’SGANN gu bheil sinn air dad eile ach ball-coise fhaicinn air ar telebhiseanan airson còrr is mìos a-nis agus an sealladh a tha sin de dh’eaglais Naoimh Bhasil air cùl an luchd-aithris san stiùdio gar tàladh uile dhan Ruis. Bha mì-chinnt air mòran dhaoine mu bhith a’ leigeil leis an Ruis gnothaichean a stiùireadh aig Cupa na Cruinne ro thoiseach an Òg-mhios agus nuair a rinn FIFA an co-dhùnadh ann an 2010, bha fathannan de choirbteachd pailt. A bharrachd air sin, tha cùis an Novichok air aimhreit a thogail annainn mu na Ruiseanaich a-rithist. Ach saoil a bheil ar beachd orra air atharrachadh on a thòisich Cupa na Cruinne am bliadhna?

Tha sinne, neo co-dhiù riaghaltas Bhreatainn, buailteach air a bhith a’ coimhead air Ruiseanaich le sùil amharasach, ach mar as trice, ’s ann air sgàth cuid aig mullach an riaghaltais a tha sin, a leithid Putin agus a chuid ‘gasraidhean’. Air thoiseach air an fhèill-chluich, thug a’ mhòr chuid de dhùthchannan siarach comhairle seachad a thaobh laghan agus cleachdaidhean na Ruis, agus mar a b’ urrainn do luchd-taic ball-coise iad fhèin a chumail saor is sàbhailte fhad ’s a bha iad ann. Bha ‘FAN ID’ a dhìth air gach neach-tadhail mar bhìosa, agus dh’fheumadh an cead-siubhail agus am FAN ID a bhith orra fad an t-siubhail. Chan fhaodar dealbhan a thogail de thoglaichean armailteach, neo àitichean mar phuirt-adhair, is tha e coltach gum b’ urrainnear an cur an grèim nam biodh iad air an glacadh a’ dèanamh an leithid. Tha còirichean chinne-daonna cuideachd air am briseadh gu làitheil san dùthaich seo agus ged nach eil e mì-laghail a bhith gèidh san Ruis, tha casg air ‘Pride’ a mhaireas ceud bliadhna is chan eil e ceadaichte dàimhean gèidh a thaisbeanadh don òigridh.

Mar sin, chan eil e na iongnadh gu bheil amharas air a bhith air daoine ann an dùthchannan mar Shasainn, Èirinn agus na Stàitean Aonaichte mu bhith tadhal air an Ruis am bliadhna, leis cho teann ’s a tha cuid de na laghan aca, ’s cho cruaidh ’s a tha cuid dem peanasan. A rèir coltais, thadhail 170,000 luchd-turais Breatannach air an Ruis ann an 2016, ach bha dùil ri co-dhiù 10,000 de luchd-taic Shasainn air a’ mhìos-sa a mhàin, a bharrachd air luchd-turais àbhaisteach. Nis, cha chreid mi gun robh an t-uabhas de dh’Albannaich thall am bliadhna son a’ Chupa – bu mhòr am beud! Ach saoil dè ’s urrainn dhuinne ionnsachadh bhon dòigh san deach dèiligeadh ri daoine à dùthchannan eile le muinntir na Ruis fhèin?

A rèir na tha mi air fhaicinn, chuir na Ruiseanaich fàilte chrìdheil air luchd-turais a tha air a bhith a’ tadhal orra. Is e seo a’ chiad turas a chaidh Cupa na Cruinne a chumail san Roinn-Eòrpa an Ear a-riamh on a thòisich e ann an 1930, agus bha sluagh na Ruis air a ghleusadh airson fàilte chrìdheil a chur air. Tha mi air bhideothan fhaicinn bho dhaoine a leithid Ben Mundy, a thàinig far plèana gu taisbeanadh de luchd-fàilteachaidh a’ dannsa ’s ag èigheach: “Welcome to Volgograd!” Tha mi cuideachd air iomadach agallamh fhaicinn le Ruiseanaich òga a fhuair tòrr tlachd à bhith a’ coinneachadh ri daoine bho air feadh an t-saoghail, ag ionnsachadh bhuapa agus “a’ dèanamh charaidean ùra”, a rèir tè dhiubh. Dh’inns tè eile gur e ‘seo na bha a dhìth airson ùine mhòr’ anns an Ruis. Dh’inns cuideigin eile gun robh i an dòchas gum biodh cùisean ag atharrachadh bho seo a-mach agus gum biodh barrachd saorsa aig daoine a bhith cofhurtail nan dòighean agus nam beachdan fhèin. Bha coltas càirdeil, cridheil air na daoine seo, ’s iad a’ gabhail tlachd anns na bha an Cupa a’ dèanamh agus a’ toirt don dùthaich.

Chaidh grunnan luchd-taic ball-coise a chur an grèim san Ruis am bliadhna, ach tachraidh seo gach turas a thig Cupa na Cruinne timcheall, ge air bith càit’ an tèid a chumail. Thuirt Nina Nazarova, a bha ag aithris airson a’ BhBC, gun robh an Cupa air cothrom a thoirt don t-sluagh taobh eile den Ruis a thaisbeanadh do dhaoine à dùthchannan eile, agus gun e rud cudromach a bha sin aig an àm seo.

Chan eil mi idir ag ràdh gu bheil mi ag aontachadh le sian a thig a-mach à beul Putin agus an luchd-taic aige fhèin, ach tha mi a’ creidsinn nach eil a h-uile duine san Ruis airson a bhith fo smachd Phutin, a riaghaltas agus a riaghailtean.

Ged nach bu chòir dhuinn cus earbsa a chur ann an riaghaltas na Ruis, chan eil sin a’ ciallachadh gum bu chòir dhuinn muinntir na dùthcha uile a sheachnadh mar luchd-brathaidh is eucoraich – bu chòir dhuinn cothrom a thoirt dhaibh. Tha còrr is 140,000,000 neach a’ fuireach innte, ’s chan eil iad uile taiceil do Phutin agus a ghlòir-rèim.