FOLLOWING the announcement that billionaire Elon Musk will be joining one of President Elect Trump’s advisory councils, Calum MacLeòid looks at the inventor's plans to colonise Mars. Musk's ambitious plans pose a number of important political questions and challenges.

Tha billeanair a tha an dùil colonaidh a stèidheachadh air a’ phlanaid deirg air dreuchd ùr fhaighinn a’ toirt comhairle do Dhòmhnall Trump. Dh’fhoillsich Elon Musk, fear a choisinn a’ mhòr chuid den fhortain aige a’ cruthachadh na companaidhe PayPal, a phlana airson colonaidh a stèidheachadh air Màrs, a’ tòiseachadh ann an 2022. ’S e companaidh eile a th’ aige, Space X, a bhiodh os cionn na h-iomairte.

’S e companaidh car neònach a th’ ann an Space X agus tha e doirbh fhaicinn mar a dh’obraicheadh e às aonais fhortain pearsanta Musk. Ach chan e dìreach dòigh fhaoin airgead a chosg airson fhir aig a bheil fada cus dheth a th’ ann an Space X. Tha an companaidh seo air tòrr a dhèanamh gus comasan rocaidean adhartachadh agus teicneolas fanais ùr a leasachadh.

An-uiridh thug Musk ainmean air dà phìos teicneolais ùr a thog e bho ainmean luinge-fànais a nochd ann an nobhail The Player of Games a sgrìobh Iain M. Banks, pàirt de sreath nobhailean ficsean saidheans a tha stèidhichte ann an sìobhaltas mòr anns an àm ri teachd dhan b’ ainm The Culture. Chan eil mi cinnteach gum biodh Banks toilichte le seo ge-tà; mar a bhios fios aig duine a leughas na nobhailean sin, ’s e sìobhaltas àiteigin eadar anarcachas agus comannachas a th’ anns an Culture. Tha e doirbh smaointinn air dad a bhiodh nas eu-coltaich ri beachdan poilitigeach Banks na companaidh phriobhaideach a chruthaich billeanair.

Nuair a sheas Niall Armstrong air uachdar na gealaich b’ e bratach na Stàitean Aonaichte a chur e oirre. Mar sin bha e soilire cò bhuannaich an rèis fànais. ’S e samhla a bh’ ann. Tha mise airson daoine fhaicinn air Màrs anns an àm ri teachd. ’S e latha eachdraidheil a bhiodh ann agus ’s e samhla a bhiodh ann cuideachd.

Am biodh bratach aig Musk air Màrs no ’s dòcha bratach na companaidhe? ’S e ceist cudromach a tha seo oir nan robh an t-adhartas as cudromaiche agus as eachdraidheile ann an deicheadan air tachairt thoradh gnìomhachas prìobhaideach a-mhàin dhearbhadh sin gun robh gnìomhachasan nas cumhachdaiche agus nas èifeachdaiche an comas ri dùthchannan is stàitean.

Tha an t-uabhas cheistean eile aig Musk rim freagairt, cuid de cheistean a bhiodh aig iomairt sam bith a bha ag amas air colonaidh a thòiseachadh air Màrs, ach tha cuid eile ann a-mhàin air sgàth is gun e companaidh phrìobhaideach a tha os cionn na h-iomairte.

Am biodh an colonaidh aige mar pàirt de dhùthaich sam bith no am biodh i na dùthaich ùr? Dè na laghan a chleachdadh iad? Am biodh còraichean daonna air an glèidheadh agus an toireadh iad an aire dha Foirgheall nan NA air Còraichean a' Chinne-daonna? Chan eil fhios againn dè dìreach am buaidh a bhiodh aig ìrean àrd rèididheachd Màrs, air no ìrean ìseal iom-tharraing na planaide air daoine. Chan eil e soilleir mar a dh’ionnsaicheas sinn seo anns a’ bheagan tìde a tha Musk a moladh. Tha e furasta ùidh a bhrosnachadh ann an siubhail eadar planaidean agus tuigidh mi carson a bhiodh cuid de dhaoine airson ar planaid fhèin fhàgail ann an 2016. A-nis tha Trump air iarraidh air Musk comhairle a thoirt dha air cùisean mar seo, aig a’ cheart àm is a tha an Ceann-suidhe air gealltainn maoineachadh NASA a ghearradh. Thuirt Trump nach eil e airson ’s gun rannsaich NASA buaidh atharrachaidh na sìde air an Talamh.

Fad bhliadhnaichean, tha buidhnean àrainneachdail air a ràdh nach eil againn ach an aon saoghal, aon dachaigh agus ma mhilleas sinn i cha tèid againn air àite ùr a cheannachd dhuinn fhèin. ’S e teachdaireachd taitneach a th' ann oir tha e fìor agus sìmplidh a thuigsinn. Tha e doirbh toirt air Riaghaltasan tighinn còmhla gus aontachadh air na dòighean as fheàrr dhuinn seo a dhèanamh. Ach saoil dè cho doirbh is a bhiodh an leithid nan robh saoghal ùr eile againn, dhan b' urrainn dhuinn gluasad.

Anns an àm ri teachd tha Musk a’ moladh, agus gu leòr de charaidean ann an Silicon Valley, gum biodh cumhachd a bharrachd aig companaidhean phrìobhaideach an comas ri Riaghaltasan deamocratach. B’ urrainn dhuinn gluasad air feadh fànais, a’ milleadh planaid às dèidh phlanaid, agus a’ fàgail nan fheadhainn nach eil beartach gu leòr às ar dèidh air na planaidean sgriosta.

Tha ficsean saidheans làn rabhaidhean mu dhèidhinn saoghalan stèidhichte air sgaraidhean sòisealta agus eaconomaigeach, a’ tòiseachadh nuair a sgrìobh H.G. Wells The Time Machine ann an 1895. Nach truagh gu bheil sinn, uair agus a-rithist, ag adhartachadh ar comasan teicneolach gun a bhith a’ fàs mòran nas glice? B' fheàrr gum biodh muinntir Space X air beagan de fheallsanaich The Culture a thogail seach na h-ainmean èibhinn a-mhàin, oir ma tha sinn airson siubhail nan speuran feumaidh sinn stèidheachadh nas làidire agus nas cothromaiche na an siostam a th’ againn an-drasta.

GLOSSARY:
Billeanair – Billionaire 
Rèididheachd – Radiation
Iom-tharraing  – Gravity
Foirgheall nan NA air Còraichean a' Chinne-daonna – UN Declaration of Human Rights