This week, Calum MacLeòid looks at the choice Scotland is going to have to make in the near future: whether its future lies as an ignored region of Brexit Britain or as a member of the European family of nations. With Trump and Putin’s administrations willing the EU to fail and collapse, Scotland must choose a side.

THA e soilleir gu bheil reifreann eile air neo-eisimeileachd gus a bhith againn. Tha dùbhlan mòr romhainn ge-tà: feumaidh sinn taisbeanadh nach tèid aig an status quo a ghlèidheadh. Tha atharrachaidhean mòra gus tighinn oirnn ge bith dè a thaghas sinn. Tha sinn uile air trèana Brexit a-nis, agus ’s e tìr chèin is fada bhuainn a th’ ann an saoghal 2014. Tha an t-Aonadh Eòrpach, agus mar sin na Roinn Eòrpa air fad, ann an cunnart. Tha sin a-nis ann an saoghal far a bheil feachdan air dà thaobh dheth, Rìoghachd Putin agus Rìoghachd Trump, airson is gun tuit an t-Aonadh Eòrpach às a chèile. Tha e soilleir gun còrdadh seo ri May cuideachd. Feumaidh sinne ann an Alba taghadh a dhèanamh a thaobh cò comhla ris an seas sinn.

Tha Alba riamh air a bhith na dùthaich Eòrpach. Chan e dàimh a thòisich ann an 1973 idir a th’ innte. Tha am fearann seo air a bhith na phàirt de rìoghachdan Gàidhealach, Impireachd na Ròimhe agus rìoghachdan Lochlannach. ’S ann às na h-Èireann, le ùghdarras bhon Ròimhe, a thàinig Crìosdachd dhan tìr seo o thùs. Ri linn nan Cogaidhean Neo-eisimeileachd ’s ann bho na rìoghachdan Eòrpach eile agus a’ Bhatacan a dh’iarr sinn air dearbhadh gur b' e rìoghachd neo-eisimeileachd a bh’unnainn. Airson linntean ghabh sinn àite am measg nàiseanan na h-Eòrpa, gu ruige Linn an Ath-Bheòthachaidh. ’S ann stèidhichte air feallsanachdan a thàinig bhon Roinn Eòrpa cuideachd a bha an t-Ath-Leasachadh ann an Alba. Tha e furasta dìochùimhneachadh aig amannan gu robh sùilean na mòr-thìre air blàr Chùil Lodair.

Chan eil ar n-eachdraidh Eòrpach na rud fad às. Thar na bliadhnaichean seo seachad tha sinn air cuimhneachadh na thachair ceud bliadhna air ais, ann an achaidhean san Fhraing is sa Bheilg, agus na h-atharrachaidhean buan a rinn air ar coimhearsnachdan fhèin. Chan e ceangalan beaga gun cus chudrom a tha iad seo, chan e cruinneachadh de cho-thuiteamasan a th' annta. Mar sin, ma tha thu den bheachd gu bheil Alba na h-aonar, air iomall na Roinn Eòrpa, tha thu a dhìth air mapa nas motha a cheannachd agus barrachd eachdraidh a leughadh.

Tha na Tòraidhean air shoilleireachadh nach eil iad deònach rèite eadar-dhealaichte a lorg airson Alba, rèite a dhearbhadh gun robh iad air mothachadh gu bheil sinn airson slighe eadar-dhealaichte a gabhail. Fiù 's nam b’ urrainn dhaibh leigeil leinn fuireachd taobh a-staigh Margadh Singilte na h-Eòrpa cha bhiodh iad deònach sin a cheadachadh. Chan eil ùidh a’ chòin aca anns na mholas Riaghaltas na h-Alba no mar a bhòtas Pàrlamaid na h-Alba. Mar as àbhaist tha cuid air rèiteachadh ùr a mholadh, stèidhichte air prionnsabalan feadarail. Cha tachair seo. Tha na Libearalaich Dheamocratach air an fhonn sin a chluiche fad deicheadan a-nis, ach fhathast chan eil duine deònach dannsa ris.

Dhearbh na Tòraidhean an t-seachdain-sa nach eil iad deònach gealladh gum bi àite aig sìobhaltaich Eòrpach anns a’ Bhreatainn Mhòr aca. Dhearbh iad gun robh iad coma mun bhuaidh a bhiodh aig Brexit air sìth ann an Èireann a Tuath. Agus dhearbh iad nach eil Breatainn deònach cobhair no dachaigh a thoirt do dhìlleachdan, do chlann às aonais pàrantan air am fuadachadh bhon dachaighean thoradh cogaidh.

Tha cùisean ag atharrachadh gu luath agus tha May agus a cuideachd gus Brexit agus Trump a chleachdadh mar leisgeul agus cothrom. Tha iad an dùil dùthaich a chruthachadh anns am b’ urrainnear Margaret Thatcher fhaicinn mar libearalaich. Cho fad 's a thèid againn cuimhneachadh gu bheil sinn nar dùthaich Eòrpach, gu bheil àite againn anns an coimhearsnachd sin agus gu bheil roghainnean againn, b’ urrainn dhuinn dùsgadh on trom-laighe sin. Nis, ’s urrainn dhut seasamh airson co-obrachadh agus còirichean Eòrpa gun a bhith nad bhall slàn den Aonadh Eòrpach. Thaghainn an slighe sin a-màireach, ach tuigidh mi nach taghadhadh a h-uile neach. Cha tèid againn air miann gach mac màthar a shàsachadh, ach ’s urrainn dhuinn rèite air choireigin a lorg airson Alba a riochdachas rudeigin fàisg air na tha a’ mhòr chuid den t-sluaigh ag iarraidh air a son. Thèid aig taic a thoirt dhan t-Aonadh Eòrpach gun a bhith a’ dol an sàs anns a’ phròiseact sin, mar a bhios Nirribhidh no an Eilbheis a’ dèanamh. Ach chan eil Breatainn ann an Brexit Cruaidh airson an slighe sin a leantainn idir. Feumaidh sinn taghadh.

’S dòcha nach eil thu deiseil airson a leithid. ’S dòcha nach eil thu airson taghadh. ’S dòcha gu bheil thu sgìth de roghainnean is poilitigs is reifreannan. A thruaghain bhochd! A bheil thu a’ smaointinn gun robh na fògarraich, còig bliadhna a dh’aois is nas òige, airson am pàrantan a chall agus an dachaighean fhàgail? Uaireannan cuiridh eachdraidh ceist air dùthchannan, a dh’aindeoin is cho deiseil is a bhiodh iad air a shon. Tha sin a’ tachairt an-dràsta. Feumaidh Alba a freagairt a thoirt dòigh air choireigin.

GLOSSARY:

Rìoghachd – Kingdom

An t-Ath-Leasachadh – The Reformation

Feadarail – Federal

Margadh Singilte na h-Eòrpa – The Single Market

Dhìlleachdan – Orphans