inntinneach agam ri ràdh, no smuain iomchaidh agam nam cheann, ’s ann thoradh an leughadh rinn mi on a dh’ionnsaich mi leughadh. Cha robh uair ann nuair nach b’ urrainn dhomh leabhraichean ùra a lorg a dh’aindeoin an airgid a bh’ agam no aig mo theaghlach nuair bha mi òg.

Nan robh agam ri pàigheadh airson gach leabhar a leugh mi, cha bhithinn air an uiread a leughadh agus bhithinn air leabhraichean eadar-dhealaichte a thaghadh. Nuair a tha saorsa agad leabhraichean a leughadh gun phàigheadh, tha thu nas deònaiche rudan ùra fheuchainn, nobhailean ann an gnè air nach eil thu cho measail, no leabhraichean bho ùghdaran air nach eil thu eòlach.

Smaoinich, ma ’s urrainn dhaibh, air dè seòrsa coltais a bhiodh air litreachas às aonais leabhar-lannan poblach. ’S ann tric a thèid litreachas na Beurla a chàineadh thoradh gainnead guthan sgrìobhadairean a tha a’ riochdachadh bheathannan ballrachd a’ chlas-obrach. Bhiodh an suidheachadh nas miosa buileach às aonais leabhar-lannan poblach. Chan eil an t-uabhas ann an cunntas eadar na sgrìobhaidhean Hugh MacDiarmid agus James Baldwin, ach gun d’ fhuair an dithist aca foghlam tro leughadh a h-uile leabhar anns na leabhar-lannan beaga ionadail aca, aon dhiubh ann an Lagholm agus an tè eile ann an Harlem.

Cuideachd chan e dìreach togalach làn leabhraichean a th’ ann an leabhar-lann, tha iad an eisimeil air leabharlannaichean proifeasanta. Tric, tha droch chliù aig leabharlannaichean agus daoine a’ cumail a-mach gu bheil iad dìreach ann airson “Ist!” ag ràdh agus leabhraichean a thilleadh dhan sgeilp. ’S e tidsearan a th’ annta, luchd-tasgaidh agus luchd-cuideachaidh do dh’oileanaich agus luchd-rannsachaidh sam bith. ’S e tìr-mòr àraid a th’ ann an leabhar-lann sam bith agus feumaidh sinn uile neach-iùil gus ar ceann-uidhe a lorg.

Ach a bharrachd air a bhith nan àitichean làn draoidheachd is saorsa ann an saoghal doilleir, tha buaidh cudromach aca air slàinte choimhearsnachd, ìrean de dheagh shlàinte-inntinn agus air slàinte ar deamocrasaidh. Cia mheud àite eile a th’ againn far an tèid agaibh air coinneamh a chumail, no clas theagasg no dìreach beagan fois a ghabhail gun rudeigin a cheannachd?

Gu mì-fhortanach tha cuid nach eil cho measail orra. Tha cuid a’ cleachdadh argamaidean cho gòrach agus e soilleir nach eil iad air leabhar a leughadh ann an deagh ghreis. Canaidh cuid gu bheil a h-uile càil ri fhaighinn air an eadar-lìon a-nis co-dhiù, air no nach eil ùidh aig a’ ghinealach òg ann an leughadh. Lorg rannsachadh anns na Stàitean bhon Ionad Rannsachaidh Pew gur e iadsan 18-29 de dh’aois, am buidheann as buailtiche bhith air leabhair a leughadh anns a’ bhliadhna a dh’fhalbh.

’S e argamaidean lag a th’ annta oir chan eil ann ach leisgeulan. Tha an fhìrinn nas sìmplidh buileach: tha cuid an aghaidh seirbheisean phoblach sam bith, gu h-àraid nuair nach eil dòigh shìmplidh airgead a thogail.

Ann an beagan mìosan bidh taghaidhean againn airson nan Ùghdarrasan Ionadail agus mar sin is cinnteach gun cluinn sibh barrachd bho ur Comhairlichean anns na seachdainean a tha romhainn na na tha sibh air cluinntinn ann am bliadhnaichean. Ma tha saorsa, deamocrasaidh, cultar agus ur coimhearsnachdan fhèin cudromach dhuibh, dèan cinnteach nach bhòt thu airson neach sam bith, ann am pàrtaidh sam bith, a tha a’ moladh gearradh sgilean ruadh de mhaoineachadh nan leabhar-lannan.

Tha am buidheann CILIPS air iomairt a thòiseachadh gus taic phoblach a thoirt do leabhar-lannan ron taghadh. Tha iad a’ cleachdadh an taga-hais #librariesmatter gus fios a sgaoileadh mu dhèidhinn cho cudromach ’s a tha an dà chuid leabhar-lannan poblach agus leabhar-lannan ann an sgoiltean.

Bu chòir eagal agus dragh a bhith air deamocratach sam bith a tha a’ fuireach ann an dùthaich a dhùineas leabhar-lannan poblach. Eadar 2010 agus 2015, dhùin 27 leabhar-lannan poblach ann an Alba. Ma tha sinn a’ creidsinn gur e còir a th’ ann am foghlam tha feum againn air barrachd leabhar-lannan, leabhar-lannan a tha fosgailte nas fhaide agus aig a bheil barrachd ghoireasan agus luchd-obrach.

Bha na Manic Street Preachers ceart nuair a sheinn iad gun toir leabhar-lannan cumhachd dhuinn. ’S e an fhìrinn a bha aca agus feumaidh sinn cuimhneachadh air.

GLOSSARY:

Leabhar-lann poblach – public library

Leabharlannaichean – librarians

Luchd-tasgaidh – curators

Luchd-rannsachaidh – researchers