Trump’s travel ban is the first step towards an even darker, more authoritarian goal, writes Calum McLeòid. By literally standing by his side, the UK’s Prime Minister has shown the world the subservient role the UK is happy to play, so long as there might be the chance of a trade deal. 

THA fios againn cò th’ ann an Trump agus dè an seòrsa duine a th’ ann. Chan eil e air atharrachadh na dhòigh air no na mhodh mar thoradh air a dhreuchd ùr; tha e air dreuchd a’ Chinn-suidhe atharrachadh gus am freagair i air fhèin. Agus a-nis tha Prìomhaire na Rìoghachd Aonaichte air dearbhadh gu bheil i deònach agus toilichte a chuideachadh.

Air Dihaoine thàinig e am follais gun robh Trump air ainm a chur ri òrdugh gus stad a chur air fògarraich agus in-imrich bho liosta de dhùthchannan tighinn a-steach dhan dùthaich, agus rinn e sgaradh eadar còraichean Mhuslamaich agus na còraichean a th’ aig daoine a bhuineas ri creideamhan eile. Thuirt e ri linn na h-iomairte aige gun robh e airson stad a chur air Muslamaich a’ tighinn chun nan Stàitean agus ’s e an liosta seo a chiad cheum a dh’ionnsaigh a’ chinn-uidhe sin.

B’ e Latha Cuimhneachaidh an Olocost a bh’ ann an Dihaoine cuideachd. Nuair a sgaoil an Taigh Geall teachdaireachd oifigeil gus an Latha Chuimhneachaidh a chomharrachadh cha tug iad iomradh sam bith air Iùdhaich. Chan b’ e co-thuiteamas a bh’ ann. Dìreach beagan uairean a thìde às dèidh dha Trump ainm a chur ris an òrdugh sin, chaidh mosg ann an Texas a chur na smàl. Chan b’ e co-thuiteamas a bh’ ann an sin nas motha.

Bha coltas ann nach bhiodh cead aig Mo Farah thilleadh chun nan Stàitean far a bheil e air a bhith a’ fuireach fad sia bliadhna a-nis. Thuirt Ball-Phàrlamaid airson Stratford-on-Avon, bho phàrtaidh May fhèin, Nadhim Zahawi air Twitter nach biodh cead aigesan a-nis siubhail dha na Stàitean. Tha Boris Johnson a-nis ag ràdh gum biodh cead aca, ach chì sinn. Mura thèid aig Oilimpeach is Ridir no Tòraidh a tha a’ riochdachadh tìr Shakespeare fhaighinn a-steach, dè an cothrom a bhiodh aig teaghlach a tha a’ teicheadh bho cheannairc is cogaidhean?

Bha cothrom aig May, cothrom cudromach agus dleastanas mòr oirre, chan ann a-mhàin dhan RA ach dhan t-saoghal deamocratach air fad. Bha cothrom aicese rabhadh a thoirt seachad, às leth na coimhearsnachd eadar-nàiseanta air fad, ag ràdh nach biodh sinne deònach leigeil leis a phoileasaidhean faisisteach a chur an gnìomh anns na Stàitean. Cha tuirt i smid.

Fad an latha Disathairne, dhiùlt Oifis a’ Phrìomhaire agus Oifis nan Dùthchannan Cèin facal ag ràdh mun bhuaidh a bhiodh aig a’ phoileasaidh seo air sìobhaltaich Bhreatannach. Mura robh fianais gu leòr ri lorg ann an eachdraidh Bhreatainn gus nàire a chur oiribh, chanainn gun do rinn May gu leòr anns na beagan làithean a dh’fhalbh.

Thuirt Justin Trudeau air Twitter, gu dà-chànanach, gun cuir Canada fàilte orrasan a tha a teicheadh bho chogadh agus gun e neart a tha ann an iomadachd. Nis, chan e ceannard foirfe a th’ ann an Trudeau Òg idir, ach tha e air eisimpleir a thoirt seachd air mar bu chòir dhut dèiligeadh le Trump agus sin a dhèanamh gu sgiobalta. Sin agaibh ceannardas làidir. Tha na Tòraidhean agus an luchd-taic an-còmhnaidh airson sealltainn cho làidir ’s a tha May, ach a-mach as an dithis seo cò chanadh tusa a bha bu làidire? An ceannard a sheas suas ri Trump no an ceannard a sheas ri a thaobh a’ guidhe airson deagh chùmhnant malairt.

Gu dè am feum a th’ anns na leasanan eachdraidh, is leasanan an Olocost gu sònraichte, mura h-eil sinn comasach aithneachadh nuair a tha an dearbh rud an impis tachairt a-rithist? Gach latha a ghlèidheas Trump cumhachd tha sinn a tighinn nas fhàisge air an latha nuair a dh’fhosglas e fhèin campaichean.

’S e faisisteach a th’ ann an Trump a tha a’ sealltainn cho furasta is a tha e a bhith na dheachdaire taobh a-staigh deamocrasaidh mar a th’ aca anns na Stàitean. Chan eil ann an May ach cealgaire cuideachail. Tha làn cead aca m’ ainm-sa a chur ris na liostaichean aca. B’ fheàrr leam a bhith fo amharas anns an leithid de shaoghal seach sàbhailte nam thost agus mo nàbaidhean ann an eagal am beatha.

Taobh a-staigh seachdain tha Trump air dearbhadh nach eil e gus leantainn air le TPP, agus bidh aca ri NAFTA a thilgeil air falbh ann an greis cuideachd. Tro Bhrexit Cruaidh, tha May airson an Rìoghachd Aonaichte a thionndaidh nan Eileanan Cayman ach às aonais na grèine.

Tha an saoghal an impis atharrachadh gu mòr ann an co-chothrom na cumhachd. Airson linntean ’s e dùthchannan Beurla, Ìmpireachd Bhreatainn agus an uair sin na Stàitean a bh’ anns na dùthchannan as cumhachdachaile agus a bha airson na cumhachd sin a sgaoileadh thairis na cruinne. Le Trump agus Brexit tha an coltas ann gun tig an linn sin gu crìoch, mu dheireadh thall. Thèid iarraidh air Alba taghadh dè an t-slighe tha sinn airson a ghabhail anns an àm ri teachd agus tha mi an dòchas gum bi freagairt eadar-dhealaichte againne.

GLOSSARY:

Latha Cuimhneachaidh an Olocost – Holocaust Memorial Day

Co-thuiteamas – Coincidence

Oilimpeach – Olympian

Ridir – Knight

Fo amharas – Under suspicion