LOOKING at the state of the Gaelic language, this week Calum MacLeòid argues that the next census should include an option for those who identify as Gaels to express that. The struggle for Gaelic rights requires that the debate move beyond the usual arguments over broadcasting, schools and road signs.

GACH uair a thìde nochdaidh pìos naidheachd eile. Eadar Brexit, Trump agus gach nì eile a tha a’ dol air an t-saoghal chaochlaideach seo, tha e furasta ar n-aire a thoirt far na h-atharrachaidhean a ghluaiseas nas slaodaiche. Tha fios gu bheil iadsan a tha ag iomairt an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde air sin a mhothachadh agus nam bheachd-sa tha an dearbh rud fìor a thaobh na Gàidhlig.

Nuair a thòisich mi sgrìobhadh airson a’ phàipeir-naidheachd seo, beagan is bliadhna air ais a-nis, chuir mi romham nach robh mi gus sgrìobhadh mu dhèidhinn na Gàidhlig fad an t-siubhail. Bha mi den bheachd gum biodh barrachd feum ann a bhith a’ toirt sùil air cuspairean eile, ‘cuid dhiubh cuspairean mu nach rachadh aig Gàidheil a leughadh nar cànan fhèin, seach colbh a sgrìobhadh mu gach connspaid ann an saoghal na Gàidhlig.

’S e sin mo leisgeul co-dhiù. Feumaidh mi aideachadh gu bheil e car doirbh dhomh a bhith a’ sgrìobhadh mun Ghàidhlig. Anns an aon dòigh ri atharrachadh na gnàth-shìde, ma tha sgot de dh’fhios agad mun chuspair tha e doirbh sgrìobhadh mu dhèidhinn gun a bhith a’ call gach pìos dòchais a bh’ agad. Tha mi airson brosnachadh a thoirt seachad, ach aig an dearbh àm, feumaidh sinn aithneachadh an suidheachadh cunnartach anns a bheil sinn.

Tha e cudromach aithneachadh cuideachd gu bheil sinn air soirbheachadh ann an iomadh dòigh is iomairt gu ruige seo, is gum biodh na h-àireamhan nas miosa buileach às aonais an strì sin. Ach, tha slighe glè fhada romhainn fhathast agus is e a tha càs.

Chan eil cuimhne agam an turas mu dheireadh a chaidh staid a’ chànain a dheasbad aig co-labhairt poilitigeach sam bith anns na h-Alba. Tha cus ann an Westminster den bheachd nach eil dleastanas sam bith aca ris a’ chànan, agus cus ann an Holyrood den bheachd gun deach an cànan a shàbhaladh le Achd na Gàidhlig. Cha deach is cha tèid.

Tha na Gàidheil ann an suidheachadh neònach. Nan robh buaidh gus a bhith aig togalach ùr air àireamh na h-eòin anns an sgìre chan fhaigheadh e cead-dealbhachaidh, ach chan fheum gnìomhachas no goireasan ùr ann an sgìrean far a bheil Gàidhlig ga bruidhinn dad a dhèanamh gus dearbhadh nach bhiodh droch bhuaidh aig sin air cleachdadh a’ chànain. ’S dòcha gu robh Rìgh Suibhne glic gu leòr, shuas anns a’ chraobh aige.

Cia mheud Gàidheil a tha beò ann an Alba an latha an-diugh? Chan urrainn dhuinn a’ cheist sin a fhreagairt. ’S urrainn dhuinn ag ràdh cia mheud neach a thuirt anns a’ chunntas-sluaigh mu dheireadh gu robh comasan Gàidhlig aca ach chan eil dòigh againn a thuigsinn cia mheud neach a tha a’ creidsinn gur e Gàidheil a th’ annta. Chanadh cuid gur e Gàidheil a th’ annta às aonais comasan sam bith anns a’ chànan agus aig an dearbh àm, bidh cuid aig a bheil comasan air choireigin anns a’ Ghàidhlig nach eil gan aithneachadh fhèin mar Ghàidheil.

’S e puing chudromach a tha seo. Rè nan linntean, tha sinn air an fhacal ‘Gàidheil’ a chleachdadh mar dearbh-aithne. Ach a-nis, gu h-oifigeil, chan eil sealladh oirnn. Nan robh na h-àireamhan sin againn b’ urrainn dhuinn sealltainn cia mheud Gàidheil a th’ ann aig nach eil comasan sam bith anns a’ chànan aca. Tha còir aig cinnidh sam bith ris an cultar agus an cànan aca fhèin.

’S e deasbad eadar-dhealaichte a th’ anns a’ cheist: dè dìreach a th’ ann an Gàidheil? Ach cha chreid mi gu bheil duine den beachd nach eil Gàidheil ann idir. Mar sin, bhiodh e cuideachail fios a bhith againn cò iadsan a thuirt gur e Gàidheil a th’ annta. Bhiodh e sìmplidh bogsa eile a chur ris an ath chunntas-sluaigh ach feumaidh iarrtas a bhith ann air a shon. Ma tha sinn gus geamannan àireamhan a chluich, bhiodh e math nam bhiodh na h-àireamhan ceart againn anns a’ chiad dol a-mach.

’S e dìreach aon eisimpleir a tha sin, ach nam bheachd-sa bhiodh e math dhuinn an deasbad mu dhèidhinn na Gàidhlig a ghluasad air falbh bho sgoiltean, na meadhanan agus soidhnichean dà-chànanach a-mhàin. Tha gach cuspair sin cudromach ach tha an saoghal anns a bheil sinn beò fada nas fharsainge na an trì rudan sin.

Tha mi dòchasach fhathast ge-tà. A dh’aindeoin gach ana-cheartas a tha na Gàidheil air fulang shìos na linntean, tha sinn beò fhathast. Cha b’ urrainn dhomh iomradh a thoirt air gach iomairt is sgeama ùr is soirbheachail a tha air brosnachadh a thoirt dhomh a thaobh na Gàidhlig. Feumaidh gach duine againn an dòchas sin a ghlèidheadh. Tha feachdan cumhachdach ag obair nar n-aghaidh ach nuair nach eil an dòchas againn tha sinn a’ leigeil leotha buannachadh gun strì.

GLOSSARY:

Atharrachadh na gnàth-shìde – Climate Change

Cunntas-sluaigh – Census

Dearbh-aithne – Identity

Cead-dealbhachaidh – Planning Permission