OIDHCHE Haoine agus oidhche Shathairne, fo sgàil Chaisteil Shruighlea, chluich Runrig an dà chuirm-chiùil mu dheireadh aca, airson 25,000 luchd-leantainn gach oidhche. Agus cha b’ e sin ach an àireamh a b’ urrainn tiocaidean fhaighinn agus a bhith an làthair ann an Sruighlea airson an tachartais eachdraidheil.

Chan eil còmhlan sam bith ann an Alba air soirbheachadh mar a shoirbhich Runrig. Cò còmhlan Albannach eile a b’ urrainn stèideaman agus raointean a lìonadh, air feadh na Roinn Eòrpa agus nan dachaigh fhèin cuideachd, deicheadan on a nochd a’ chiad chlàr aca? Agus a’ tarraing luchd-leantainn bho gach ginealach? Bidh Springsteen ris a leithid, ach a bharrachd air Runrig cha bhi còmhlan Albannach sam bith eile.

Thar nam bliadhnaichean dh’atharraich fuaim, stoidhle agus ballrachd a’ chòmhlain. Nuair a ghabh Bruce Guthro àite seinneadair Donnie Rothach, cha b’ fhada gus an robh luchd-leantainn a’ chòmhlain cheart cho measail air an t-seinneadair ùr. Cha do dh’fheuch Bruce dìreach ri atharrais a dhèanamh air guth Donnie agus tha an Canèideanach a’ riochdachadh agus ag ath-nuadhachadh nan ceanglaichean sònraichte eadar Gàidheil an dà dhùthaich.

Tha Runrig cudromach airson adhbharan a bharrachd air a’ cheòl fhèin. Tha e doirbh a bhith a’ cur an cèill cho cudromach is a tha Runrig dha na Gàidheil agus na rinn iad dhan a’ Ghàidhlig.

Ghabh iad seann òrain bhon dualchas bheartach againn, agus chluich iad air an àrd-ùrlar le giotàr dealain agus sinteisearan. Aig an dearbh àm sgrìobh iad iomadh òran ùr a bhios na Gàidheil a’ gabhail a cheart cho tric ri fonn sam bith eile a tha na phàirt den dualchas againn. Rinn iad òrain ùra mu bheatha nan Gàidheal agus mu Alba air fad cuideachd. Agus sheinn iad mu ghaol, ann an gach seagh den fhacal ud.

Tha poilitigs aig cnag tòrr de na sgrìobh iad agus chan e a-mhàin nàiseantachas sìmplidh a chluinnear annta. Cheangail iad pròis mun dùthaich agus mu na daoine aca fhèin ri ceistean ceartais, thog iad ceistean fearainn agus na h-àrainneachd agus rinn iad càineadh air mar a bha, is mar a tha, poileasaidhean nua-libearalach a’ milleadh ar dùthaich agus ar cultar agus a’ fuadach nan gleann a-rithist.

Nuair a bha mi òg tha cuimhne agam an t-iongnadh a bha orm nuair a dh’ionnsaich mi gun deach cuid de na h-òrain a bha mi air ionnsachadh aig na Fèisean a sgrìobhadh le dithis bhràithrean a bha fhathast beò agus fhathast a’ dèanamh ceòl.

’S e tosgairean a bha annta cuideachd. Bha cuid ann an Alba gun cheanglaichean sam bith, no fios no ùidh fiù ’s, ann an cànain is cultar an sinnsearan agus thug Runrig an ceangal sin do chuid dhiubh. Cha do chuir e iongnadh orm idir a bhith a’ leughadh, mar a leugh mi iomadh uair an t-seachdain-sa, gum b’ ann tro cheòl Runrig a chuala iomadh neach an cànan airson a’ chiad uair, daoine a tha a-nis air Gàidhlig ionnsachadh gu fileantachd, agus tha a’ strì agus ag obair gach latha as leth a’ chànain.

Thug iad spionnadh dha na Gàidheil aig an robh a’ chànain bhon ghlùin cuideachd. Nuair a thòisich an còmhlan, cha chanainn-sa gun creideadh cus dhaoine gum biodh òrain Ghàidhlig a’ nochdadh anns na Clàraidhean Oifigeil. Bhiodh e na bu duilghe do chòmhlain Ghàidhlig, Mànran mar eisimpleir, a bhios gu tric a’ cluich thall thairis sin a dhèanamh as aonais eisimpleir Runrig.

Sheall Runrig do luchd-ciùil Ghàidhlig gun robh dòighean ann ceòl traidiseanta a chluich ann an dòighean ùr-nòsach. Chuir seo ri inbhe na cànan, agus thug mar a shoirbhich leotha brosnachadh do luchd-ciùil eile cuideachd.

An-diugh chan eil e annasach idir ceòl eileagtronaigeach, punc no hip-hop fiù ’s a chluinntinn ann an Gàidhlig. Le bhith a’ cleachdadh na cànan gus stoidhlichean ciùil eadar-dhealaichte a dhèanamh ’s ann a’ cur ri beartas ar cultair a tha iad uile. Agus b’ e Runrig a dhearbh agus a thaisbean gun rachadh a leithid a dhèanamh sa chiad dol a-mach.

Tha suidheachadh na Gàidhlig ann an Alba air atharrachadh gu mòr thar nan 45 bliadhna on a stèidhicheadh Runrig. Rinneadh iomadh adhartas cudromach ach tha i ann an staid chugallaich fhathast. Feumaidh sinn strì fhathast, agus gu bràth cuiridh mi geall.

’S cinnteach gum biodh a’ chànain air adhartas a dhèanamh as aonais Runrig ach bha dreuchd chudromach aca. Dìreach mar na seann bhàird a ghabhadh òran-molaidh no brosnachadh ro chath, thug Runrig brosnachadh dhuinn agus fiù ’s ged nach bi iad a’ clàradh ceòl ùr sam bith còmhla, tha iad air dìleab luachmhor fhàgail againn. Is nach math sin, oir bidh brosnachadh a dhìth oirnn fhathast.

Madainn Didòmhnaich, dhùisg sinn uile ann an saoghal as aonais Runrig. Ach Dihaoine nochd clàr sònraichte math bho Niteworks. Chan e a-mhàin cuirmean-ciùil air leth a thàinig gu crìoch oidhche Shathairne, ach caibideil ann an sgeul nan Gàidheal. Ach chan eil sinn air deireadh an leabhair a ruigsinn fhathast.

SUMMARY
It is hard to overstate the importance of Runrig, who played their final concert on Saturday, to Gaelic culture and to the Gaels. The situation of the Gaels and our language in Scotland has changed greatly over the last 45 years and we have made many important advances. Every step of the way, Runrig provided a soundtrack and inspiration. That will continue.

GLOSSARY
Cuirm-chiùilConcert

Stèideam – Stadium

Sinteisearan – Synthesisers