EVERY woman deserves to be comfortable during her period, no matter what her financial situation, and the Scottish Government’s new scheme to provide free sanitary products to 20,000 women in Scotland is a great start in helping the poorest in our country.

DON mhòr-chuid de bhoireannaich, tha ‘an t-àm sin dhen mhìos’ na ùpraid a thaobh ar brodagan agus ar faireachdainnean. A bharrachd air sin, feumaidh sinn a bhith cinnteach gu bheil gu leòr de stuth-taic a-staigh againn gus nach bi sinn air ar maslachadh gu poblach. Ach cò ris a tha e coltach don fheadhainn aig nach eil airgead nam buidseat airson stupaidean neo searadairean-mìosail a cheannach? ’S ann mar seo a tha e do mhìltean de bhoireannaich ann an Alba an-dràsta aig nach eil teachd a-steach àrd gu leòr airson a leithid gach mìos.

Thàinig deasbad mun trioblaid a th’ aig boireannaich a tha beò ann am bochdainn gach mìos gu aire a’ mhòr-shluaigh san fhilm I, Daniel Blake a nochd sna taighean-dealbh ann an 2016. Tha sealladh ann far a bheil boireannach bochd a’ goid shearadairean, diòdorant agus ràsaran bho bhùth air sgàth ’s nach eil an t-airgead aice air an son. Ged a dh’fhaodar a ràdh gum b’ urrainn dhi tighinn beò as aonais ràsaran agus diòdorant, bhiodh cruaidh-fheum aice air na searadairean gach mìos. Thog sin ceistean agus co-fhaireachdainn ann an daoine nach robh riamh air a leithid fhuiling. Mhothaich iad, ge-tà, gur e trioblaid mhòr a bha seo agus gum feumadh iad aire dhaoine eile a tharraing don chùis.

Chaidh deasbad a thogail roimhe mun Chìs Stupaide a tha air fhàgail air a’ bhathar seo agus a tha air mòran connspaid adhbhrachadh. Thàinig Riaghaltas Bhreatainn don cho-dhùnadh nach b’ urrainn dhaibh cìs na b’ ìsle na 5% fhàgail air a leithid. Ri linn seo, gheall Tesco gum pàigheadh a’ chompanaidh na cìsean a bha seo don luchd-ceannach gus am biodh na stuthan riatanach seo beagan na bu shaoire dhaibh. Ach do na boireannaich as bochda san dùthaich, chan eil fhathast airgead gu leòr aca a phàigheas airson a leithid gach mìos.

Ach bhon Lùnastal 2018, bheir Riaghaltas na h-Alba seachad bathar den t-seòrsa seo do dh’fhichead mìle boireannach ann an Alba à teaghlaichean le teachd a-steach ìosal. Dh’fheuch iad air seo ann an Obar Dheathain an-uiridh, a’ toirt seachad a leithid an-asgaidh do mhìle boireannach agus abair gun robh e soirbheachail. Mar sin, tha Riaghaltas na h-Alba a’ gealltainn gun tachair seo air feadh na dùthcha, gus piseach a thoirt air ‘bochdainn fuil-mhìosail’, mar a their iad ris.

Bidh stuthan saor an-asgaidh rim faighinn anns na sgoiltean cuideachd agus tha iomadh oilthigh air tòiseachadh air an aon rud a dhèanamh sna h-aonaidhean (QMU aig Oilthigh Ghlaschu, mar eisimpeir). ’S e fìor dheagh adhartas a tha seo agus ’s e faochadh a th’ ann do bhoireannaich a tha ann an èiginn mu seo gach mìos. Canaidh cuid nach eil e cothromach nach bi boireannaich a tha math dheth a’ faighinn buannachd às a seo is gum bu chòir dhaibhsan pàigheadh. Ach, ’s e ceist mu chomas a tha seo nam bheachd: tha mi fhìn comasach air pàigheadh agus tha mi ro dheònach beagan a bharrachd a phàigheadh ann an cìsean gus boireannaich eile a chuideachadh.

Mholainnsa gum bu chòir don Riaghaltas cuideachd beachdachadh air cupannan-mìosail a thoirt seachad mar phàirt den sgeama – don fheadhainn a tha cofhurtail leotha co-dhiù. Cha b’ urrainn do na boireannaich a nì feum den sgeama seo na cupannan seo a cheannach, leis gu bheil iad rudeigin daor, ach san fhad-ùine, bhiodh iad na bu shaoire na càrn de phacaidean shearadairean. Dhèanadh seo feum cuideachd don àrainneachd bhon a thèid na cupannan a chleachdadh airson bliadhnaichean.

Tha e fìor gu bheil againn ri dèiligeadh ris na duilgheadsan a tha ag adhbhrachadh bochdainn dhe leithid sa chiad dol a-mach, ’s chan eil mi idir a’ feuchainn ri ràdh gun cuidich an sgeama seo a h-uile boireannach a tha a’ tighinn beò ann am bochdainn. Ach, ’s e deagh cheum a tha seo ann a bhith a’ toirt taic dhan fheadhainn as bochda san dùthaich. Gu mì-fhortanach, thuirt Roinn Foghlaim Shasainn nach biodh iad gar leantainn ann a bhith a’ toirt seachad stuthan an-asgaidh ann an sgoiltean agus ’s e cùis nàir a tha sin, nam bheachdsa. Ach, tha seo na dheagh eisimpleir do dhùthchannan eile cuideachadh a thoirt do bhoireannaich ann am bochdainn, gus an lorg sinn dòighean na trioblaidean a tha ag adhbhrachadh bochdainn a chur ceart.

Tha mi làn dòchais gun soirbhich le Riaghaltas na h-Alba ann a bhith a’ cur a’ sgeama seo an gnìomh air feadh na dùthcha. Cha bu chòir barrachd uallaich a bhith air boireannach sam bith aig an àm sin dhen mhìos air sgàth tuarastail no suidheachadh teaghlaich. Aig deireadh an latha, ’s e rud bunaiteach a th’ ann an searadair-mìosail, ’s gu dearbh chan e rud sòghail mar bhaga-làimhe no paidhir bhrògan bhrèagha.

GLOSSARY:
Searadair-mìosail: sanitary towel
Stupaid: tampon