This week, Calum MacLeòid looks at the housing crisis in the Highlands and what can be done to address the issue which poses an existential threat to these communities as well as the Gaelic language itself.

BHO àm gu àm nochdaidh post air na meadhanan sòisealta a tha cho iomchaidh is gu bheil e a’ toirt ort a bhith taingeil airson a leithid de theicneolas. A bharrachd air ‘like’ a thoirt dha agus ath-sgaoileadh, tha mi airson a chlò-bhualadh, agus seasamh aig mullach Sràid Bhochanain a’ sgaoileadh lethbhreacan dheth. Thachair sin beagan sheachdainean air ais nuair a leugh mi am post a sgrìobh an t-ailtire cliùiteach Alasdair Stephen mu thaigheadas air a’ Ghàidhealtachd agus anns na sgìrean dùthchail eile an Alba.

Sheall Mgr Stephen cho doirbh is cho daor is a tha e taigh a thogail anns an Eilean Sgitheanach, no àite sam bith air a’ Ghàidhealtachd anns an latha an-diugh an coimeas ri fiù ’s 20 bliadhna air ais. Leis gun do rinn e fhèin a leithid agus leis gu bheil e air obair anns a' ghnìomhachas sin bhon àm sin air adhart, ’s e eòlaiche a th' ann air a’ chuspair. Tha fianais aige gus a bheachdan agus a mhion-sgrùdadh a dhearbhadh mun droch shuidheachadh seo.

Aig cridhe a’ phuist tha e a’ sealltainn gum biodh neach feumach air mu £300,000 airson taigh a thogail air an eilean san dòigh a rinn e fhèin, airson £22,000, anns na 1990an. Tha e doirbh dhòmhsa na h-àireamhan seo a leughadh a tha a’ dearbhadh nach tèid agam, cha mhòr às aonais an crannchur a bhuannachadh, àite fhaighinn no a thogail dhomh fhìn air a’ Ghàidhealtachd.

Agus cha b’ e a-mhàin na sgrìobh Mgr Stephen a bha smaoineachail. Chaidh am post aige a sgaoileadh a-rithist agus a-rithist, faisg air seachd ceud tursan a-nis. A’ leughadh na chaidh a sgrìobhadh fon phost aige chì mi daoine mun aon aois rium fhèin ag aontachadh mu cho doirbh is a tha e. A bharrachd air sin, tha tòrr theachdaireachdan ann bho ghinealaichean nas sine a tha ag aontachadh cuideachd, daoine aig a bheil cuimhne gun robh e na b' fhasa dhaibhsan agus a tha deònach sin aideachadh.

Tha Mgr Stephen a-nis air alt a sgrìobhadh mu dheidhinn a’ chuspair le molaidhean agus tha e air soirbheachadh ann a bhith a’ tòiseachadh deasbad. Tha mi an dòchas gun do leugh ar BPA agus ar BP na tha e air sgrìobhadh oir tha dleastanas orra fada a bharrachd a dhèanamh gus an suidheachadh seo atharrachadh.

Cho fad ’s a mhaireas an suidheachadh seo, ’s ann nas miosa a dh’fhàsas cùisean — agus a dh’fhàsas na dh’fheumar dèanamh airson stad a chur air crìonadh sna coimhearsnachdan seo. Tha muinntir na Gàidhealtachd cho airidh air taighean agus coimhearsnachdan seasmhach is leantainneach ri duine sam bith eile anns an dùthaich. Aig a’ cheart àm, chan eil feum sam bith aig a’ Ghàidhealtachd air aon taigh-samhraidh a bharrachd.

Tha gainnead taigheadais air feadh na dùthcha an-dràsta agus nan robh freagairtean furasta ann cha bhiomaid anns an t-suidheachadh seo, ach tha feum ann barrachd a dhèanamh. Feumaidh gach ìre den riaghaltas obair còmhla, bho Westminster gu na Comhairlean Ionadail, gus seo a dhèanamh. Cha tèid aig Alba a bhith na dùthaich shoirbheachail, neo-eisimeileachd ann no às, gun choimhearsnachdan dùthchail a tha fallain agus maireann.

Cho fad ’s gun tèid ar cuid taighean a chleachdadh mar thùs airgid seach àite còmhnaidh bidh e doirbh seo a chàradh. Chan urrainn is cha bu chòir dhuinn sgaradh a dhèanamh eadar taigheadas agus ath-leasachadh an fhearainn. Tha Riaghaltas na h-Alba air toiseach tòiseachaidh a dhèanamh air seo ach feumaidh iad a bhith deònach a bhith nas radaigich. Tha deagh bheachdan aig cuid de na h-Uainich air na ceistean seo agus b’ urrainn do Riaghaltas na h-Alba obair còmhla riutha air seo, gu h-àraid leis nach eil mòr-chuid aig PNA. Cho fad 's nach eil dòigh againn air na h-oighreachdan mòra a bhriseadh suas air a’ Ghàidhealtachd bidh sinn a’ strì airson criomagan bho bhòrd làn bìdh.

Feumaidh ’s gu bheil e soilleir gum faigh a’ Ghàidhlig bàs cuideachd ma bhàsaicheas na coimhearsnachdan far an tèid a bruidhinn gu làitheil mar chànan na coimhearsnachd. Tha fios nach eil cus còmhraidh ri chluinntinn am measg nan tobhtaichean, nan croitean bàna no nan taighean-samhraidh.

Ann an 1930 co-dhùin muinntir eilean Hiort nach robh e comasach dhaibh tighinn beò anns an eilean agus air an 29mh den Lùnastal bhòrd iad bàta an Harebell agus dh’fhàg iad an t-eilean aca. Chaochail an Hiortach mu dheireadh na bu thràithe am-bliadhna. Ochdad ’s a sia bliadhna on uair sin, a dh’aindeoin ’s gach pìos teicneolais ùir a th' againn fhathast tha coimhearsnachdan dùthchail a’ crìonadh agus cuid dhiubh an impis bàsachadh mar Hiort.

Mura h-eil gach ìre den Riaghaltasan againn comasach is deònach obair còmhla gus an suidheachadh seo atharrachadh bhiodh e na b' fheàrr agus na bu chòire buileach dhaibh a leithid aideachadh nach eil. Chan fheum a’ Ghàidhealtachd air fad na thachair ri Hiort a leantainn ach às aonais taic is atharrachaidhean tha eagal orm gum bi sin an dàn dhi.

GLOSSARY:

Teicneolas – Technology

Ailtire – Architect

Taigheadas – Housing

Coimhearsnachdan - Communities

Hiort – St Kilda